Jump to content

An t-Ogha Mor/4

From Wikisource
173418An t-Ogha Mor — Rioba nam BanAngus Robertson
[ 47 ]

RIOBA NAM BAN

An rud a bhios sàmhach, cha chluinn an luchag e

—SEAN-FHACAL


B’e Mairearad Nic Uaraig a b’ainm dhith. Bu nighean i do’n Lighiche Mhór Mac Uaraig, a bha ainmeil, fad is farsuinn, airson gnàth nan comasan e chuir e an géill ann am foghlum a dhriachd. Bha chòmhnuidh an Dun-éidionn gus an d’ràinig aithris a chliù a dh’ionnsaidh an dàrna Righ Seòras. Is cha b’fhada ’na dhéigh sin, gus an d’fhuair e [1]fiathachadh-rìoghail a chuir imrich do Lunnain air lorg dha.

Bha urram ’ga fheitheamh; ’agus, mar an ciadna, deadh mheas an rìgh fhein. Ach cha do shoirbhich a shonas mar a bheartas. Oir chaill e a bhean an taobh-a-stigh de thrì ràithean an déigh ruigheachd. Thug an call tilleadh nach bu bheag air inntinn. Is cha mhór nach d’fhàs e suarach mu dhol-a-mach an t-saoghail air fad.

Dh’fhàgadh, mar sin, cùram a thighe air Mairearad an t-aon duine teaghlaich a bh’aige. Fhuair ise meomhair neo-chumanta; agus cha do chleith a h-athair aon seòl air modh is foghlum a chur an deadh bhuil dhith. Ghabh i ceann air ionnsachadh ’na h-òige, ged nach robh sin ach leith-oireach ri ’linn. Airson a cruth-pearsa bha e—mar a dh’aithris an t-Ogha Mór le aobhar—àluinn! Leigidh mi leis an aon fhacal so—ionnas gur [ 48 ]Gàidhlig a h-ann—brìgh nam buadhan eile thoirt ’na lùib.

Bha dà sheadh anns an robh i ainmeil: géurchuis agus mealladh gnùise. Shònraich so a-mach i, air dhòigh a rinn a h-ainm, feirmeil a-measg àrd fhlaithean na tìre. Cha bhiodh cuirm-chùirt gun chuireadh da h-athair; is ged nach do thuig e an t-aobhar, bha e fhein ’s a nighean aig bòrd-mór is àrd onair na bu trice na b’àill leis. Ach ’s ann ainneamh a chìtear fhalbh no thighinn gun Og Uasal a’ Chrùinn—Prionnsa na h-Othailt—a bhi mu làimh, ’s e cur fàilte is furain orra; gu h-àraid air Mairearaid. Oir rinn a bòichead greim-buairidh neo-chuimseach air. Is cha do leig e fois, no tàmh dha inntinn gus an d’fhuair e leisgial céilidh air tigh a h-athar.

Thainig cothrom mar a mhiann ’na rathad air seòl nach do shaoil e; agus mar so. Bha e nis’ an gob gach eòin, gu’n robh da-rìribh nan Stiùbhartach air ti’n gu toiseach aimhreit. Cha chluinnte gaoth ri cluais, ach mu thional nam fineachan a-measg bheanntairean Alba.

Air feasgar sònruicht, mun do ghabh Parlumaid suim nan cunnartan gu reusan, ràinig teachdaire-cabhaig tigh an Lighiche Mhóir—mu’n d’thuirt iad—le fios gu’m biodh Prionnsa na h-Othailt a’ taghal air bho oidhche. Ach cha b’ann le toileachas-inntinn a smaointich an lighich air a’ chùis. Oir dh’fhoghlum e bho èolas, is eachdraidh, nach robh ach dà aimsir—fàs, agus seargadh—anns an amharc aig rìghrean. Agus ged a tha’n gnùis suilbhire gu leòr fhad ’sa thig gnè seirbheis an ìochdrain ri’n togairt, b’e am fìor-fhaiceall, thar-leis, a bhi cadal saor bho’n eisimeil.

[ 49 ]’Se sin, co-dhiùbh, bu bheachd-an-uachdar do’n Lighiche Mac Uaraig ri linn na chuir Oighre a’ Chruinn de dh’urram air. Ach tha e na chomharradh air treibhdhireachd a chridhe, nach do ghabh e éud, no amharus a-thaobh an dearbh-aobhair a thug am Prionnsa ’na rathad. Cha’n ann mar sin do Mhairearaid e. Bha fàth an turuis aice-se cheana air bhrath. Oir gheibhte air fàireadh, na dheanadh fiosachd gu’n robh diomhaireachd is còmhail eadar Mac an Rìgh agus nighean an lighiche Ghaidhealaich.

