Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/97

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
79
CUIRTEARACHD

Ach tha àm is aimsir anns am bidh e mar fhiachaibh air luchd ghleidhidh a’ chrùin, fianuis a thoirt air an dleasanas. ’S math a dh’ fhaoidhte gu’ mi-chòrd mo chasaid ri ’cluasan; oir cha’n ann a ’tagairt duais no gean-gnùis’ a tha mi. Nise, tha Spàin a’ deanamh gearachas-làidir air marsantachd chéin ar dùthcha, dhùisg corruich is tàmailt neo-obann air fad ’s air liad na rìoghachd. Gidheadh, cha’n aidich Ualpol gu’ bheil dolaidh ’sam bith ’nar gearain. Tha’n sluagh ag iollach airson éirig an còrach ’san ceartais. Gidheadh, tha Ualpol balbh d’ an guidhe, ’s a’ cur togradh an tòrachd gu’ dùbhlan. Bhiodh e chum math na dùthcha, na’n do dh’ earb an rìgh beagan de chùram a riaghlaidh, ri cuid a thoill e cho math ri Ualpol; oir tha e cho aineolach air eachdraidh is litreachas ’s a bha’m buachaile-mhuc a bh’aig a sheanair.

A’ Bhan-Righ.—Cha mhór nach toireadh Bolaingbroc a chreidsinn oirnn gu’ bheil sinn uile ann am breisleich as aonais an eòlas-litreachais tha aige fhein. Gheibh mi dèidlidh is leine bheag do Shir Raibeart Ualpol; is cuiridh mi do’n sgoil aig a’ Mhoraire Bolaingbroc e. Ach ’s mairg a chuireadh sionnach a bhuachaileachd nan cearc.

Diuc Earraghaidheal.—Shaoilinn gu’m biodh e na b’fhaide as an rathad, cearcan a chur a bhuachaileachd an t-sionnaich. Tha mi le Bolaingbroc. Ma thuigeas mise faileas-inntinn de spiorad na dùthcha, cha’n e laidhe sìos fo chreachadh-cuain nan Spàineach is obaig dha, Ma sheasas Ualpol taobh na Spàine——

Fraulain Sgliurach.—Ze Herr Valpool vis block