An t-Ogha Mor/1

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
An t-Ogha Mor by Angus Robertson
An t-Ogha Mor
[ 1 ]

AN T-OGHA MOR

Bidh fonn Cabar-féidh ort,
Nuair dh’éireas do chabar ort!

—SEANN ORAN

Is e cuspair nam bàrd a th’ann an Eilean a’ Cheò. Cha’n’eil ’san Iar da choimeas; cha’n’eil ann ach aon Eilean—Eilean a’ Cheò.

Co-dhiùbh sinne chaidh àrach ’na iomaill, ’s e so ar n-aideachadh-gin do’n t-saoghal.

Eilean a’ Cheò: nach fad is cian bho’n a dh’éirich e a tuim an Iar-chuain, mar [1]ailbhinn fhiaclach air am b’àbhaist do thamhaisg na doimhne bhi cumail cuirm an casgraidh. Ach cha’n ann mar sin a shnuadh an diugh; no mar sid an là anns an d’rinn an t-Ogha Mór luaidh air brìgh nam bàrd. ’S ann aige fhein a bha’n t-alt air sùgan nan rann a shniomh; oir tha bhlàth ri fhaicinn ann an cois bial-aithris.

Eilean a’ Cheò: tha tìr-mór a’coimhead lom as aonais; chaill i trian de maise, nuair a dhealaich nàdar bho chéil’ iad le sruth bras nan Caol. Tha stùcan a-ghnàth a’beadradh ri aitealan shniomhach fo neòil; is caoir nan stuadh cìreanach a’breacadh a chladaich. Ach ged a tha bheanntan àrd is corrach, fàsaidh am fraoch na’s guirme mu’n cìochan; is an lusrach na’s truime ann an ùrlar a ghleann. Leumaidh na h-uillt [ 2 ]’nan lùban lachdunn troimh aonaichean ciara; is gheibh earba comraich[2] mu’m bruaichean cas.

Tha dòigh air leith againn fhin air gabhail ri eireachdas ar dùthcha. Cluinnidh sinn—le cluas-amais nan Céilteach—co-cheòl air ghléus ann am barunn nan tonn ’gan iomairt; is caidreadh tiamhaidh ann am borbhan nam fuaran soilleir. Thug figheadair nan duan ’nar measg—an t-Ogha Mór—mion-eòlas bho linn gu linn air cruth-deilbh nan sliabh, nuair a ruagas grian Samhraidh caochladh nan dubhar roimh gnùis. Is ma thogas fonn catha buille-bhras air do chuisle, gheibh thu ann an astar do shiubhail, barpan[3] nan saoidh air tulaich àrd.

Suainidh an ceò ’na ghlaic, mar bhréid-bainnse, na sgùrran anns an dean iolaire nead, is i fad os-cionn ruigheachd an t-sealgair. No ma thig thu air coire fo spréidh, chi thu òighean ann am biorgadh an dreacha; is an sùilean aitidh, mar dhearcan fo chiucharan bhraon a’ soillseadh. Guidh cobhair ma leagas té dhiubh an t-sùil sin ortsa; oir bidh an sealladh ’na sgàthan anns am faic thu taibhsean maireann nan ioma gnè. Làmh riut air àilean grianach, chi thu ionaltradh crodh-laoigh le’n àl; caoraich ’gan iomain gu mainnir ’san ìosal; is, mar chulaidh nan dreach gun chòrnadh[4]—òganan a’ lùbadh le eòin cheileireach air fonn.

Bha gorm fo bhlàth ri leathad na mara; is toiseach aig an t-sìlean air sgiolcadh troimh’n déis, nuair a bhuail bìrlinn Mhic Coinnich,—mac Maor-mór Chinn-t-Sàile—a fiacail ann am Bun Abhainn Lusaidh.

Cha luaithe ghreimich i am port, na leum Iarlom—b’e sin a b’ainm do Mhac Coinnich—beò glan air tìr.

[ 3 ]

II

B’e Liunasdal a bh’ann. Oir cha deachaidh Féill an Ath-leathainn fhathasd seachad. Thachair do’n aimsir a bhi briagha ciùin, mar is tric a dh’amais mu’n àm ud dhe’n bhliadhna. Bha’m pòr fo chinneas air machair, le barr-guc an cunabhalas cho fad ’sa thogadh sùil an comhar radh; is dealt na h-òg-mhaidne a’ cur ri sàth an abuchaidh. Cha robh, mar sin, ach toiseach aig a’ ghréin air cur roimhpe, nuair a bhuail na coigrich lamairig.