Nuair a dh’éireas aon rud, tachraidh dà rud. Goirid an déigh do ghille-turuis a’ Phrionnsa fàgail, thaghail carbad na Ban-righ, le cuireadh gun dàil do’n lighiche. Dh’earbadh ris tilleadh leis a’ charbad a dh’ionnsaidh Lùchairt Hamptoin air ball. Cha robh gnothuichean idir a’ ti’n air aréir. Is mur a b’e gu’n robh meas mór aige air a Bhan-righ, dhiùlt e an t-òrdan le leisgial freagarrach. Ach am feadh ’s a bha e seasamh eadar-da-bharail, có thigeadh air ach Mairearad: bha ise mach air chuairt.

“Nach iongantach an dol-a-mach a th’aig àrd is ìosal,” thòisich e car cas, “nuair nach leig iad an cead fhein le’n co-chreutair ach ’gam buaireadh air gach taobh——”

“Dé nise ’tha cur oirbh?” thill Mairearad le gàire; oir bha gràdh is earbsa eadar i fhein ’s a h-athair.

“De nach’eil a’ cur orm?” thuirt esan, ’s e sìneadh litir na Ban-righ dhith. “Cha do ghoil an coire bho’n a fhuair mi rabhadh gu’m biodh am Prionnsa ri taghal a-nochd oirnn. Tha mi ceart a coma, ged an robh sinn an Dun-éidionn fhathasd.”

[ 50 ]“Nach math an leisgial,” fhreagair i. “Có aige tha brath nach bi sinn an sin na’s luaithe na shaoileas sibh? Ach mun téid mi na’s fhaide, dé am freagairt a bheir mi bhuaibh do theachdaire na Ban-righ? Tha e feitheamh.”

Mun do thàrr dha cheist a shocrachadh, chuir gille-seirbheis an treas litir ’na làimh.

Dh’fhosgail e i; is léugh e:

The Queen, who is lying very ill, urges your immediate attendance.

(Signed) Eveleyn Marlborough.

“Ma thig am Prionnsa,” thuirt e, “thoir dha mo leisgial; is gabh roimhe cho math ’sa fhreagras. Ach,” ’s e tionndadh bho’n dorus, mar gu’m buaileadh rud ùr ’na inntinn, “fèach, ma thig dha feòrach as déigh cùisean nan Gaidheal, gu’n caomhain thu eòlas air sloinneadh. Tha nì, no dhà a’tachairt an cearnaibh ar tìr a b’fhiach an cleith, nan gabhadh iad. Bidh ’nad fhaiceall; oir cuimhnich gu’m brist an teanga, ged nach mór i, cnàimh. Cha mhomha màthair na mi-thlachd na frìdeag. ‘Na toir sgial diomhair gu latha roimh d’ bhàs’, mu’n d’thuirt an sean-fhacal.”

“Fuirichibh oirbh,” fhreagair Mairearad le fonn a’ chàirdeis; ach bha h-inntinn ann an teagamh. “Dé tha ’san air’ agaibh, nuair a tha sibh ’gam chur ’nam fhaireachadh air an fheasgar so, seach àm ’sam bith?”

“Cha tigeadh e do nighean do mhàthar a bhi’n eisimeil comhairle, far an cìnn a dleasanas.”

“Nach neònach fhein a’ bhruidheann a th’agaibh.

[ 51 ]Tha mi’n dòchas,” ars’ ise, ’s i cur a làimhe air a ghualainn, “nach ’eil dad ’san amharc agaibh a tha gu dragh dhuinn? Na bithibh fada gun tilleadh. Ach na gabhaibh cùram dha mo thaobh-sa. Co-dhiùbh, mar a’ bheil an còrr agaibh ri earbs’ asam, cha bhi mi ’g’ur tagairt. ‘An rud nach cluinn cluas, cha ghluais chridhe.’”

“Dìreach! Mar a theireadh a màthair rud,” thuirt an lighiche ris fhein, ’s e gabhail feasgair maith leatha.

Cha b’fhada ’na dhéigh so gus an robh e, le carbad siùbhlach na Ban-righ, air ti’n gu ionad a cheann-uidhe. Gun mhaille air aghartas, ràinig e seòmar an tinnis, far na ghabhadh ris mar mhac na gréine, ’s e toirt spionnaidh a easlainnte. Chunnaic e, le sùil gun mhearachd, gu’n robh a’ Bhan-righ ann an droch ìre; agus ma bha feobhas an dàn dith, gu’m féumta fuil a tharruing. Bha toiseach aig a h-aodan air dubhadh, is aig truimead na suain ri iathadh mu léirsinn. Bhuail e cuisle le ìnnleachd na h-àbhaist; ach cha do lean ruith-fola ’sam bith am fosgladh.

