Mar a ghabh mi aithris mo naigheachd air a’ Mhoraire Godo, bha ’na rùn, gu’n togadh e goin farmaid ann an uchd nan dotairean Sasunnach. Oir na’n d’rachadh sin leis, bha e soirbh gu leòr dha ’chreidsinn, gu’n cuireadh iad puinsean anns an lannsa aig Mac Uaraig. Is bheireadh an fhianuis an dotair fo bhinn dìtidh. Mar bhuil air a ghin-ìnnleachd bhiodh—thar-leis fhein—a chothrom air Mairearaid.
Thainig ti’n fo Iain a-nise chuir a bheò air ghluasad. Oir bha taibhs glinn dhosrach a dhùthchais a’ fàsgadh a chridhe, ’s a’ cur rabhaidh ’na chluais gu’n robh bean-dàimhe ann an cunnart. Thug, mar sin, gnè cinneadail thairis a dheòin ri athadh spiorad nam beann; agus ghuidh sgàilean a dhaoine gniomh sàir bho làimh.
Mean air mhean, tharruing e dlùth do’n oisein anns an robh am Prionnsa, ’s a’ Moraire Godo a’ diomhaireachd. A-chionn ’s nach robh an aire, ach orra fein a mhàin, ràinig e fiataidh, sàmhach gu leòr, gus an d’fhuair e mu-ruighe farchluais dhaibh. Ach na thuig ’s na chual e de’n chòmhradh aca, gabhaidh e earra-phinn air leith—Chual mi aig Iain Pìobair’ e, air latha-trusaidh; agus sinn a’ leigeil ar n-anail os-cionn Tobar-a’-Staing.