An t-Ogha Mor/5

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
An t-Ogha Mor by Angus Robertson
Cuirtearachd
[ 65 ]

CUIRTEARACHD

An rud a nìtear ’sa’ chùil, thig e am freadharc uaireigin

—SEAN-FHACAL


Tha eachdraidh a’ canail gu’m b’e Alasdair Domhnullach, mac bràthar do Shir Alasdair Shléibhte, ’na latha, bh’anns an oifigeach òg a thainig an cois an iomraidh so. Ach bha Iain Pìobaire—’s cha robh e faoin air sloinneadh—dian de’n bheachd, gur h-e bh’ann Iain Ruairidh, no Fear-Scalpaidh. Tha bial-aithris co-dhiùbh, a’ roinn an teagaimh; is ged nach’eil e furasda creideamh linn is linn a thoirt a stéidheadh, bheir boisg an aobhair a leanas an fhianuis, nach robh eòlas Iain Phìobaire idir air seachran.

Air mo shon fhin deth, gabhaidh mi ri cunntas Iain, mar earras air ainm is tapadh an òg-Ghaidheil, a ghabh eadraigin a luchd-dùthcha os laimh. Is na’n robh fad-saoghail an dàn da, nach dòcha gu’m biodh iad ann de shìol an diugh, na dhleasadh ainm le uaill mar cheann-gin. Ach, mu’n d’thuirt Iain, cha’n’eil toil an dàin ri agairt.

Mur an robh an Suidhisneach fhein ann, no Niall Mac Lachlainn Bhàin—latha dha robh e— cha mhór, airson sin, a leigeadh a-leas dol an ceann-sgeòil ri Iain Pìobaire. Tha e nis air slighe-na-fìrinn; ach an t-alt anns an cuireadh e dol-a-mach an Ogha Mhóir air ghléus, cha ghabh e toirt le cainnt duine eile. Eadar [ 66 ]facal a’ bhàird—anns an robh e amasach; is gearradh seanachais—anns an robh brìgh is meomhair, thug e gu minig, linn nan Druidh ’nam aire. Oir bha blàth neart-bodhaig, is inntinn ri fhaicinn air. Agus aon nair ’s gu’n d’rachadh e air mhodh-sgeòil le cùram, thigeadh geasaibh ’na ghuth, a ghlacadh do bheò mar mhac nam feadan ann an comraich a’ chiùil.

A rithisd. Cha tigeadh ceòl ’na b’fheàrr ris na bhi briathrachas bho ghrunnad eachdraidh; ach gu sonruicht, mu eirbheart nam fineachan. Air a’ mhodh so—le comaradh na deadh chuimhne—bhiodh a theagasg air rath cho eagnaidh, ’s gu’n abradh cuid gu’m b’ann bho ionad nan taibhs a bhreithneachadh. Theagamh gu’n robh iadsan de’n fheadhainn nach faiceadh bòcan gus an cromadh a’ ghrian na mullaich.

Lean mi triall na baraile so le tuilleadh sùird, na’n tug ar sgial cead tarruing air.

Tòisicheam mar sin, far am b’àill le Iain fhein a spàl a chur air shiubhal. Is ma’s h-e ’s gu’n léugh thu na leanas, tuigeadh tu lium-sa, nach b’ann idir gun rogh’ an aobhair a chuir e dà cheann air a naigheachd. Aonaidh tu cuideachd, gu’ bheil e mar fhiachaibh orm a dhòigh-labhrach a leantainn ma thig dhomh ciorram mo dhuain a sheachnadh. Mar is minig a thuirt e fhein: ‘Theid an deadh thuathanach thairis air an as-bhuain mun cuir e sguab mu dheireadh ’s a’ mhulan.’

Leis an leisgial so air bhrath, bheir mi ionnsaidh—cearbach is g’am bidh e—air dé dh’ aobhraich càirdeas a’ Phrionnsa ris a’ Mhoraire Godo.