“Faodaidh sibh tràghadh a leigeil leis an eithear,” thuirt an t-òganach, do’m b’ainm Iarlom, ri ’sgioba. “Ma theid gu math lium, bithidh mi air ais mun tig an t-ath sheòl-mara. Ach ma tha romhaib dol do’n fhéill, cumaib ‘Tulach Ard!’ ’san aire. Oir cha’n’eil fios dé bhei r latha mu’n cuairt. Tha Tolmaich nan sùilean mùgach romhainn; Clann ’ic Fhraing nam brannag a’ gleidheadh aiseag a’ Chaoil oirnn; Sìol-an-Tuirc air gach fàireadh mar dhórain an conas; ar seann naimhdean—Domhnullaich na làimhe-deirge, toisgeal ar slighe bho Shléibhte. Ac h mur a cluinn sibh guth-mór no droch fhacal, seachnaib mo chuideachda.”

“Cha’n e Faochagan an t-Stratha, no Maothagan Shléibhte, ’bheireadh tilleadh air Cabar-féidh!” fhreagair fear de’n sgioba.

“Tha mi’n dòchas nach’eil an dearbhadh ’gar feitheamh,” leasaich seann-duine a bha na shuidhe, car as an rathad, air tota na stiùire. “Cha bu mhisd ’ur togradh, cuimir nan sreath ’s a’ chruadal.”

“No [5]cuireid nan ìnnleachd baoth,” thill fear.

[ 4 ]“No clach-fhiosachd Choinnich-Odhair,” thuirt fear eile.

Cha robh an còrr ac’ air, ach gu’n a chuir iad cainnt air an seirbheis; is gheall iad faiceall is faireachadh, mar a thagair am fear-cinnidh.

Le ceum socair, mar gu’m biodh cleas na h-inntinn a’cur teagaimh ’na cheann-uidhe, thog Iarlom cas ri rathad. Ach do bhrìgh gu’ bheil sgial math is dona ri h-aithris mu thimchioll, thainig, mar an ciadna, [6]dearcnadh a choslais bho chànain a’ bhàird d’ar n-ionnsaidh.

Mar bu dùth da linn, bha e air éideadh ann am breacan-seilg Chloinn Choinnich. Thigeadh sin gu h-uallach dà. Bha claidheamh air a leis; is dag os cionn gach cruachain aige; biodag ’na truaill ri chrios; sgian-dubh fo bhann an osain; brògan-éille teann mu’n chois; peiteag dhearg le putain chròiceach ’ga dùnadh; is bonaid ghorm, le ite innte, air a fiaradh m’a cheann.

Cha robh e ’coimhead ro àrd; ged nach fàgadh e ach an òirleach de shia troighean. Bha e deanta, tiugh, le dà chalpa cho cruinn, cumadail ’s a lion osan; is féithean a’ seasamh ri iosgaid mar chaol seilich. ’Sann aige fhein a bha na slinneanan air nach deanadh sac dolaidh. Shaoileadh daoi air daraig, gu’n a ghabh e iosad snuadh nan òigh ’na ghnùis. Ach rinn esan dearmad air na bha falach fo ’ruisg. Oir bha teine gun chnàmh anns an dà shùil a bh’aige, nach biodh faoin fo chorruich. Bha iad cuideachd, mar gu ’m b-eadh, a’sùghadh diomhaireachd na cruinne da ionnsaidh; ’sa’ fàgail a rùin a’ cur cinn a-ghnàth air tòimhseagain.

[ 5 ]Bu [7]dhearras le gruagaich a làmh-dheas ga cobhair; ach gu h-àraid, sùgradh a bhilean ri ’cluais, is conaltradh nan crann ’gan tàladh.