Cha robh an Dotair Mac Uaraig an sid ’na aonar dhe dhriachd. Bha triùir lighichean eile làthair—gach fear dhiubh ’s e fo dheadh ainm-sgile; ach—mar is tric a thachras—diarasach ’na bharail fhein.

Dh’fhiosraich e, co-dhiùbh, bho’n a h-uile [2]còmhdach a bha eatorra, gu’n robh tuilleadh ’s a dhùbhlan aige ri dheanamh; agas ma bha cliù a sgile-san ri h-àite chumail, thigeadh dha ionnsaidh chothromach a thoirt am buil gu h-obann.

Bha amharus aige air aobhar no dhà, thaobh na [ 52 ]h-éucail a bha cur air a’ Bhan-righ. Agus mun tug e làmh air an còrr a dheanamh, chuir e mar fhiachaibh orra-san a bha làthair, an seòmar fhàgail.

Rinneadh mar a dh’iarr e; agus cha do ruith ach giorrad na h-ùine gus an tug e fios gu’n robh a’ Bhan-righ air taobh an fheobhais.

Ge bu dé an ìnnleachd a ghabh e, no an t-eòlas a chuir e an cleachdadh, fhuair té na h-eiridinn faochadh. Ach a-chionn nach tug e fhein, fior-shoilleireachd riamh air na thachair, tha chùis, mar a bha i, fhathasd ann an ruith nan toimhseagan.

Dh’aindeoin co-dhiùbh, cha’n’eil sinn ’na eisimeil buileach, a thaobh gnothuch diomhair an fheasgair ud. Oir ged nach tug am Moraire Herbheidh iomradh ’sam bith air, bha sùil eile air fàireadh bho nach d’rachadh rud éiginn as. B’e so, am Moraire Godo, nach do leig an cothrom riamh seachad, na’n toireadh e fealla-dhà da chompanaich, nuair a bhiodh an t-òsdair a’ sìneadh nan cuach.

Bha’n t-uasal ud ionnsaichte thar tomhais; oir bha bhuadhan nàdarra fad os-cionn na buil a b’fheàrr do’n chuir e ann an éud a chothruim iad. Ach bha thlachd ann an cuideachda nan ìochdran—is air an droch-bhéus aige sin. Nuair a dh’ainmichear gu’n robh géurad-inntinn, is meomhair àrd-ghliocais ’gan iomlaid leis ann an drùghadh searrag an fhìona—tuigear gu’n robh e diabhlaidh coma, co-dheth a dheanadh e cùis-bhùrta. Mar bu trice, ’s e gillean nan each, no leannain easgaidh na h-oidhche, a thigeadh fo ùidh an toiseach. Cha do [ 53 ]chum airson sin gnàth a dhol-a-mach e bho chàirdeas an rìgh. Oir bha coimhleapaich agartach, aige-san e fhein, a bhiodh diombach de leaba na Ban-righ, an uair ainneamh a’ ruigeadh e i.

Dh’fhàg mi Moraire Godo ann an suain nan sgàilean, na’n do ghabh ar sgial toirt gu ceann-fìnid as aonais. Ach cha’n ann mar a rogha theum an gobha chruaidh. Bha lùchairt an Dàrna Seòras fo dhorus fialaidh fosgailte; is cead siubhail mar an ciadna. Cha robh seòl air an saoileadh fear-tathaich gu’n robh dragh, no tinneas air an té a b’àird’ inbhe ’san tìr. Ach ’s ann a bha fuaim ciùil, is lasgan-gàire ag iarraidh bho bhalla gu balla. Chìtear cròileagan an sid le tòic na dibhe ’nan aodainn; agus ban-uasal a’ faotuinn tàire air am bilibh neo-chneasda. An taobh eile, gheibhte aigionnach ladhrach an cùil; is cuachag, le broilleach fo leith-bhréid, a’ leaghadh fo chaog-shùla ladarna. B’e lughad na h-àireimh a dheanadh an dà fhad fein gun dol-mu-seach ’san oidhirp. Chluinnte alag an diùchda, mar roiteir, ’s e fàgail beannachd aig misgear a chàirdeis mu ghairm-choileach.

A-measg iad so, bha Moraire Godo. Ach có chuireadh sin an uibhireachd dha, nuair a bha ana-measarachd air stéidheadh cho mórasach; is eisimpleir an rìgh ri thagairt mar leisgial?