Ma’s math mo chuimhne, cha do ghobaich Iain [ 67 ]riamh ri ceann-seanachais gun foighneachd am b’ fhios domh ciod bu chiall do’n fhacal: ‘Mughaire!’ Is cho fad’s is fiosrach mi, cha toireadh e cothrom do neach ’sam bith a fhreagairt.

“Mughaire!” theireadh e fhein ’s a dhà shùil bhiorach a’ boisgeadh air dubhar an aineolais. “Mughaire, bhobaig. Sin agad-sa fear gun sgil, gun sgoil, gun Bheurla.—Mughaire! Gheibh thu gu leòr a’ fàs a-measg nan dubh-Ghall dhiubh.—Mughaire! Agus mo dhi-chuimhn’, c’àit’ an d’ fhàg mi ’n Sasunnach?”


II

B’ éibhinn am bodach, Iain Pìobaire.

Thug mi ’n aire gu’n robh am facal, ‘Sasunnach,’ cho buaireasach dha—’s bu shocair, còir an duine e—ri speach ann an cluas bo-dhàire. “Dìreach, a bhobaig!” dhi-moladh e cho cunabhalach ri pong nan sùrdag ann an Danns-a’-Chlaidheimh. “Dìreach, a bhobaig!” ars’ Iain. “Cha’n’eil anns an t-Sasunnach ach bial is brannag. Dìreach, car collach ri màl na pìob’ agam, na’n robh e seasamh air dà dhos, is e làn gaoithe. Cha b’ ann gun aobhar a thuirt an t-Abrach: ‘Cum a-mach an Sasunnach, is thoir a-stigh an cù.’ Tha fios gu bheil rud nach’eil cneasd annta. Mur a’ bheil, cha mhór air an t-saoghal a ghabhas an leisgial. Co-dhiùbh, cha mhisd iad an sgobadh ud, ged nach’eil e ach faoin taca ris na glamhaidhean mosach a thug iad fhein air càch. Nise, bhobaig! gabh beachd air na their mi; is cha chuir thu an droch fheum air. Bheirinn sgrìobhadh dhut a thug an t-Ogha Mór do dh’ fear ris an canadh [ 68 ]iad, Cuaigean, no Gilleasbuig nan Sasunnach. Chuala tu ma dhéigh? Bhiodh e cho tric aig Iain Og ’na sgialachdan ’s a bha Coire-Chuìbean, is Iain Gealtach aig Niall Mac Lachlainn Bhàin, mo charaid ann an Cul-achadh-na-beinne. Mu dhéighinn sgrìobhadh an Ogha Mhóir? Bheirinn dhut léubhadh deth cheana. Ach de mhi-shealbh a dh’éirich dha, ach gu’n deach’ a ghàmhrachadh le snithe-dubh. Tha na h-ann agam air mo theangaidh, co-dhiùbh. Airson sin, cha mhisde cuimhn’ a h-ùrachadh, mu’n d’ thuirt Mac an Aba ri tomhas a’ stòip. Bha mi dol thairis air obair an Ogha dhomh fhin, ’s do Mhoraig, dìreach air a’ cheart oidhche dh’ fhàg an làn-mór an cnòdan an tigh Aonghais Oig.”

“Oidhche na gaoithe-móire, chanamaid ris ann an Cul-a’-Ghàraidh,” thug mi’n oidhearp air a cheartachadh.

“Dìreach, a bhobaig! Oidhche na gaoithe-móire. Is ioma fear is tigh a chreanaich oirre cuideachd—agus mis’ air a h-aon diubh. Cha robh ach gu’n a dh’ fhàg i na cabair os mo chionn. Dìreach, a’ cheart oidhche. Dh’ fhalbh na h-acraichean de’n a’ fhraoch-[1]dìoblaidh. Tholl a’ stoirm fo’n tubhadh, gus an d’ràinig a’ froighnidh, mu dheireadh, air bun a’ mhaide-cheangail, far an robh sgrìobhadh an Ogha Mhóir an gleidheadh agam.”