B’e sid coltas an uasail—’san dol-seachad—anns ’na ghabh mnathan a’ Chinn-ìochdraich tlachd. Is cha mhomha na sin a bha esan gun an ùidh chiadna anns na bha ri fhaicinn, ’s ri oilean mu’n cuairt da. Bho’n a dh’fhàg e Abhainn Lusaidh, bha’n slios air chrith le crodh ’gan iomain gu féill; is géum air ghnòsad cho guthach ri sniomh nan tonn mu charraig. Chluinnte iomadach seòrsa Gàidhlig ’ga labhairt air an astar ach a bha air bheag blas do mhuinntir an Eilein. Bha Abraich a’ [8]connsachadh bathair mar gu’m biodh a’ chioch-shlugain g’an dìth; Fìnich a’slaodadh nam facal mar troimh chàirean loisgte; Geàrrluich, mar thuairnear, a’rothadh an seanachais; is Sàilich pheircleach a’ deanamh na sùla-bige air a’ chéile; is iad a’di-moladh prìs nan aighean, far an ruigeadh an còmhradh air cluas coimhich.

Dh’fhaoidte nach robh na dròbhairean idir cho cearbach ’nan gnè, ’sa bheireadh òran an Ogha Mhóir a chreidsinn oirnn. Cha bhiodh esan ach a’cur an seòl nan [9]turragan bu mhiann leis gach sgìr a bhi tarruing as a’ chéile mar mhagaid.

Ràinig Iarlom an fhéill air a’ cheann-thall. Ach cha d’rinn e sin gun iomadach sùil a’ laidh air; is iomadh ceist a chur mu dé bu cheann-turuis dha, air nach teireadh an [10]t-adhan fuasgladh. Biodh sin mar a bha: na’n do leigeadh fios-rùin ri dreallaig, thuigeadh fear beachdail an cion-fàth thug Morair òg Chinn-t-Sàile [ 6 ]dh’ionnsaidh Féill an Ath-leathainn. Ach bu lionmhor iad, aig an robh daor-an-ceannach air an latha ’s a theachdaireachd. B’ann diùbh-san Goiridh Mac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil, agus an té a phòs e—Una, piuthar an Ridire Tholmaich.

III

Is e fìor latha Féille bh’ann—latha ’n àidh anns an gabhadh na cnoic tlachd. Bha ’n crodh is aonach orra leis an teas; coin ’gam blianadh ri taobh nan sruthan, ’s iad a’ ceapadh nan creithleag, a bha’g iarraidh do’n teangaidh ’s i mach; bodaich, ’sam buinn an sàs, a’cumail lothan air taoid; bó-laoigh a’teicheadh bho h-aineol is casa-luatha gabhail bealaich oirre; aighean, chaidh a ghiollachd ’san aona chrò, a’ riabadh a’ chéile; is mnathan, le goileam, a’ roinn na coire; brogaich easgaidh a’ deanamh falach-fead mu na bacan; is clann-bheag a’ruith nan lianag, mar dhrìlleachain air tràigh gaineachadh; eòlaich ag ùrachadh càirdeis; coigrich a’tagairt eòlais; luchd-malairt a’bleideil na prìs; bùthnan nam mìlsean trang a’reic, far an cuireadh fleasgach comain air maighdinn; pàilinn na dibhe na bu trainge; oir bha móran a’ gabhail fàth air fionnarachd an dubhair airson crathadh-làmh mu chuach na h-aoidheachd; is uaislean a’spaidsearachd cho curanta ri maoir-mhóra na Lochluinn air an d’rinn Oisein bàrdachd. Bha, mar gu’m b-eadh, an [11]àibheis ann an glaic nam beò: beatha gun deireas an ceann a’ chéile; cànain aosda nan saoidh air [12]trùmh nam bilean; is gun neach idir mu-ruighe nach teòthadh ri fuaim a fàilte.

[ 7 ]Is ann mar sid an t-ionad, agus an gnàth, anns an d’fhuair Iarlom e fhein, an déigh ceithir mìle choiseachd. Chuireadh uibhireachd gu leòr air a’ dol troimh’n bhaile; ach is beag nach deach e as aire measg ùprait is ulla-thruis na féille. Theagamh gur h-e sin bu mhiann leis, na’n rachadh aig air. Co-dhiùbh, cha robh e gun [13]bhoiream air dé an taobh bho’n éireadh conas. Oir dh’fhèach e ri e fhein a dheanamh cho neo-nochdaidh ’sa b’urrainn da le bhi ’cumail a ghluasaid far am bu tibhe ’n sluagh. Ach, mu’n d’thuirt an t-Ogha Mór, ’ga aithris: ‘Chaidh sin leis mar a’ chaidh an taigeis leis a’ chat’.