Cha robh bristeadh air ceann-mire. Bha’m fear nach seasadh cas, a’ deanamh taic-se de ghille-feitheimh; is plìn air a’ tuiteam an oisein. An sin dh’fhiachadh ridire stràiceal—’s e togail a chinn mar chearc ’sam pathadh oirre—ri bhi cuidhte ’s na mnatha bha cumail [ 54 ]sùla gun fhios da, air leannanachd a rùin. B’e sid ionad, is féill an t-sùgraidh gun teagamh. Cha robh tilleadh air togairt ach seòltachd, no, air uair—buillean de chlaidheimh neo-amasach. Tha iad ’san t-Strath againn fhin, nach cuireadh carbhaidh-geal an sùil rodain; tha iad ann cuideachd, nach taghadh bean-bainnse a cùirt Rìgh Seòras, gun urras a saoraidh bhi an toiseach air bhrath aca.

Bha so, is iomadh rud eile gun iomradh air, mur a b’e gu’n robh a’ Moraire Godo ’sa’ chuideachda. Oir na’n do ghabh esan ealla riutha-san nach buineadh da, dh’fhàg mi eachdraidh na linn ud, far na laidh i. Ach cha’n ann idir airson aobhar càinidh a dh’ainmich mi na nithean so. Tha aobhar na’s truime na sin ’gan earail.

Thuirt mi cheana gu’n robh a’ Moraire Godo de chomunn a’ ghreadhnachais air an fheasgar ud, mar a bha e air iomadh oidhch is feasgar roimhe sin. Cha b’e an t-àdh e na’m b’fhior do chuid. Le feadhainn eile, bha e ’na dhroch [3]spaidhe, nach taobhadh a h-aon gun cearb a bhi’n iomall air.

Co-dhiùbh, thainig e le siùdan tarsuinn air feadh chàich, mar chìobair ’s e tearbadh chrogaisean. Ged a bha’n deadh smùid air, is math a b’aithne dha gnè a chuartachaidh.


II

Thug e an aire d’an triùir dhotairean leotha fhein; is rinn e dìreach orra.

“An taobh so, uaislibh,” thuirt e ’s e snaoitheadh a chinn.

[ 55 ]Dh’fhalbh iad leis gu ceann-aghairt na ruigh-chasa, far an d’rinn iad còmhlan as leith mu bhòrd.

“Tha chuid is fheàrr aig an Albannach, fhearaibh,” thòisich e ’s e tionndadh gloine bha mu choinneamh, air a bial-foidhpe. “Am beil de sgil an Sasuinn na sheasas i fhein? Shaoileam nach robh dad aig Mead, no Radcliff ri fhoghlum—Fuirich! Fuirich! Tha thu ceart! Cha’n ann de’r linn a tha iad. Ach dé theireadh Iain Hugsham, is seann Uilleam Heberden, na’n cluinneadh iad gu’n a sheall an Dotair Mac Uaraig, a Dun-éidionn, ceanna-bhaile Albainn mhór a’ bheartais—Seadh! gu’n a sheall e ’n dorus dha’n triùir agaibh? Cha’n abair mi ìosal no àrd dha’m beil ’ur foghlum?”

“Thug a’ Bhan-righ cuireadh dha,” fhreagair fear diubh. “Is bidh a gnothuch mar a miann ’san rathad sin.”

“Na creid e, Astoir,” labhair a’ Moraire. “Cha do leig i ’n teanga riamh asaibh, bho na dhiùlt sibh gabhail ris an Ollamh Storc a Bhiena——”

“Tha mi’n dòchas,” chaisg am fear eile, “nach’eil t’eòlas oirnn a’ tagairt ar mi-rùin a-thaobh ar dleasanais do’n Bhan-righ?”

“An dubhairt mi smid a dhìteadh i?” fhreagair Godo air a shocair, “Oir tha mi cinnteach nach b’ann le deòin a sheall Dotair Dhun-éidinn an dorus dhuibh. Tha fios nach éirich dad dhith fo làmhan-san. Tha e [4]achdainneach; nach’eil? Dé theireadh Sidenham mór, na’n robh e beò an diugh? Seadh! Eh? Nach e ’n t-Albanach sgoinneil a dh’fhèach ribh! Eh? Seadh! An Ridire Fionnladh Mac Uaraig! Có chuireadh an [ 56 ]aghaidh an urraim is geal a choisinn e? Seadh! Eh? Nach math a thig an tiotal dha? Eh?”

