RIOBA NAM BAN
An rud a bhios sàmhach, cha chluinn an luchag e
—SEAN-FHACAL
B’e Mairearad Nic Uaraig a b’ainm dhith. Bu nighean i do’n Lighiche Mhór Mac Uaraig, a bha ainmeil, fad is farsuinn, airson gnàth nan comasan e chuir e an géill ann am foghlum a dhriachd. Bha chòmhnuidh an Dun-éidionn gus an d’ràinig aithris a chliù a dh’ionnsaidh an dàrna Righ Seòras. Is cha b’fhada ’na dhéigh sin, gus an d’fhuair e [1]fiathachadh-rìoghail a chuir imrich do Lunnain air lorg dha.
Bha urram ’ga fheitheamh; ’agus, mar an ciadna, deadh mheas an rìgh fhein. Ach cha do shoirbhich a shonas mar a bheartas. Oir chaill e a bhean an taobh-a-stigh de thrì ràithean an déigh ruigheachd. Thug an call tilleadh nach bu bheag air inntinn. Is cha mhór nach d’fhàs e suarach mu dhol-a-mach an t-saoghail air fad.
Dh’fhàgadh, mar sin, cùram a thighe air Mairearad an t-aon duine teaghlaich a bh’aige. Fhuair ise meomhair neo-chumanta; agus cha do chleith a h-athair aon seòl air modh is foghlum a chur an deadh bhuil dhith. Ghabh i ceann air ionnsachadh ’na h-òige, ged nach robh sin ach leith-oireach ri ’linn. Airson a cruth-pearsa bha e—mar a dh’aithris an t-Ogha Mór le aobhar—àluinn! Leigidh mi leis an aon fhacal so—ionnas gur
- ↑ cuireadh teachdaire