Bha naimhdean a thighe ’s a chinnidh cho dlùth dha ri truaill do chlaidheamh. Ach comharraichte ’nam measg bha Goiridh Mac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil. Is mar nach robh an dàn ’san t-sìth, bha esan is Clann Choinnich ann an rùn nam biodag da chéile.

Cha b’e en gamhlas-gin buileach, a thog an sgial, no chuir fuath cho [14]dealasach eatorra. Bha cuspair am buaireis cho meachara ri ròs air meanglan lùbach. Nach’eil e cho math domh ìnnse? Oir cha robh iad ’nan aonar, a chaidh an cìnnseal doilgheis air tàilleabh leannain, is a fhuair an t-saothair carraideach. Their cuid, gur math an airidh: seachainn thus an t-olc, is seachnaidh an t-olc thu. Glé cheart! Ach dé tha facal nan seanar ag ràdh? ‘Trì nithean a thig gun iarraidh: eagal, is iadach, is gaol.’

B’i Una, nighean Fhir-Laobhrais, ainnir nan sgìrean air bòichead. Tha òighean na Gaidhealtachd gu léir dreachmhor; ach thug Una, piuthar an Ridire Tholmaich [ 8 ]ri latha bàrr orra. Bha dithisd air an astar, co-dhiùbh, a fhuair am beachd sin, sùgrach ri altrum: Iarlom Mac Coinnich a Ceann-t-Sàile, agus Goiridh Mac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil. Bha iad le chéile ’n geall oirre—gach fear ’na dhòigh fhein. Ach ged nach deachaidh a toil ri rogh’ a teaghlaich, thaobh ise òigeir Chinn-t-Sàile.

Cha robh an t-aomadh gun fhios do Mhac Fhraing. Is an àite gabhail ri togradh an dàin le [15]déisthinn, rùnaich e dhol cala-dhìreach ’na aghaidh. Ach na’n do thuig e bhuil roimh’n mhithich, theagamh gu’n d’fhàs iomadh bachlag ’na aigne, mun do chuir e a rùn an géill.

B’ann air a’ mhodh so, a thug an t-Ogha Mór dhuinn eachdraidh. Dh’ainmich mi na nithean a thachair mar a chuir e fhein cainnt orra. Ach thug e tarruing air rud éiginn no dhà, a bhuineas do mhànran na corra-chagailte; is nach cuir call air meanglanachd mo sgeòil, ged a dh’ fhàgainn a’ [16]chosamail aig sìthichean beaga nan cnoc.

Bha nàbachd fearainn eadar an Ridire Tolmach is Mac Fhraing. Agus bu daor a chreanaich iad fhein is càch air an tuiteamas.


IV

Có esan an tìr nam beò anns nach’eil gaiseadh air choireigin?—Cha’n’eil e ann. Ni momha na sin a bha an Ridire Tolmach. Cha ’n e idir gaiseadh-bodhaig no inntinn a bha cur air; ach tuisleadh beag ris an canadh eòlaich, sannt an t-saoghail—sannt-fearainn, ma dh’ fheumair aideachadh. Fhuair e séilbh air na bh’aige, is tiotal còmhla ris, goirid [ 9 ]an deigh aramach, 1715. Dh’fhaoidte nach biodh e le sin ach a mealladh duais a shaothrach. Ach ma shoirbheich leasan, rug an Sguabag air cuid a bhràthar.

Dlùth do dh’oighreachd an Ridire Tholmaich, bha dà eilean, ris an abrar Scalpaidh, agus Pabaidh. Bhuineadh iad do Mhac Fhraing. Is ged nach robh mac no nighean aig an Tolmach, bha criochadaireachd nan eilean ud a-ghnàth ’nam buaireadh da. Bu toigh leis Mac Coinnich mar bhràthair-céile; ach bu ro thoigh leis ti’n air séilbh nan eilean.

Cha robh ach aon dòigh anns an d’rachadh aig’ air a mhiann a shàsuchadh; b’e sin, a phiuthar—Una shuairce—’thoirt an gealladh-pòsaidh do Mhac Fhraing. Ach an àite tochraidh a bhi leatha, ’s e thainig ’na rùn, cùmhnant a dheanamh dha taobh, airson an dà eilean fhaotuinn da fhein.