Chunnaic e gu math gu’n robh a bhriathran a’ drùghadh air an triùir eile, mar fhìon bho lodar is druidheachd ann. Ghreimich farmad mu’n chich-shlugain iad; is thainig droch thogradh a-thaobh an Lighiche Mhìc Uaraig fainear dhaibh. ’Se so a bha dhìth air a’ Mhoraire. Oir bha sid air a shiubhal, a ghuidheadh caraid as an dàn, a sheachnadh air Mairearad, nighean Mhic Uaraig. Thainig e làidir ’na inntinn—na’n éireadh dad dha h-athair—nach biodh gnothuch gun chomaine, sùil a bhi làmh rithe. Bha e mion-eòlach, araon air a bòichead ’s a buadh-inntinn. Ach a dh’aindeoin gach brosgul a rinn e, cha do dhearg e, aona chuid, air a toil, no air a cridhe.

Na’n do dh’fhàg e cùisean mar so, is tàmailt ’ga thagairt; is math a dh’fhaoidte, nach leanadh casaid cho dian e. Ach cha’n ann mar sin a bha. B’aithne dha-san ’na b’fheàrr na sionnach air fhaiceall, dé dol-a-mach a’ Phrionnsa, is ruighe na buachaileachd a bha aige air nighean an lighiche Ghaidhealaich. Oir bha e fhein air a’ chois-cheum chiadna; ach leis an eadar-dealachadh so: cha do thaobh i riamh ris; ni momha na sin a thug i an fhianuis gu mealladh e eòlas oirre na bu dlùithe na cùirtear fuadain, is a chridhe ann am buigead a bhuairidh.

Cha robh a’ Moraire Godo idir mi-dhreachmhor. Na’n robh a ghluasad aréir a choltais, bha mura-bhith fad air seachran. Ach cha d’fhuair iadsan a bha stigh air, aon aobhar iomchoire, ma bha iad an eisimeil [ 57 ]càirdeis. Oir is minig a thug aircleach beannachd air, nuair a bhiodh slighe na h-éiginn ’ga shàrachadh.

Dh’aindeoin so uile, bha car ciotach ’sa’ mhoraire, na’n tigeadh dha ti’n cas air a nàmhaid. Dhiubh so, bhiodh esan a dheanadh dearmad air mu bhòrd nan cuach, no aig conaltradh nan leannan sùgrach.

Bha’m Prionnsa ’sa’ Moraire Godo cho àraid ri dà chluas laoigh. Chaith iad iomadach uair ann am mi-bhuil na h-oidhche; agus fo chabair nach cumadh snidhe, no fraighnidh bho [5]ghamhrachadh leacan-lagha nan àithntean.

Ach ma bha e stigh air a’ Phrionnsa, bha e ann an seadh a-mach air an rìgh, agus cha robh an leisgial ri shireadh. Oir bha ’n teaghlach rìoghail ag ithe ’s a’ clamhadh a’ chéile, le éud cho gamhlasach, ’s gu’n robh iad nan culaidh-mhagaidh do’n t-sluagh, a Dhòmhnach, a Luan, ’sa Shathurna. Thainig iad mu dheireadh a dh’ ionnsaidh na h-àirde, anns am faigheadh a’ mac toilleachadh ann am bàs a pharantan; is iadsan, mar an ciadna, ann am bàs am mic.

Bha’m Prionnsa cosgal—a’ caitheamh a chodach ’s a’ giorrachadh a shaoghail ann an garaidh-gìll nan glaimseir, nuair nach biodh e sàsuchadh a mhiann’ le òighean a thograidh. Dh’fhàg an dol-a-mach sin esan a-ghnàth an ainbhfhiach; agus ann an eisimeil na feadhnach ud, do’m b’aithne iosad a thoirt seachad air urras oighre crùn Bhreatainn. Airson na h-inbhe sin, cha robh an ùidh ’ga ruigheachd dé dh’éireadh dha. Bha e ag iteallaich mu’n cuairt, mar shùlaire gobach, is e gabhail cothrom-bualaidh air na thigeadh ri chàil ann an linne nan ìochdran.

[ 58 ]Chuir mi an teist so gu taobh gus an tainig mo ghnothuch ris a’ Phrionnsa, mur a bitheadh gu’ bheil e iomchuidh airson soilleireachd an t-suidheachaidh anns ’na thachair an triùir dhotairean ’sa’ Moraire bhi cuideachd. Ma-dh’fhaoidte gu’n robh an dearbh aithris a cheart cho obaig dhaibh-san mar an ciadna, ged nach do leig iad a’ bheag orra ri chéile. Bha iad mar sin car ùine, agus gach fear dhiubh a’ cnàmh a bheachd ann an tosdachd a rùin.