Thuirt mi, mar leisgial, gu’m b’ fheàrr gu mór lium a mheomhair fhein a dhearbhadh, na éisdeachd ri òraid phàipeir. Is cha do mhi-chòrd sin idir ris. Oir tha mi de’n bheachd, na’n do ghabh mi dòigh-aire ’s am bith eile dha, nach tainig an diomhaireachd a leanas riamh ann an cead iomraidh.

[ 69 ]Bu ghiar an duine, Iain Pìobaire. Ach—ged nach’eil sin ’na thìnnsgeadal air-san—bheir e sannt-gàire ’n diugh orm, nuair a chuimhnicheas mi liughad car is tionndadh a bhiodh aige mun tugadh e ’sgial gu ceann-fìnid.

Bha cholunn air a barradh ri inntinn—foghainteach, easgaidh. Ach, mar a dh’éirich do’n t-saoghal, is iomadh diachainn a thainig ’nan rathad le chéile. Tha e nise de’n àireimh a tha gabhail an aisig ann am birlinn luchdach nam marbh; ’s cha toir mi tarruing an so air, ach mar a fhreagras e fhein ’s mo chuspair.

Is fhada bhios cuimhn’ agam air an lath’ ud a chuir mi seachad leis aig Tobar a’ Staing—latha geal, grianach, Samhraidh; am fitheach os ar cionn air bearradh, ’s e ’cur a-mach a theangann leis an teas.

Thainig iomadh latha math bho’n uair sin. Ach saoilidh mi, nuair a chrùbas m’inntinn air ais tre chlisneach obaig an t-saoghail, gu’n toir e sòlas do’n chridhe, lorg as ùr a thogail air ceum-seòdail na h-òige. Dh’ fhàs an anail goirid ’s an uchd aig cuid de’m eòlaich; is laidh an aois le searg na tathaich air tigh is teaghlaich do’m b’ aithne mo chéilidh bho’n latha sin.

Ach cha’n e sin a thog mo sgial, ged is iongantach na thig a-stigh air duine, nuair a théid a smuaint ’san ealtainn. Aig an àm chiadna, ghabhadh fear-dàimh mo leisgial. Oir có e a thainig fo gheasaibh nam bàrd, a dhealaicheadh soirbh ri guth nam beann; is ri suaicheantas nan laoch a bha astar an t-sléibh’ a’ foillseachadh? Cha’n’eil flùr ann an lios na cruinne, ris an tog Gaidheal inntinn, collach ri fraoch badanach, [ 70 ]gorm, a dhùthcha. Bheir e éuchd is eachdraidh ’na chuimhne. Ni e an còrr na sin da: gabhaidh e ri ùidh ann, mar fhianuis gu’ bheil duinealas a shinnsre a-ghnàth aige ri sheasamh.

“Sin agad, a bhobaig!” lean Iain, “c’arson a thig e dhut—ge b’e inbhe anns am bìth thu,—gu’n chliù do dhaoine leigeil gu bràth an éis. Mur a biodh am badan fraoich, cha do thachair na thug an t-Ogha Mór cunntas air. Nise. Thoir friodhan air do chlaisdeachd, is cluinnidh tu mar a thainig ’na bh’ann mu’n cuairt. Dh’innis mi cheana dhut mar a dh’amais mac Ruaraidh Tholmaich ti’n tarsuinn air a’ Phrionnsa ’s a’ mhoraire Shasunnach ann an lùchairt an dàrna Rìgh Seòras. Innsidh mi’n dràsda dhut iomradh an Ogha Mhóir air cridhe cho beag meachainn ’s a dh’éignich riamh lagh an t-Soisgeil. “Ach,” ’s e coimhead air fhiaradh orm, “na léubh thu cluichean Shaicspeir?”

Sheall mi dha gun mhaille, nach leigeadh e leas so fhoighneachd, le bhi cur na ceiste ris fhein, co-dhiùbh b’e an “Stoirm,” no “Hamlet” a b’fhaisge air aigne nan Céilteach?

