Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/76

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
60
AN T-OGHA MOR

“O!” ars’ an Dotair Astor ’ga chasg. “An e gu’ bheil cràbhadh aig a’ leithid sin de dh’ìre ’nar latha? Có bheireadh géill gu’m biodh creideamh cho faoin a’ faotuinn barantais cho ionraic? Tha e ’na bheachd a-measg a’ phobuill, gu’m beil easlainnt mar dheamhain, a chlaoidheas ach aona bhodhaig aig an aon àm. Teadhraidh iad, mar sin, caora—ach cha’n fhios c’arson a roghnaicheas iad caora seach cù, no cat—ri leabaidh na h-eiridinn. Ma bhàsaicheas a’ chaora—thar-leotha—thig neach an tinnis air aghart; ach mur a bàsaich, theid as do’n [1]turrainiche.”

“Chanainn gu’ bheil a’ chaora faighinn deagh bheathachadh, a chumas an deamhain ’sa Bhan-righ, ma’s e ’s gu’n cuir sin dorran air an lighich Albannach,” thuirt a’ Moraire ’s e ’ga sìor-bhagairt. “Ceart! Ceart!” lean e roimhe, mar nach biodh e gabhail a’ ghnothuich ach air bheag suime. “An sgian-fhola so? Seadh! Seadh! Am beil eòlas agaibh air an stuth a sheall mi aiste; no dé chungaidh a bh’ann do’n Bhan-righ?”

“Có aige tha fios gu’n d’rinn e feum dheth?”

“Agamsa!” arsa ’Moraire. “Agus air a’ mhodh so. Bha té is aithne dhomh, mar a thachair, ’na seasamh ’s a’ bhudhailt a dh’ainmich mi, nuair a thainig an lighich Albannach a-làthair. ’S dòcha gur h-ann a’ biathadh na caorach a bha i; no a’ frithealadh air a bana mhaighisteir rìoghail. Cha chan mi co-dhiùbh. Ach bha i sid gun a faicinn mar a bha ’n t-each bàn a bh’aig Rìgh Artar. An déigh sibhse chur a-mach, thug an Dotair làmh air an sgein-fhola; agus chum mo bhana-charaid sùil ghiar air dé dheanadh e. Gu h-àraid, nuair

  1. créutair tinn