“Dé ’ur barail?” thionndaidh a’ Moraire ’se coimhead an aodann fir mu seach aca. “Dé ’ur barail?” thuirt e rithisd. “Saoil-sibh an tig a’ Bhan-righ bhuaidhe, ma leanas an lighich Albannach air a frithealadh?”

“Ma gabhas e deanamh,” fhreagair fear, “théid le Mac Uaraig—Albannach ann no as, biodh e!”

“An cuir sin dragh ort?” lean e air aghart. “Tha cuid a chanas gu’ bheil magadh cho marbhtach ri puinsean na minmheir. Stadaibh!—Dé theireadh sibh na’n ìnnsinn c’arson, nach do ruith a’ chuisle aig a’ Bhan-righ, nuair a bhuail an lighich i? Eh?”

“Chunnaic sinn air ar son fhin,” fhuair e mar fhreagairt.

“Am faca sibh so?” arsa ’Moraire ’s e cur lannsa air a’ bhòrd m’an coinneamh. “Dé ’ur barail? An tarruingeadh an rud sin fuil; saoil-sibh?”

Bheachdaich fear an déigh fir dhiubh, air an sgein-fhola gu dearcnach mean; ach cha robh a h-aon aca fhuair eadar-dhealachadh innte thar an eòlais.

Leig a’ Moraire leotha gus an robh iad deas de laimhseachadh.

[ 59 ]“Nach mairg a dh’iarradh an t-àm-latha anns na sùilean agaibh,” thòisich Godo ’s e togail na sgeine gu nochdaidh. “Nach tug sibh an aire do’n ghnoban so?” ’s e aig a’ cheart àm a’ cur a chorraig air a bhann a’ bha ceangal an liagh ris an làmhaid. “Nis,” ars’ esan. “Nuair a bhrùthas mi so, faic dé thachras; tha’n t-iarunn las is ruithidh e air ais. Ach brùth a-rithisd e, agus dé th’agad?—Lannsa chaol is clais innte. Cuiridh mi leith-char anns a’ chnò th’air ceann na làmhaid, agus dé chi thu?—”

“Oh!” dh’éubh iad còmhla air dhaibh boinnean de shruth liath-ghlas fhaicinn a’ tuiteam bho’n lannsa. “C’àit’ an d’fhuair thusa sin? Buinidh an sgian-fhola sin do’n Lighiche Mac Uaraig. Chuala sinn uimpe bho iomadh cearna; ach cha’n fhaca sinn duine riamh a laimhsich i.”

“Ach am fear so,” leasaich a’ Moraire. “C’àit’ an d’fhuair mi i? Innsidh mi sin duibh cuideachd. Oir cha’ n’ eil sibh gun fios gu’m beil dà eagal ’san aitreamh so: eagal air a’ Bhan-righ gu’m bàsaich i, agus eagal air a’ Phrionnsa nach bàsaich. Hi! Ho! Tha’m barrachd is aon dorus tre’n ruigear seòmar-seirbheis na Ban-righ. Ach, foighidin! An cuir a h-aon agaibh soilleireachd air a’ chùis so? Aig ceann-as an t-seòmair, tha cùil-chlàr, agus i fosgladh a-mach a dh’ ionnsaidh rùm-taoibhe. Ann an oisean na cùile so, tha caora bhrucach le rùsg geal, teadhair mu h-amhaich, is an ceann aige sìneadh—ach am falach—gus an ruig e seòmar na Ban-righ, far am beil e an ceangal ri posta na leapa——”

[ 60 ]“O!” ars’ an Dotair Astor ’ga chasg. “An e gu’ bheil cràbhadh aig a’ leithid sin de dh’ìre ’nar latha? Có bheireadh géill gu’m biodh creideamh cho faoin a’ faotuinn barantais cho ionraic? Tha e ’na bheachd a-measg a’ phobuill, gu’m beil easlainnt mar dheamhain, a chlaoidheas ach aona bhodhaig aig an aon àm. Teadhraidh iad, mar sin, caora—ach cha’n fhios c’arson a roghnaicheas iad caora seach cù, no cat—ri leabaidh na h-eiridinn. Ma bhàsaicheas a’ chaora—thar-leotha—thig neach an tinnis air aghart; ach mur a bàsaich, theid as do’n [6]turrainiche.”

“Chanainn gu’ bheil a’ chaora faighinn deagh bheathachadh, a chumas an deamhain ’sa Bhan-righ, ma’s e ’s gu’n cuir sin dorran air an lighich Albannach,” thuirt a’ Moraire ’s e ’ga sìor-bhagairt. “Ceart! Ceart!” lean e roimhe, mar nach biodh e gabhail a’ ghnothuich ach air bheag suime. “An sgian-fhola so? Seadh! Seadh! Am beil eòlas agaibh air an stuth a sheall mi aiste; no dé chungaidh a bh’ann do’n Bhan-righ?”

