Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/93

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
75
CUIRTEARACHD

fear, Aonghas Domhnullach,—tasgadair ann am Parais, air an rathad chum an gnothuch a thoirt gu ceann. [Leum Godo air a bhuinn; ach smèid am Prionnsa gu àite suidh’ e.] Faigheam an t-ionmhas so, is gabhadh an donas, no Stiùbhartach an crùn air mo shon-sa. Oir ge b’e có air an tuit e, bithidh e cho duilich ri ’ghiùlain ri gloin’ air bàrr snàthaid.

Godo.—Chà’n ann an da-rìribh a thu; ’s cinnteach? Cha’n’ eil ann ach fear eile dhe do chleasan-eanachainn.

Am Prionnsa..—Ann an da-rìribh tha mi; is a-chum na h-ìre ’s gu’m feum thus’ an tosgaire ’choinneachadh mar gum biodh tu airson mo rùn a thoirt air féill. Rachadh do thurus gu math leat, is foghnaidh Hanobhar dhomh-sa ri mo latha; is, mar a thuirt mi cheana, cagnadh an donas gach Sasunnach, Albannach, is Eirionnach aca, cho luath ’s a ruigeas mo làmh air an sporan.

Godo.—Bu mhiann lium air do sgàth fhéin do dhiùltadh; ach a-chionn ’s gur h-e sin do roghainn, chi mi co-dhiùbh is fhiach an tairgse ’gabhail.

Am Prionnsa..—Tha mi ga do thuigsinn, Godo. Thar-leat nach dealaich càch ri ’n cuid gun an tuilleadh barantais na facal a’ Phrionnsa Frederic. Eh?

Godo.—Gu h-àraid nuair a bhios an comas aig’ air àicheadh, mur a toir Parlumaid cluas da. Gasda! Gasda! Ach na smaointich thu riamh gur h-e an t-Albannach teuma aig a’ bheil an gnothuch ’na làimh. Aonghas Domhnullach, an e thuirt thu? Cuimhnich gur h-e Gaidheal le teagasg Frangach a h-ann. Mar as minig a chanadh Diùc Earraghaidheal—’s cha’n’ eil