Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/89

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
71
CUIRTEARACHD

aige; cha’n’eil ann ach cuspair Sasunnach, co-dhiùbh; is ghabh e’n dòigh fhein da. Chuir e sios eachdraidh ann an dealbh-cluiche, ach le caomhnadh nam facal—mar so:”

Thog Iain a bhois cheàrr, is ruith e criochan le chorraig as leith-oir a’ chéile, cho eagnaidh, soilleir, briathrach, ’s nach robh dragh ’sam bith agam a leanalt.

A’ Chiad Fhosgladh

Am Prionnsa Frederic
Moraire Godo (Làn charaid dha’n Phrionnsa)
Dunoihdeas (Seirbheiseach ìnnleachdach; deadh fhear-ciùil; dannsair deas, le eòlas air fiosachd; is spéuradaireachd ’ga fhilleadh ’na lùib)

SEÒMAR NAN CUILBHEART

[An triùir mu bhòrd]

Am Prionnsa.—Dunoidheas; thuirt thu ’n ceartair gu’ bheil bràthair agad air mhuinntireas aig Smeleidh, an t-Apotacaraidh, Albannach? Tha mhaighstear a’ cur meas air eòlas; c’ ainm a th’ air?

Dunoihdeas.—Cuifein.

Am Prionnsa.—Brod an ainme. Nise, thuig mi bhuat gur h-aithne do Chuifein cungaidh a mheasgnadh nach cnàmh goile. A’ bheil thu ’gam leanalt?

Moraire Godo.—Seadh; an cungaidh sin a leighiseas dragh inntinn na’s momha na dragh bodhaig; ìocshlainnt airson easlainnt, far nach seas an leòn àite gearain do dhithisd.

Am Prionnsa.—Saoil thu, Godo, a’ bheil Dunoidheas