“Có aige tha fios gu’n d’rinn e feum dheth?”

“Agamsa!” arsa ’Moraire. “Agus air a’ mhodh so. Bha té is aithne dhomh, mar a thachair, ’na seasamh ’s a’ bhudhailt a dh’ainmich mi, nuair a thainig an lighich Albannach a-làthair. ’S dòcha gur h-ann a’ biathadh na caorach a bha i; no a’ frithealadh air a bana mhaighisteir rìoghail. Cha chan mi co-dhiùbh. Ach bha i sid gun a faicinn mar a bha ’n t-each bàn a bh’aig Rìgh Artar. An déigh sibhse chur a-mach, thug an Dotair làmh air an sgein-fhola; agus chum mo bhana-charaid sùil ghiar air dé dheanadh e. Gu h-àraid, nuair [ 61 ]a dh’iarr an duin’ ìnnleachdach an seòmar dha fhein. Faodaidh tu bhi deimhinn nach deacha móran as oirre. Thug i ’n aire dha ’laimhseachadh na lanns’ anns a’ cheart dòigh a sheall mi dhuibh. A-nise, dé ’ur bharail? Tha mi car mean mu’n chùis; ach ’s math a dh’fhaoidte gur fhiach e ’n t-saothair. Ciamar a chuir Machiabhaili sìos a bheachdan air a’ cheann so? Cha’n’eil m’ Eadailtis ach cearbach. Ach chual mi Moraire Herbheidh ’ga aithris cho tric ’s gu’n a thog mi e mar phort eile——”

“Fàg t’Eadailtis far am beil i,” ars’ an Dotair Astor ’ga stad; “is innis dhuinn ciamar a thainig an lannsa ’na do rathad-sa?”

“Nise,” lean a’ Moraire roimhe, “mar a bha mi dol a dh’ìnnseadh dhuibh anns a’ chànain nach tuig mi-fhin no sibhse——”

“Seadh! Seadh! Ach cha’n aithne dhuinne co-dhiùbh ’s e cànain a th’agad, no nach e.”

“Nach ann mar sin a tha eòlas nan lighichean?” thill a’ Morair le fanaid. “O! Ai! C’àite ’n d’fhuair mi an sgian-fhola bh’aig an lighich Albannach? ’S fheudar gu’n tainig an di-chuimhn’ air. Oir dh’fhàg e as a dhéigh ann an seòmar na Ban-righ i——”

“Is——”

“Thog mo bhana-charaid i; is thug i dhomhs i. Nis, uaislibh!” thuirt e, ’s e tionndadh a chinn an rathad a dh’éirich gluasad a-measg an t-sluaigh a bha làthair. “Tha Diùc an Ur-Chaisteil air ti’n a-stigh; agus bu mhiann lium facal dheth. Tha de sheilleinean ’sa’ chlod-cheann aige na chumadh mil ri freiceadan [ 62 ]Frangach. Hi! Ho! ’S dòcha gu’n cuir a’ Bhan-righ fios-gun-fhios do’n Dotair Mac Uaraig oirbh fhathasd.”


[ Plate ]

Shaoil e ga’n dubhairt iad rudaigin mu ‘iasg air moglachadh.’ . . . Is ghabh e amharus.

[ 62 ]

III

Bha e cheana air éirigh bho’n bhòrd, ’s a’ teannadh a-stigh ri Diùc an Ur-Chaisteil, nuair a bhuail am Prionnsa ’san dol-seachad e. Thainig iad an comhair a’ chéile cho amasach, agus gu’n soileadh maolan nach robh ann ach [7]failmse. Cha’n ann mar sin do dh’fhear nan cluasa biorach e. B’e esan, oifigeach òg—Captain Iain Tolmach, mac bràthar do dh’Fhear-a’-Choire, no an Ridire Tolmach.

“Shluig iad an càmhal ’sa ghaoisid,” chual e Moraire Godo a’cogar ris a’ Phrionnsa.” Cha toirinn bonn-a-h-ochd air a’ chluasaig air an cadail an Lighiche Mór mun tig a’ mhaduinn.”

Cha do ghlac Iain an còrr. Oir tharruing an dithisd eile ceum còmhla gu taobh. Shaoil e gu’n dubhairt iad rudaigin mu, ‘iasg air moglachadh.’ Ma shaoil, thainig amharus gobach ’na inntinn nach robh slighe na fìrinn gun cas-shiubhal a’ chealgaire.

