Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/64

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
48
AN T-OGHA MOR

Gàidhlig a h-ann—brìgh nam buadhan eile thoirt ’na lùib.

Bha dà sheadh anns an robh i ainmeil: géurchuis agus mealladh gnùise. Shònraich so a-mach i, air dhòigh a rinn a h-ainm, feirmeil a-measg àrd fhlaithean na tìre. Cha bhiodh cuirm-chùirt gun chuireadh da h-athair; is ged nach do thuig e an t-aobhar, bha e fhein ’s a nighean aig bòrd-mór is àrd onair na bu trice na b’àill leis. Ach ’s ann ainneamh a chìtear fhalbh no thighinn gun Og Uasal a’ Chrùinn—Prionnsa na h-Othailt—a bhi mu làimh, ’s e cur fàilte is furain orra; gu h-àraid air Mairearaid. Oir rinn a bòichead greim-buairidh neo-chuimseach air. Is cha do leig e fois, no tàmh dha inntinn gus an d’fhuair e leisgial céilidh air tigh a h-athar.

Thainig cothrom mar a mhiann ’na rathad air seòl nach do shaoil e; agus mar so. Bha e nis’ an gob gach eòin, gu’n robh da-rìribh nan Stiùbhartach air ti’n gu toiseach aimhreit. Cha chluinnte gaoth ri cluais, ach mu thional nam fineachan a-measg bheanntairean Alba.

Air feasgar sònruicht, mun do ghabh Parlumaid suim nan cunnartan gu reusan, ràinig teachdaire-cabhaig tigh an Lighiche Mhóir—mu’n d’thuirt iad—le fios gu’m biodh Prionnsa na h-Othailt a’ taghal air bho oidhche. Ach cha b’ann le toileachas-inntinn a smaointich an lighich air a’ chùis. Oir dh’fhoghlum e bho èolas, is eachdraidh, nach robh ach dà aimsir—fàs, agus seargadh—anns an amharc aig rìghrean. Agus ged a tha’n gnùis suilbhire gu leòr fhad ’sa thig gnè seirbheis an ìochdrain ri’n togairt, b’e am fìor-fhaiceall, thar-leis, a bhi cadal saor bho’n eisimeil.