Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/84

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
66
AN T-OGHA MOR

facal a’ bhàird—anns an robh e amasach; is gearradh seanachais—anns an robh brìgh is meomhair, thug e gu minig, linn nan Druidh ’nam aire. Oir bha blàth neart-bodhaig, is inntinn ri fhaicinn air. Agus aon nair ’s gu’n d’rachadh e air mhodh-sgeòil le cùram, thigeadh geasaibh ’na ghuth, a ghlacadh do bheò mar mhac nam feadan ann an comraich a’ chiùil.

A rithisd. Cha tigeadh ceòl ’na b’fheàrr ris na bhi briathrachas bho ghrunnad eachdraidh; ach gu sonruicht, mu eirbheart nam fineachan. Air a’ mhodh so—le comaradh na deadh chuimhne—bhiodh a theagasg air rath cho eagnaidh, ’s gu’n abradh cuid gu’m b’ann bho ionad nan taibhs a bhreithneachadh. Theagamh gu’n robh iadsan de’n fheadhainn nach faiceadh bòcan gus an cromadh a’ ghrian na mullaich.

Lean mi triall na baraile so le tuilleadh sùird, na’n tug ar sgial cead tarruing air.

Tòisicheam mar sin, far am b’àill le Iain fhein a spàl a chur air shiubhal. Is ma’s h-e ’s gu’n léugh thu na leanas, tuigeadh tu lium-sa, nach b’ann idir gun rogh’ an aobhair a chuir e dà cheann air a naigheachd. Aonaidh tu cuideachd, gu’ bheil e mar fhiachaibh orm a dhòigh-labhrach a leantainn ma thig dhomh ciorram mo dhuain a sheachnadh. Mar is minig a thuirt e fhein: ‘Theid an deadh thuathanach thairis air an as-bhuain mun cuir e sguab mu dheireadh ’s a’ mhulan.’

Leis an leisgial so air bhrath, bheir mi ionnsaidh—cearbach is g’am bidh e—air dé dh’ aobhraich càirdeas a’ Phrionnsa ris a’ Mhoraire Godo.

Ma’s math mo chuimhne, cha do ghobaich Iain