Bu ro-mhath’ eòlas air caitheamh-beatha ’Phrionnsa. Ach có e an t-ablach do nach b’aithne sin? Aig a’ cheart uair, thainig am beachd ’na rùn nach b’e chuid no ghnothuch, smaointinn gu h-olc mu oighre ’chrùin do’n tug e sheirbheis. Is dualach gu’n do leig e mar-a-bha seachad leis a’ bharail so. Ach air an làimh eile, cha robh a dhleasanas ri thagairt thar a mhionnain da rìgh. Dh’aindeoin so fhein, theagamh gu’n a ghabh e comhairle Clag Scàin—‘An rud nach buin dut na bean da!’— [ 63 ]gu chridhe, na’n robh a’ Moraire Godo cuidhte ’s a chùilteireachd. Oir b’e sid turrag a’ chàirdeis bho nach deanadh treibhdhireas uaill. Lean mar sin, is liadaich e brat-amharuis cho bras air a chuisle, ’s gur gann nach tug e rìgh, prionnsa, an t-arm ’sa’ h-uile rud eile as a shealladh.

Leig Iain Tolmach cead a choise le rùnrachd na chuir thuig e; is thainig ionaltradh inntinn, air a’ cheann thall, a dh’ionnsaidh Mairearad nighean Mhic Uaraig.

Bha esan, thar-leis fhein, mar gach aon air na dhearc an òigh ud, dian an geall oirre. Agus thug rud no dhà, anns an d’rinn ise taobh ris, an dòchas ’na rùn nach robh idir a ghean-aire suarach aice. Beag ’s mar a bha cinneas air àdh ’san rathad so, cha robh a bhuaireas gun mhisneachd. Oir thug e bòid gu’m faigheadh e cothrom dearbhaidh da dhùrachd dhith—uair, no uaireigin.

Ach ciamar, no cia as a gheibheadh e an leisgial airson a thoil a chur an gniomh? Agus a-rithisd. Bha e fhathasd ri fhaicinn gu’n robh ise, no té eile ann am feum a theanachdais. Theagamh gu’m biodh sin mar ghin beachd dhut-sa na’n robh thu saor bho leannanachd, cridhe socair a’ fàgail do chluasaig gun bhristeadh cadail; is aigne ’nad chom a dhiùlt lasadh ri àille gnùis ainnire.

Fhuair co-dhiùbh an cruth-deilbh a-leithid do làmh-an-uachdar air, ’s gu’n a chum e fàireadh air a’ Phrionnsa ’s air a’ Mhoraire Godo, gus an deach’ iad, thar-leis, am falach aig cùl gréis-bhrat a bha’n crochadh—le cuid an eireachdais—ri té de dh’uinneagan na talla-móire.

[ 64 ]Mar a ghabh mi aithris mo naigheachd air a’ Mhoraire Godo, bha ’na rùn, gu’n togadh e goin farmaid ann an uchd nan dotairean Sasunnach. Oir na’n d’rachadh sin leis, bha e soirbh gu leòr dha ’chreidsinn, gu’n cuireadh iad puinsean anns an lannsa aig Mac Uaraig. Is bheireadh an fhianuis an dotair fo bhinn dìtidh. Mar bhuil air a ghin-ìnnleachd bhiodh—thar-leis fhein—a chothrom air Mairearaid.

Thainig ti’n fo Iain a-nise chuir a bheò air ghluasad. Oir bha taibhs glinn dhosrach a dhùthchais a’ fàsgadh a chridhe, ’s a’ cur rabhaidh ’na chluais gu’n robh bean-dàimhe ann an cunnart. Thug, mar sin, gnè cinneadail thairis a dheòin ri athadh spiorad nam beann; agus ghuidh sgàilean a dhaoine gniomh sàir bho làimh.

Mean air mhean, tharruing e dlùth do’n oisein anns an robh am Prionnsa, ’s a’ Moraire Godo a’ diomhaireachd. A-chionn ’s nach robh an aire, ach orra fein a mhàin, ràinig e fiataidh, sàmhach gu leòr, gus an d’fhuair e mu-ruighe farchluais dhaibh. Ach na thuig ’s na chual e de’n chòmhradh aca, gabhaidh e earra-phinn air leith—Chual mi aig Iain Pìobair’ e, air latha-trusaidh; agus sinn a’ leigeil ar n-anail os-cionn Tobar-a’-Staing.

  1. cuireadh teachdaire
  2. argumaid
  3. aimilisg
  4. clever
  5. saluch
  6. créutair tinn
  7. tuiteamas