Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/62

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
46
AN T-OGHA MOR

chanail rithe le fìrinn, gu bheil a gin gun smal, ’s a fuil cho uasal ri inbhe rìoghail a’ chrùin. ’Se sin mur a dean thu nighean dhut fhein, ’s dhe t’ainm dhith. Oir tha e coltach gu bheil, ’s gu’m bì thu gun bhall dhe’d chorp a dhleasas e. Is ma bheir e aobhar uaill ’sam bith dhut, tha cho beag agam-sa mu déighinn, ’s nach iarr, ’s nach aithris mi, cia an taobh a tha i. Eireadh math no olc dhith, cha chuir mi a h-aon air a manadh. Ma thagras mi nì idir dha taobh, ’se gu’n toir thu, Mairearad mar ainm oirre. Biodh an còrr eadar thu fhein ’s do roghainn dhith.”

Thug an t-Ollamh Mac Uaraig leis an nighean; is thog is dh’àraich e i mar fhriamh de ghineil fhein. Dh’fhàs ise ann am meomhair, is maise neo-chuimseach. Oir bha i air a giollachd gun taing. Cha robh mur-a-bhitheadh air a teagasg. Is sheall i toradh a trùmha, leis gach beus anns an deanadh pàrant uaill a nighinn dhleasail. Cho fad ’sa b’ fhiosrach i, b’ e an Dotair Mac Uaraig ’s a bhean, a b’ athair ’s bu mhàthair dhith. Ach mun a thuit an sgleò bho sùilean, bha iomairt is othail ’san tìr; flaithean an geall air a cridhe; is Uasal a’ Chrùin a’caoineachadh a shodail ri buaireas a leannanachd.