Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/92

From Wikisource
This page has been proofread.
74
AN T-OGHA MOR

Am Prionnsa..—Chuir sinn Dunoidheas air slighe chugalaich. Ma théid leis, théid leinne. Ach, Godo! saoil a’ bheil e ceart dhomh cothrom a ghabhail air meadhoinean cho duachnaidh?

Godo.—Cha’n abrainn gu’n a chuir, ach gu’ bheil Dunoidheas air slighe chugalaich. Ceart, an d’ thuirt thu? C’ àit’ an do dhealaich ceàrr ri ceart? Na ’n do dheasaich nàdar gnè a chinne-daoin’ a-chum ’s gu’m biodh do bhreithneachadh soirbh, ghabh feallsanachd iteag; cha robh feum air easbuig no sagart; cha robh falachd ’ga d’ bhuaireadh, no fiachadair abartach a’ toirt creideas a phrionns’ air urras. Cuimhnich dé cho easgaidh ’s a chuireadh an rìgh ’s a’ Bhan-righ clach-mhairbh aig do cheann, ’s a bheireadh iad beannachd an oighre dha do bhràthair,—an Diùc. Tha do chòir-sa anns an rìoghachd ionnan riutha fhein. Gidheadh, tha ti’n-a-stigh ìochdrain do sheòmair ann an seòl cho math riut.

Am Prionnsa..—Tha iad a’ toirt diachainn cheana dhomh. Dé cho mór ’s ann agad fhein tha brath. Ach tha mi bochd airson mac rìgh, eh? [Rinn e gàire searbh.] Cuiridh mi geall nach tomhais thu dé tha ’nam rùn a dheanamh?

Godo.—Dorran a chur air an rìgh a bheir niosgaid air a’ chridh’ aig a’ Bhan-righ.

Am Prionnsa..—Cha’n’eil thu idir thar do sgeòil. ’S aithne dhut gu ’bheil na Stiùbhartaich a’ deanamh uidhim airson a’ chrùin. Dé do bharail? Tha mi dol a thairgse mo chòir ann daibh airson ciad mìle punnd Sasunnach! Saoil a’ bheil mi ’g iarraidh cus? Tha