Thachair e—is am beachd sin dian a’strìth ris—air Mac Fhraing aig Féill an Ath-leathainn, mu eadradh an latha. Chuir iad fàilt air a’ chéile; is cha b’fhada gus an robh iad air cheum ’sa’ seanachas.

Cha deachaidh’ dad dhe sid as air Iarlom; oir lean a shùil iad gus an d’fhàg iad ionad na féille. Thainig clisgeadh air a chridhe, gu’n robh [17]gùm fo’n ian aca bhiodh fadheòidh a chum dolaidh dha. Chaidh a mheomhair gu grad air uideil; ach dhiùlt i cobhair da amharus is da iomagain. Dé idir a bha ceàrr? Nach do gheall Una a choinneachadh mun teannadh a’ ghrian ri cromadh? Bha e cinnteach as a cridhe, c’arson a chuireadh e teagamh ’na facal? Ciod bu chiall do’n [ 10 ]fhaireachadh shiùbhlach a bha tromadh, ’s a’ tromadh air inntinn? A! cha robh e tuigsinn: bha e faotuinn rabhaidh bho dhruidheachd an dàin, gu’n robh toirmeasg sonais ’ga fheitheamh.

Is beag an rud a chuireas cion-furais air suiridhche, gu h-àraid, ma ghabhas e cùram gu’ bheil fear-bagairt ’ga dhochair. Na’n do sheachainn Mac Fhraing ’san Ridire Tolmach co-chòmhail fo ’shealladh, is math a dh’fhaoidte nach tugadh feitheamh, eadhon gu h-oidhche, an casadh bu lugha air fhoighidin.

Thainig e ’na rùn—’s cha b’ann aon uair—a dhol air tòir na dithisd a thog a bhruaillean; is an cur gu dùbhlan. Ach ged a bheireadh so beagan faochaidh da mhi-thlachd, smaointich e nach biodh stàth no gliocas ann air a’ cheann-thall. Leig e leotha; is leigidh sinne leasan an ceartair, is e gabhail ealla ri dithisd a thòisich ri carachd na b’fhaisg’ air na chòrd ris.


“Nise, Ghoiridh,” labhair an Tolmach cia luath ’s a fhuair iad an rathad dhaibh fhein, “tha thu canail rium gu bheil thu airson Una a phòsadh? Na chuir thu bial air do thogradh dhith? Cha’n ann idir le caog-shùil a bheirear an té ud gu t’achlais.”

“Tha’n fhìrinn air mo bhilean,” fhreagair Goiridh, ’s e deanamh gnè de sheasamh. “Bheirinn na chunna mi riamh na meallainn a làmh.”

“Bhiodh sin soirbh gu leòr dhut,” thionndaidh an Tolmach air a tharsuinn, “na’m bitheadh tu ag amharc air cuid chàich.”

[ 11 ]“Cha’n ann a’deanamh di-meas air mo dhùrachd a tha——”

“Stad, stad!” thuirt an Ridire le gàire. “Neo cha’n fhaigh Caisean cuideachadh. An robh móran agad air an fhéill an diugh? Chuala mi gu bheil prìs chuimseach air aighean is dà-bhliadhnaich.”

“Chuala mi sin,” dh’ aithlis Mac Fhraing, mar nach tuigeadh e có air a bha’n Ridire tighinn. Ach cha dubhairt e an còrr ’san àm.

Chum iad ceum is ceum a’dol gus an d’ràinig iad stoirean-mór Abhainn a’ Choire, far an d’rinn iad suidhe. B’e sid an rathad a dh’ionnsaidh aitreamh an Ridire—Tigh-mór Laobhrais. B’e sid an rathad cuideachd, a ghabhadh Una a dh’ionnsaidh na féille; oir, ged a bha i car fadalach, chìtear a’ coiseachd na sligh’ i, mu bhuillean an ama sin.

Bha bruthach cas ag éirigh bho’ n abhainn, ’s a’ falach an rathaid far an robh e lùbadh do’n àth. Tha brod na drochaid air an làraich an diugh. Ach cha robh iomradh air a leithid ’san linn ud, mur a tigeadh neach thairis air ann am ‘fàisneachd Choinnich Odhair.’


