Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/95

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
77
CUIRTEARACHD

air sùgradh. An rud is miann leis an t-sùil, bheir e fear-iomairt an eisimeil. Is nighean an Albannaich i. Tha h-oilean mar a dlighe,—fo smachd teagaisg ionraic. Ma théid i ri gnàth a cinnidh, cha toir, eadhon mac an rìgh aomadh oirre. Cha’n’eil fios ciamar tha dol do Dhunoidheas?

Am Prionnsa.—Theirigeadh Dunoidheas le sruth nan deamhnan; cha’n ann air a tha m’ aire. Saoil thu nach téid againn air a’ toirt gu taobh? Ma théid agad air mo riarachadh ’san rathad so, ’s e do rogha, inbhe mo chomais.

Godo.—Cha bhi sin mór ma shlugas na’ Stiùbhartaich am biathadh. Tha e agam! Ma théid gu math le Dunoidheas, gheibh thu buaidh air do bhòdhaig a dh’ fhàgas i gun dol-as aice. Nach sona do thogradh! Ged is rogha mar phrionns’ thu, cha mheal thu do rath gun m’ fharmad.

Am Prionnsa.—Dé tha ti’n riut a-nise, Godo? ’S fheudar nach miann leat do bhogha tharruing air sealg a chaidh a lorg as t’aonais.

Godo.—Cha téid nàdar thar a ghnè, cia air bith an suidheachadh anns an cuirear an cridhe thuige.

Am Prionnsa.—Cha’n’eil mi ann an sunnd feallsanachd. Toill mo bheannachd; dean mar bu mhiann le prionnsa bho charaid; is thig gach cùis do-réir. Faigh leisgial air choireigin a bheir a dh’ ionnsaidh a tigh’ thu; is a dh’ fhàgas an dorus fosgailte dhomh-sa. [Exeunt.]