Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/87

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
69
CUIRTEARACHD

Bu ghiar an duine, Iain Pìobaire. Ach—ged nach’eil sin ’na thìnnsgeadal air-san—bheir e sannt-gàire ’n diugh orm, nuair a chuimhnicheas mi liughad car is tionndadh a bhiodh aige mun tugadh e ’sgial gu ceann-fìnid.

Bha cholunn air a barradh ri inntinn—foghainteach, easgaidh. Ach, mar a dh’éirich do’n t-saoghal, is iomadh diachainn a thainig ’nan rathad le chéile. Tha e nise de’n àireimh a tha gabhail an aisig ann am birlinn luchdach nam marbh; ’s cha toir mi tarruing an so air, ach mar a fhreagras e fhein ’s mo chuspair.

Is fhada bhios cuimhn’ agam air an lath’ ud a chuir mi seachad leis aig Tobar a’ Staing—latha geal, grianach, Samhraidh; am fitheach os ar cionn air bearradh, ’s e ’cur a-mach a theangann leis an teas.

Thainig iomadh latha math bho’n uair sin. Ach saoilidh mi, nuair a chrùbas m’inntinn air ais tre chlisneach obaig an t-saoghail, gu’n toir e sòlas do’n chridhe, lorg as ùr a thogail air ceum-seòdail na h-òige. Dh’ fhàs an anail goirid ’s an uchd aig cuid de’m eòlaich; is laidh an aois le searg na tathaich air tigh is teaghlaich do’m b’ aithne mo chéilidh bho’n latha sin.

Ach cha’n e sin a thog mo sgial, ged is iongantach na thig a-stigh air duine, nuair a théid a smuaint ’san ealtainn. Aig an àm chiadna, ghabhadh fear-dàimh mo leisgial. Oir có e a thainig fo gheasaibh nam bàrd, a dhealaicheadh soirbh ri guth nam beann; is ri suaicheantas nan laoch a bha astar an t-sléibh’ a’ foillseachadh? Cha’n’eil flùr ann an lios na cruinne, ris an tog Gaidheal inntinn, collach ri fraoch badanach,