V

Bha Una Tholmach a’ gabhail an rathaid le cridhe cho aotrom ri beadradh leannain air mhire, nuair a thainig i gun fhios gun fhaireachadh air Mac Fhraing ’s a bràthair, is iad ’nan suidhe a’ seanachas.

Thug iadsan le chéile ’n aire dhith; is cha robh leisgial an seachnaidh aice.

[ 12 ]“Una!” dh’fhùc Mac Fhraing fo anail, is buille air a chridhe.

“A’deanamh air an fhéill,” leasaich an Ridire mar chonas. “Cha’n’eil fhios có tha ’ga feitheamh?”

Ràinig an t-saighead am beò aig Goiridh; is a-chionn nach’eil [18]meachainn am farmad, ghuidh e barrachd ’na rùn na chuir an t-Ogha Mór cainnt air.

Aréir na h-inntinn ’san robh i, agus a h-aideachadh fhein, bu lugh’ air Una tachairt air ùraisg aognaidh nan sgialachd, na Mac Fhraing an uair ud. Cha robh gràin ’sam bith aic air. Ghabh i, is chòrd aoidheached a thighe rithe uair is uair. Cha’n fhac i riamh ach uasal ’na ghiùlan e. Dé dha sin? Bha e sean! Ach na’n robh ise de chleachdadh-pòsaidh nan Eallagholach, dh’fhaoidte gu’n a sheachainn an aois buille na h-eadraigin. Thainig na thog a sùil bho chearn eile; ged a bha rudaigin a’canail rithe nach tig an latha mhealladh i rùn a cléibh.

Chual is thuig i rian nam facal a dh’aobhraich i ’san àm eadar an dithisd eile. Ach cha do leig i dad oirre. Oir ghabh i seachad le fàilt an latha chur, ach gann ann am freagairt. Ma ghabh, dh’fhàg i Mac Fhraing ann an sunnd a rinn criadh dheth ann an làmhan a bràthar.

Bha’n Ridire tuilleadh is teuma airson dàil a chur ’na turus. Is cha dubhairt e móran gus an deach i gu math a sealladh.

Cha b’urrainn Mac Fhraing cumail air na b’fhaide. Thug e an dudar-léum air a bhonnaibh, is thog e làmh ri àirde na féille.

[ 13 ]“A’ bheil fios agad cò th’air an astar so an diugh?” dh’fhoighnichd e le rac ’na ugan.

“Ma tà! ’s tu chuir a’ cheist orm,” fhreagair an Tolmach, is e ag éirigh ’na sheasamh. “Ged a b’e Mac Coinnich Chinn-t-Sàile thigeadh le bagairt, bhiodh gu leòr dhut a ghabhail cho teith.”

“Có tha canail nach e Mac Coinnich a h-ann?” thill Goiridh.

“An ann mar so do naigheachd?” thuirt an Tolmach air a shocair. “Cuiridh mi mo chluas dheas air a’ gheall, nach bi duine air an fhéill bho oidhche nach tuig aobhar a chinn-uidhe; agus Una air a’ chiad té.”

“Tha’n fhìrinn agad! Tha’n fhìrinn agad! Ach a’ bheil thu dol ’ga toirt dha?”

“Cha’n e sin a’ cheist,” ars’ an Ridire; “ach a’ bheil thu dol ’ga leigeil leis?”

“Ciamar a théid agam air?”

“Le deadh thagradh, is cridhe fosgailte,” fhreagar an Ridire. “Ach nach’eil e cho math dhuinn sùil a thoirt do’n fhéill, gu’n fhios nach faigh thu deachd.”

“B’fheàrr lium gu mór fhaotuinn mu’n ruiginn an fhéill,” dh’aidich Mac Fhraing. “Bidh sùil agam ri gnìomh nàbaidh uat, co-dhiùbh.”

“Theagamh gu bheil thu ceart an sin,” thuirt an Tolmach, ’s e ’cur a làimhe air gualainn an fhir eile. “Ach an creid mi gu robh thu ann an da-rìribh, nuair a gheall thu na chunnaic thu riamh, na’m biodh Una pòsd’ agad? Tha mi dol a dhearbhadh t’fhacail.”

“Is fiach air duine na gheallas e,” fhreagair Mac Fhraing gu grad.