“Cha do dhiùlt mi t’fhiosrachadh,” thuirt e; ’s e, mar gu’m b’eadh, a ’gearradh nam facal a saibhreachd a ghliocais. “Ach cha b’ann air a’ mhodh sin, a chuir mi cheist riut; ach a-chionn ’s gu’n a sgrìobh an t-Ogha Mór na b’aithne dha ann am feart seòl-cluiche. Mur do dh’ainmich mi chean’ e, bha esan ann an Lunnain còmhla ri Fear-Scalpaidh. ’S fheudar gur h-ann an uair sin a dh’ionnsaich e cleas-a’-phinn a chuir e air a’ phàipeir-seice do Chuaigean. Biodh sin ’s a chead [ 71 ]aige; cha’n’eil ann ach cuspair Sasunnach, co-dhiùbh; is ghabh e’n dòigh fhein da. Chuir e sios eachdraidh ann an dealbh-cluiche, ach le caomhnadh nam facal—mar so:”

Thog Iain a bhois cheàrr, is ruith e criochan le chorraig as leith-oir a’ chéile, cho eagnaidh, soilleir, briathrach, ’s nach robh dragh ’sam bith agam a leanalt.

A’ Chiad Fhosgladh

Am Prionnsa Frederic
Moraire Godo (Làn charaid dha’n Phrionnsa)
Dunoihdeas (Seirbheiseach ìnnleachdach; deadh fhear-ciùil; dannsair deas, le eòlas air fiosachd; is spéuradaireachd ’ga fhilleadh ’na lùib)

SEÒMAR NAN CUILBHEART

[An triùir mu bhòrd]

Am Prionnsa.—Dunoidheas; thuirt thu ’n ceartair gu’ bheil bràthair agad air mhuinntireas aig Smeleidh, an t-Apotacaraidh, Albannach? Tha mhaighstear a’ cur meas air eòlas; c’ ainm a th’ air?

Dunoihdeas.—Cuifein.

Am Prionnsa.—Brod an ainme. Nise, thuig mi bhuat gur h-aithne do Chuifein cungaidh a mheasgnadh nach cnàmh goile. A’ bheil thu ’gam leanalt?

Moraire Godo.—Seadh; an cungaidh sin a leighiseas dragh inntinn na’s momha na dragh bodhaig; ìocshlainnt airson easlainnt, far nach seas an leòn àite gearain do dhithisd.

Am Prionnsa.—Saoil thu, Godo, a’ bheil Dunoidheas [ 72 ]a’tuigsinn ciod i a’ cheàrna bho’m faigheamaid faochadh? Ma dh’fheitheas sinn gus an toir a’ Bhan-righ galair a bàis chum ar riarachaidh, fanaidh sinn gus am fàs an fheannag ’na buidheag-luachrach. Nise, ìnnleachdach is gu’ bheil Dunoidheas, tha e sgrùdadh nan speur airson rian an fhortain tha cheana fo làimh.

Dunoihdeas.—’S e dòigh ùr——

Godo.—Bithidh iad ag òl ann an Aqua Vitae; ach thoir dhomh-sa Acqua Tofana, no, ma thogras tu, Acqua di Perugia, a bheireadh leannan do dh’ fhear, is rìoghachd do dh’ fhear eile—le tapadh air an dàrna làimh, is seòltachd air an làimh eile.

Am Prionnsa..—Iadsan a bhios dàna ann an seirbheis am Prionnsa, tha’n duais air thoiseach orra. Gheibh iad seòl air bacadh a thilgeadh gu taobh—[Thainig stad an so air.]

Godo.—Mar léig thar uachdar tobar-iaruinn; ’sa dheanadh gniomh caraide gun cleòca ceisteir a bhi ’ga fhalach. Acqua Tofana; Acqua di Perugia—cungaidh a bheir misneachd do dh’ fear-casaid ’s e ’n éis.

Dunoihdeas.—Ciamar, saoil sibh, a théid agamsa air ’na tha ’san aire agaibh a thoirt gu buil?

Godo.—’S aithne dhut dannsadh ri ceòl fìdhle; ’s aithne dhut fiosachd a thoirt a uisg’ is gloineachan; ’s aithne dhut cion-fàth gach beatha,—iadsan a shireas t’fhoghlum—fhaotuinn ann an iùil nan reult; chi thu triall is tograidhean dhaoine ann an cuartagan ceò; bheir thu ìocshlainnt air easlainnt le tomhas cho cuimseach ’s nach cuir iadsan a dh’ earbas riut an ath fheum air do chomaradh leotha.

