Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/94

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
76
AN T-OGHA MOR

an dìth teagaisg air—cha’n’ eil car anns an t-sionnach gun fios do’n t-sealgair. Ciamar a ruigeas mi ’n saobhaidh; is c’uin?

Am Prionnsa.—Tha pìobair’ aig Diùc Earraghaidheal ris an canair Eoghan Fada. Taghlaidh esan ort cia luath ’s a ruigeas an teachdaire Stiùbhartach am baile. Bheir e thu a dh’ionnsaidh bùtha bhig ghunnaichean tha air a’ cumail le fear dùthcha da ann an sràid chumhann, chaol, tha ruith dhe’n a’ Mhal. Mac Fhraing, no Mac Suain, no Mac Dhomhnuill Scotaich is ainm dha—cha’n’eil cuimhn’ agam có e; oir faodaidh e bhi na mhac Ifrinn, an rud a tha e—airson sin deth. Am faca tu a ghealag mu dheireadh a dh’iasgaich mi?

Godo.—Nighean an Dotair Mhic Uaraig?—Chunnaic. Ach ’s e chanainn-sa, easgann rithe; oir tha i cheart cho soirbh——

Am Prionnsa.—Mur a biodh salann air do bhois. Na faighinn a h-athair as an rathad, b’ fhiach i buachaileachd. [B’ fhiach is mionnan eithich, rùnaich Godo.] Cha’n’eil i soirbh a bristeadh.

Godo.—C’àite ’n d’ fhàg thu mo Laidi Anna Hamalton?

Am Prionnsa.—Cho fad thar m’ inntinn ’s nach léir dhomh i leis a’ bhuaile tha timchioll air nighean an dotair. Cha do shanntaich mi riamh meas a bha coimhead a-leith cho abaich rithe. Bheirinn mo chuid dhe’n rìoghachd airson mealadh deòin a leannaineachd.

Godo.—Nach lag an duine ’na neart. Cha dean togradh nan òigh eadar-dhealachadh air cridhe rìgh seach an t-ìochdran. Cha toir feart no feachd sonas