Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/91

From Wikisource
This page has been proofread.
73
CUIRTEARACHD

Dunoihdeas.—Dé a b’ àill leibh mi a dheanamh? Is leis a’ Phrionnsa mo threòir is m’ eòlas, ma thig sin da bhuannachd. Ach tha mi duilich aideachadh gu’ bheil mi fhathasd aineolach air rùn ’ur seanachais.

Godo.—Labhraidh mis’ airson ar Prionnsa. ’S aithne dhomh fhin ’s dhut fhein, a’ ghoin, eucoireach, mhi-mhàthrail, tha aig a’ Bhan-righ do ’gin-mic. B’ fheàrr leatha cluinntinn m’a mharbh na bheò. Tha i ’n déigh an rìgh a thionndadh ’na aghaidh. Deanadh am Prionnsa mar a dh’ fhaodas e, cha’n fhaigh e bho mhàthair is athair, ach an taobh a’s miosa dhe ’n gné; ’s cha chleith iad a’ bheag air an t-saoghal dhe ’n gamhlas d’an gineil fhein.

Dunoihdeas.—Tha càradh is carachadh an t-saoghail air mheigh ann an uchd nam Prionnsa——

Godo.—Socair! Socair! Na liadaich cuspair air clàr gus an dearbh thu t-urras. Far am buail teanga le sgeilm ri càirean, togaidh ceann-maol fianuis. Saoil dé tha’n oidhche deanamh? Cuidichidh an dubhar le smuaint, mar is math is aithne do’n chomhachaig; ach, mar a’ chomachag, cha’n fhaic thusa do shàth ma ni thu feitheamh ’san t-solus. Ma’s math caolas mo chlaisdeachd, chuala mi Dunoidheas ag aidmheil mu eiridinn nach leighiseadh Nicolaus de Salermo leis na h-uile Antidotarium a bh’ aige, no Balchasaim ben Aberasaraim còmhla ris. Tha deadh chuimhn’ aige.

Dunoihdeas.—Mur a’ bheil an còrr aig’ a’ Phrionnsa ri earbs’ asam, theagamh gu’n tig e ri rùn ’ur comhairle, ma dh’ fhuasglas mi cudthrom nan dubh-fhacal ’na mo dhòigh fhin. [Exit Dunoidheas.]