[ 73 ]Dunoihdeas.—Dé a b’ àill leibh mi a dheanamh? Is leis a’ Phrionnsa mo threòir is m’ eòlas, ma thig sin da bhuannachd. Ach tha mi duilich aideachadh gu’ bheil mi fhathasd aineolach air rùn ’ur seanachais.

Godo.—Labhraidh mis’ airson ar Prionnsa. ’S aithne dhomh fhin ’s dhut fhein, a’ ghoin, eucoireach, mhi-mhàthrail, tha aig a’ Bhan-righ do ’gin-mic. B’ fheàrr leatha cluinntinn m’a mharbh na bheò. Tha i ’n déigh an rìgh a thionndadh ’na aghaidh. Deanadh am Prionnsa mar a dh’ fhaodas e, cha’n fhaigh e bho mhàthair is athair, ach an taobh a’s miosa dhe ’n gné; ’s cha chleith iad a’ bheag air an t-saoghal dhe ’n gamhlas d’an gineil fhein.

Dunoihdeas.—Tha càradh is carachadh an t-saoghail air mheigh ann an uchd nam Prionnsa——

Godo.—Socair! Socair! Na liadaich cuspair air clàr gus an dearbh thu t-urras. Far am buail teanga le sgeilm ri càirean, togaidh ceann-maol fianuis. Saoil dé tha’n oidhche deanamh? Cuidichidh an dubhar le smuaint, mar is math is aithne do’n chomhachaig; ach, mar a’ chomachag, cha’n fhaic thusa do shàth ma ni thu feitheamh ’san t-solus. Ma’s math caolas mo chlaisdeachd, chuala mi Dunoidheas ag aidmheil mu eiridinn nach leighiseadh Nicolaus de Salermo leis na h-uile Antidotarium a bh’ aige, no Balchasaim ben Aberasaraim còmhla ris. Tha deadh chuimhn’ aige.

Dunoihdeas.—Mur a’ bheil an còrr aig’ a’ Phrionnsa ri earbs’ asam, theagamh gu’n tig e ri rùn ’ur comhairle, ma dh’ fhuasglas mi cudthrom nan dubh-fhacal ’na mo dhòigh fhin. [Exit Dunoidheas.] [ 74 ]Am Prionnsa..—Chuir sinn Dunoidheas air slighe chugalaich. Ma théid leis, théid leinne. Ach, Godo! saoil a’ bheil e ceart dhomh cothrom a ghabhail air meadhoinean cho duachnaidh?

Godo.—Cha’n abrainn gu’n a chuir, ach gu’ bheil Dunoidheas air slighe chugalaich. Ceart, an d’ thuirt thu? C’ àit’ an do dhealaich ceàrr ri ceart? Na ’n do dheasaich nàdar gnè a chinne-daoin’ a-chum ’s gu’m biodh do bhreithneachadh soirbh, ghabh feallsanachd iteag; cha robh feum air easbuig no sagart; cha robh falachd ’ga d’ bhuaireadh, no fiachadair abartach a’ toirt creideas a phrionns’ air urras. Cuimhnich dé cho easgaidh ’s a chuireadh an rìgh ’s a’ Bhan-righ clach-mhairbh aig do cheann, ’s a bheireadh iad beannachd an oighre dha do bhràthair,—an Diùc. Tha do chòir-sa anns an rìoghachd ionnan riutha fhein. Gidheadh, tha ti’n-a-stigh ìochdrain do sheòmair ann an seòl cho math riut.

Am Prionnsa..—Tha iad a’ toirt diachainn cheana dhomh. Dé cho mór ’s ann agad fhein tha brath. Ach tha mi bochd airson mac rìgh, eh? [Rinn e gàire searbh.] Cuiridh mi geall nach tomhais thu dé tha ’nam rùn a dheanamh?

