Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/69

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
53
RIOBA NAM BAN

chum airson sin gnàth a dhol-a-mach e bho chàirdeas an rìgh. Oir bha coimhleapaich agartach, aige-san e fhein, a bhiodh diombach de leaba na Ban-righ, an uair ainneamh a’ ruigeadh e i.

Dh’fhàg mi Moraire Godo ann an suain nan sgàilean, na’n do ghabh ar sgial toirt gu ceann-fìnid as aonais. Ach cha’n ann mar a rogha theum an gobha chruaidh. Bha lùchairt an Dàrna Seòras fo dhorus fialaidh fosgailte; is cead siubhail mar an ciadna. Cha robh seòl air an saoileadh fear-tathaich gu’n robh dragh, no tinneas air an té a b’àird’ inbhe ’san tìr. Ach ’s ann a bha fuaim ciùil, is lasgan-gàire ag iarraidh bho bhalla gu balla. Chìtear cròileagan an sid le tòic na dibhe ’nan aodainn; agus ban-uasal a’ faotuinn tàire air am bilibh neo-chneasda. An taobh eile, gheibhte aigionnach ladhrach an cùil; is cuachag, le broilleach fo leith-bhréid, a’ leaghadh fo chaog-shùla ladarna. B’e lughad na h-àireimh a dheanadh an dà fhad fein gun dol-mu-seach ’san oidhirp. Chluinnte alag an diùchda, mar roiteir, ’s e fàgail beannachd aig misgear a chàirdeis mu ghairm-choileach.

A-measg iad so, bha Moraire Godo. Ach có chuireadh sin an uibhireachd dha, nuair a bha ana-measarachd air stéidheadh cho mórasach; is eisimpleir an rìgh ri thagairt mar leisgial?

Cha robh bristeadh air ceann-mire. Bha’m fear nach seasadh cas, a’ deanamh taic-se de ghille-feitheimh; is plìn air a’ tuiteam an oisein. An sin dh’fhiachadh ridire stràiceal—’s e togail a chinn mar chearc ’sam pathadh oirre—ri bhi cuidhte ’s na mnatha bha cumail