[ 14 ]Tha toiseach aig an iasg air gabhail, smaointich an Ridire, ’s e ’griobadh Mhic Fhraing air falbh leis. Ach cha robh e airson a rùn a chasadh. Oir bha e làidir dhe’n bheachd gu’m b’ann air tàilleabh Mhic Coinnich a chaidh Una do’n fhéill; is na’n tigeadh do Mhac Fhraing a faicinn ’na chuideachda, fhuair e fhein gun spàirn, na bha dhìth air—còir air Eilean Scalpaidh, is Eilean Phabaidh.


VI

Is gann a nochd Una ri iomall na féille, na bha Iarlom Mac Coinnich ri ’taobh. Rinn iad furan gun aithris ri chéile; oir bha iad air cnàimh an rathaid, is folaiseach do’n t-sluagh. Ach bha esan coma có chitheadh, no chluinneadh e. Bha briathran a dheòin a’ruith air a theangaidh le caomhalachd nach buin ach do Ghàidhlig a mhàin.

“Gu dé tha ceàrr?” thuirt ise le athadh, ’s i ag amharc thar gualainn Mhic Coinnich.

Bha esan anns an togradh nach gabht’ airson sùgraidh. Oir b’ann le lasadh-feirge ’na aodann a lean a shùil an rathad a bha Una a’ coimhead. Ach thionndaidh a chorruich gu cùram, nuair a thug e an aire dha’n dà fhear a chunnaic e carachd an toiseach, is iad ris a’ chleas chiadna nise ri ’thaobh.

Thòisich an sluagh ri dùmhlachadh mu’n cuairt dhaibh. Ach ged nach b’urrainn da rian a chur air ’san àm, mhothaich e gu’n robh an còrr ’ga amharc fhein, na chumadh ri bhaisteadh e. Cha robh cothrom dol as aige, na’n éireadh [19]tuaireap; an rud a bha h-uile [ 15 ]collas air. Thuig e a chunnart; ach, mar bu dual do shìol na Féinne, cha tug a rùn àite-builgidh do gheilt, no dh’eagal.

“Clann ’ic Fhraing ’s a’ Gharbhag-shléibhe ’nam bonaid,” labhair Una beag ’na chluais. “Tha’n aimhreit fodhpa. Coisich liumsa,” ’s i ’cur a làimhe air a ghairdean.

“Cha tig e do Mhac Coinnich e fhein a theanachdas fo sgiatha boirionnaich,” fhreagair e le fiamh gàire, thug rughadh blàth ’na gruaidh agus léum air a cuisle. “A-chionn nach’eil còir le cead agam air do chuideachda, mholainn dhut an fhéill fhàgail. Oir tha eagal orm gu’m bi clò air cleatha bho fheasgar, a bheir a’ Bhean-nighe do’n àllt. Ma gheibh mi cuidhte ’s na greannain so, am faic mi aig an Ath thu a-nochd, agus c’uin?”

“Chi,” ars’ ise, “nuair a dhùinear an duilleag, ’sa sgaoilear am breacan, ’s a théid a’ marbh a thiodlacadh a’ bheò! Buaidh dha d’ laimh, is beannachd do mhisneachd dhut.”

Aig a’ cheart mhionaid a bha Una a’ dealachadh ri Iarlom Mac Coinnich, có thainig air fàireadh ach a bràthair, is Mac Fhraing.

“Nach dubhairt mi riut,” ars’ an Tolmach, cia luath ’s a chunnaic e ’phiuthar, “gu feum fear nan cuaran éirigh uair roimh fhear nam bròg? Cuir Scalpaidh is Pabaidh air ceann-gìll, neo rinn an Sàileach mór an gnothuch ort.”

Sheas Mac Fhraing, is e cur a bhoise fo uilinn, anns an dòigh a bhiodh aig an Ileach ag aoireadh an Donais. Ma thuig e rùn an Ridire, thar-leis, gu’m b’e sid an t-àm [ 16 ]’san cothrom airson iomlaid riaraichte dheanamh dhaibh le chéile.

“Faic so,” thionndaidh e ris an fhear eile. “An latha bheir Mac Fhraing, Una do phiuthar mar chéile-phòsda da chaisteal, ’se do chuid-sa Eilean Scalpaidh, agus Eilean Phabaidh. Oir b’fheàrr lium a bhi dhìth fuinn, na bhi dhìth suim ann an sùilean mo naimhdean.”