Godo.—Dorran a chur air an rìgh a bheir niosgaid air a’ chridh’ aig a’ Bhan-righ.

Am Prionnsa..—Cha’n’eil thu idir thar do sgeòil. ’S aithne dhut gu ’bheil na Stiùbhartaich a’ deanamh uidhim airson a’ chrùin. Dé do bharail? Tha mi dol a thairgse mo chòir ann daibh airson ciad mìle punnd Sasunnach! Saoil a’ bheil mi ’g iarraidh cus? Tha [ 75 ]fear, Aonghas Domhnullach,—tasgadair ann am Parais, air an rathad chum an gnothuch a thoirt gu ceann. [Leum Godo air a bhuinn; ach smèid am Prionnsa gu àite suidh’ e.] Faigheam an t-ionmhas so, is gabhadh an donas, no Stiùbhartach an crùn air mo shon-sa. Oir ge b’e có air an tuit e, bithidh e cho duilich ri ’ghiùlain ri gloin’ air bàrr snàthaid.

Godo.—Chà’n ann an da-rìribh a thu; ’s cinnteach? Cha’n’ eil ann ach fear eile dhe do chleasan-eanachainn.

Am Prionnsa..—Ann an da-rìribh tha mi; is a-chum na h-ìre ’s gu’m feum thus’ an tosgaire ’choinneachadh mar gum biodh tu airson mo rùn a thoirt air féill. Rachadh do thurus gu math leat, is foghnaidh Hanobhar dhomh-sa ri mo latha; is, mar a thuirt mi cheana, cagnadh an donas gach Sasunnach, Albannach, is Eirionnach aca, cho luath ’s a ruigeas mo làmh air an sporan.

Godo.—Bu mhiann lium air do sgàth fhéin do dhiùltadh; ach a-chionn ’s gur h-e sin do roghainn, chi mi co-dhiùbh is fhiach an tairgse ’gabhail.

Am Prionnsa..—Tha mi ga do thuigsinn, Godo. Thar-leat nach dealaich càch ri ’n cuid gun an tuilleadh barantais na facal a’ Phrionnsa Frederic. Eh?

Godo.—Gu h-àraid nuair a bhios an comas aig’ air àicheadh, mur a toir Parlumaid cluas da. Gasda! Gasda! Ach na smaointich thu riamh gur h-e an t-Albannach teuma aig a’ bheil an gnothuch ’na làimh. Aonghas Domhnullach, an e thuirt thu? Cuimhnich gur h-e Gaidheal le teagasg Frangach a h-ann. Mar as minig a chanadh Diùc Earraghaidheal—’s cha’n’ eil [ 76 ]an dìth teagaisg air—cha’n’ eil car anns an t-sionnach gun fios do’n t-sealgair. Ciamar a ruigeas mi ’n saobhaidh; is c’uin?

Am Prionnsa.—Tha pìobair’ aig Diùc Earraghaidheal ris an canair Eoghan Fada. Taghlaidh esan ort cia luath ’s a ruigeas an teachdaire Stiùbhartach am baile. Bheir e thu a dh’ionnsaidh bùtha bhig ghunnaichean tha air a’ cumail le fear dùthcha da ann an sràid chumhann, chaol, tha ruith dhe’n a’ Mhal. Mac Fhraing, no Mac Suain, no Mac Dhomhnuill Scotaich is ainm dha—cha’n’eil cuimhn’ agam có e; oir faodaidh e bhi na mhac Ifrinn, an rud a tha e—airson sin deth. Am faca tu a ghealag mu dheireadh a dh’iasgaich mi?

Godo.—Nighean an Dotair Mhic Uaraig?—Chunnaic. Ach ’s e chanainn-sa, easgann rithe; oir tha i cheart cho soirbh——

Am Prionnsa.—Mur a biodh salann air do bhois. Na faighinn a h-athair as an rathad, b’ fhiach i buachaileachd. [B’ fhiach is mionnan eithich, rùnaich Godo.] Cha’n’eil i soirbh a bristeadh.

Godo.—C’àite ’n d’ fhàg thu mo Laidi Anna Hamalton?

