Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/85

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
67
CUIRTEARACHD

riamh ri ceann-seanachais gun foighneachd am b’ fhios domh ciod bu chiall do’n fhacal: ‘Mughaire!’ Is cho fad’s is fiosrach mi, cha toireadh e cothrom do neach ’sam bith a fhreagairt.

“Mughaire!” theireadh e fhein ’s a dhà shùil bhiorach a’ boisgeadh air dubhar an aineolais. “Mughaire, bhobaig. Sin agad-sa fear gun sgil, gun sgoil, gun Bheurla.—Mughaire! Gheibh thu gu leòr a’ fàs a-measg nan dubh-Ghall dhiubh.—Mughaire! Agus mo dhi-chuimhn’, c’àit’ an d’ fhàg mi ’n Sasunnach?”


II

B’ éibhinn am bodach, Iain Pìobaire.

Thug mi ’n aire gu’n robh am facal, ‘Sasunnach,’ cho buaireasach dha—’s bu shocair, còir an duine e—ri speach ann an cluas bo-dhàire. “Dìreach, a bhobaig!” dhi-moladh e cho cunabhalach ri pong nan sùrdag ann an Danns-a’-Chlaidheimh. “Dìreach, a bhobaig!” ars’ Iain. “Cha’n’eil anns an t-Sasunnach ach bial is brannag. Dìreach, car collach ri màl na pìob’ agam, na’n robh e seasamh air dà dhos, is e làn gaoithe. Cha b’ ann gun aobhar a thuirt an t-Abrach: ‘Cum a-mach an Sasunnach, is thoir a-stigh an cù.’ Tha fios gu bheil rud nach’eil cneasd annta. Mur a’ bheil, cha mhór air an t-saoghal a ghabhas an leisgial. Co-dhiùbh, cha mhisd iad an sgobadh ud, ged nach’eil e ach faoin taca ris na glamhaidhean mosach a thug iad fhein air càch. Nise, bhobaig! gabh beachd air na their mi; is cha chuir thu an droch fheum air. Bheirinn sgrìobhadh dhut a thug an t-Ogha Mór do dh’ fear ris an canadh