Am Prionnsa.—Cho fad thar m’ inntinn ’s nach léir dhomh i leis a’ bhuaile tha timchioll air nighean an dotair. Cha do shanntaich mi riamh meas a bha coimhead a-leith cho abaich rithe. Bheirinn mo chuid dhe’n rìoghachd airson mealadh deòin a leannaineachd.

Godo.—Nach lag an duine ’na neart. Cha dean togradh nan òigh eadar-dhealachadh air cridhe rìgh seach an t-ìochdran. Cha toir feart no feachd sonas [ 77 ]air sùgradh. An rud is miann leis an t-sùil, bheir e fear-iomairt an eisimeil. Is nighean an Albannaich i. Tha h-oilean mar a dlighe,—fo smachd teagaisg ionraic. Ma théid i ri gnàth a cinnidh, cha toir, eadhon mac an rìgh aomadh oirre. Cha’n’eil fios ciamar tha dol do Dhunoidheas?

Am Prionnsa.—Theirigeadh Dunoidheas le sruth nan deamhnan; cha’n ann air a tha m’ aire. Saoil thu nach téid againn air a’ toirt gu taobh? Ma théid agad air mo riarachadh ’san rathad so, ’s e do rogha, inbhe mo chomais.

Godo.—Cha bhi sin mór ma shlugas na’ Stiùbhartaich am biathadh. Tha e agam! Ma théid gu math le Dunoidheas, gheibh thu buaidh air do bhòdhaig a dh’ fhàgas i gun dol-as aice. Nach sona do thogradh! Ged is rogha mar phrionns’ thu, cha mheal thu do rath gun m’ fharmad.

Am Prionnsa.—Dé tha ti’n riut a-nise, Godo? ’S fheudar nach miann leat do bhogha tharruing air sealg a chaidh a lorg as t’aonais.

Godo.—Cha téid nàdar thar a ghnè, cia air bith an suidheachadh anns an cuirear an cridhe thuige.

Am Prionnsa.—Cha’n’eil mi ann an sunnd feallsanachd. Toill mo bheannachd; dean mar bu mhiann le prionnsa bho charaid; is thig gach cùis do-réir. Faigh leisgial air choireigin a bheir a dh’ ionnsaidh a tigh’ thu; is a dh’ fhàgas an dorus fosgailte dhomh-sa. [Exeunt.]

[ 78 ]

Tigh a' Mhoraire Godo

[Cuirm fo h-uidheam]

An Darna Righ Seoras
A’ Bhan-Righ
Moraire Godo (is còmhlan de dh’ uaislean ’sa’ mnathan)
Moraire Bolaingbroc
Morair’ Ile
Fraulain Sgliurach (Bana Ghermeilteach, is ban-òglach an rìgh)
Diuc Earraghaidheal,
Dunoidheas (Fìdhlear a’ Phrionnsa ann an culaidh-eithich)

An Righ.— Có e am fear so, Uileam Pit, a tha Bolaingbroc is Diùc an Ur-Chaisteil a’ tarruing ’nam sgòid? Bheir e chasan bho Ualpol air a’ cheann thall. Tha’n òig air fhathasd; ach tha meomhair is teanga aige bheir iompachadh air fad na rìoghachd.

Diuc An Ur-Chaisteil.—Cha mhisde Ualpol idir am beagan tillidh. Tha e fada gu leòr ’na rìgh.

A’ Bhan-Righ.—Na’n do labhair an Diùc bho threibhdhireachd cridhe, thigeadh e dhuinn géill a thoirt da cheasad. Cha’n’eil Ualpol dheth na h-ainglean; ach ’s ro-iomchuidh an t-olc tha fuaighte ris ann an seirbheis a dhùthcha, na’m bial-briagha thig bho fheinealachd is inntinn mheata. Ged nach deanadh e de ghean-math ach seasamh eadar cuilbheartan a’ Phrionnsa, agus an rìgh ’s a’ Pharlumaid, dhearbh e sàr a ghliocais.

Bolaingbroc.—Cha tig e dhomh-sa cur an aghaidh beachd na Ban-righ, a tha’n còmhnuidh baranta. [ 79 ]Ach tha àm is aimsir anns am bidh e mar fhiachaibh air luchd ghleidhidh a’ chrùin, fianuis a thoirt air an dleasanas. ’S math a dh’ fhaoidhte gu’ mi-chòrd mo chasaid ri ’cluasan; oir cha’n ann a ’tagairt duais no gean-gnùis’ a tha mi. Nise, tha Spàin a’ deanamh gearachas-làidir air marsantachd chéin ar dùthcha, dhùisg corruich is tàmailt neo-obann air fad ’s air liad na rìoghachd. Gidheadh, cha’n aidich Ualpol gu’ bheil dolaidh ’sam bith ’nar gearain. Tha’n sluagh ag iollach airson éirig an còrach ’san ceartais. Gidheadh, tha Ualpol balbh d’ an guidhe, ’s a’ cur togradh an tòrachd gu’ dùbhlan. Bhiodh e chum math na dùthcha, na’n do dh’ earb an rìgh beagan de chùram a riaghlaidh, ri cuid a thoill e cho math ri Ualpol; oir tha e cho aineolach air eachdraidh is litreachas ’s a bha’m buachaile-mhuc a bh’aig a sheanair.

A’ Bhan-Righ.—Cha mhór nach toireadh Bolaingbroc a chreidsinn oirnn gu’ bheil sinn uile ann am breisleich as aonais an eòlas-litreachais tha aige fhein. Gheibh mi dèidlidh is leine bheag do Shir Raibeart Ualpol; is cuiridh mi do’n sgoil aig a’ Mhoraire Bolaingbroc e. Ach ’s mairg a chuireadh sionnach a bhuachaileachd nan cearc.

Diuc Earraghaidheal.—Shaoilinn gu’m biodh e na b’fhaide as an rathad, cearcan a chur a bhuachaileachd an t-sionnaich. Tha mi le Bolaingbroc. Ma thuigeas mise faileas-inntinn de spiorad na dùthcha, cha’n e laidhe sìos fo chreachadh-cuain nan Spàineach is obaig dha, Ma sheasas Ualpol taobh na Spàine——

Fraulain Sgliurach.—Ze Herr Valpool vis block [ 80 ]headed; zi King, mein Lord must cut it owf mit a clopper.

A’ Bhan-Righ.—Nuair a bhios uaislean a’bruidheann ’s e t’àite-sa, tigh nam muc, no fo’n a’ bhòrd.

[Thog a Bhan-righ gloin’ fhìona is shad i an aodann na Fraulain e. Dh’éirich an comunn, is rinn gach aon air a dhachadh. Sheas a’ Moraire Godo gu taobh; is thug e griobag as an Fhraulain Sgliùrach ’s an dol-seachad. Rinn ise maille gus an deachaidh càch air shiubhal.]


∗             ∗

Dh’aidich Iain Pìobair’ aig an uidhe so—’s cha b’è an t-annas—gu’n robh e air tiacadh leis a’ phathadh. Cha robh mise ’na chaochladh; ged is neònach an gearan e, ’san tobar ri’m laimh. Bha, agus mo leisgial. Oir bha briathrachas Iain ann an cruth cho drùighteach lium, ’s a chur a-mach cho beurra, siùbhlach, ’s nach d’ fhuair mi abadh no aobhar ach rian a threòir a leanalt.

“Cha mhisde ribheid a’ fliuchadh, a bhobaig!” thuirt e ’s e cromadh a chinn ri casadh an fhuarain.

An déigh da fheumalachd òl, chuir e boiseag no dhà air clàr aodainn. Lasaich e sin an crios-leathrach mu mheadhoin—b’ ann ainneamh a chleachd e galais; shocraich e ’n fhiarag mu cheann; is air eagal gu’m buaileadh a’ ghrian air, sgrog e bonaid de shnàth glas, a bha coimhead cho leathann ri guite, na bu tinne air a chlaigionn.

  1. a’ cumail a’ bhoinne dhe’n bhalla