“Do làmh le t’ fhacal,” thagair an Tolmach gun a ghuth a chasadh. “An latha phòsas Mac Fhraing agus Una Tholmach, is liumsa Eilean Scalpaidh, is Eilean Phabaidh; agus leotha-san a dh’oighricheas orm, fhad ’s a bheir bó dhubh bainne.”

Dh’aithris Mac Fhraing na briathran mar a fhreagair iad air fhein; is chuireadh crannchur Una gu taobh, mar nach biodh an teagamh bu lugha ’na h-aontachd ris.

Cha robh cuilbheart an fhortain air cuigeil cho cruaidh, na’n deachaidh an cùmhnant a dheanamh aig làraich eile. Oir bha cuspair an seanachais, ’s a cridhe fo iomagain a’ ruith a dh’ionnsaidh a bràthar, a-chum ’s gu’n gabhadh e cùram Mhic Coinnich os làimh. Ach is beag a shaoil i gu’n robh e an dàn dith a bhi casaid riutha-san a bha cheana air lorg cur as do’n òganach, a chuir thuig’ i cho fada.

“Dé chuir an taobh so e,” thionndaidh a bràthair an aghaidh a casaid, “mur a toir e an aire dha fhein? Am fear a théid a chur conas air mathan, ’s math dha ma sheachnas e cuimirean bho na crodhanan aige. Ma thig dad ris, cuiridh sinn clach air a chàrn far an—far ’na thuit e.”

[ 17 ]Chunnaic Una lùbadh na mearachd; ach dh’fhan i air ball ’na tosd. Oir thainig sanas ’na h-inntinn gu’n robh foill ri bruthach ’s a taod mu cluasan. Thug i sùil air fear mu seach dhiubh, dh’fhèach an togadh i comharradh an dàin bho’n gnùis. Ach mur a d’fhuair i dearbh fhianuis air a h-amharus, mhothaich i gu’n robh miann a cridhe ’san t-saoghal, is e ’seasamh aig peilear a bheatha. Bha i, ach gann a’ basraich a h-amhghair, nuair a thug taibhs na misnich beò air a h-aigne; is chuir i cainnt fo h-anail air.

“An t-Ogha Mór” ars’ ise ’s i tarruing gu h-obann air falbh. “Ma tha e ’san iomall, is gu’n teid agam air fhaotuinn,” rùnaich i ’s i ag amharc mu’n cuairt, “tha Iarlom sàbhailte.”

Bha esan far na dh’fhàgadh e, ach ’na chaidh e gu taobh airson nam fear-carachd, a bha sìor-theannadh ris. Chunnaic e gu’n robh ’nam beachd, aimhreit a thogail fa chomhair ge b’oil leis. Ach fhathasd,—ged nach d’fhuair e ’n t-saothair soirbh, no taitneach—chum e air, is bhuapa, dh’aindeoin an ìnnleachd. Cha robh sùil caraide ri fhaicinn, no duine dhe chinneadh air fàireadh. Bha coslas calla, thar-leis, ann an aodann fir no dithisd, nach do dhealaich ri chrudha fad an latha; is iad a-nise biorachadh da ionnsaidh. Thug e aig a’ cheart àm, an aire gu’n robh a’ Gharbhag-shléibhe ’nam bonaidean-san cuideachd—suaicheantas-catha Mhic Fhraing.

Ged a bha Iarlom ’na aonar air raoin, is luchd-éirig ag iarraidh ’na chìrean, cha tainig a’ mùghadh bu lugha air a smearalas. Ghabh e annas, airson sin, nach robh [ 18 ]an sgiob’ aige fhein ri fhaicinn. Ach cha do chaill e an earbsa nach biodh iad mu-ruighe buille-taic, na’n cluinneadh iad ‘Tulach Ard!’ air ghloc. Mhionnaich e, co-dhiùbh ris fhein, gu’m fosgladh blonaig fir no dhà, mun cuireadh iad a dhruim ri talamh. Agus cha robh obaig an dearbhaidh fada bho thaobh.

Ma fhuair, no nach d’fhuair iad stuigeadh gun fhios da, thainig na fir-chomhstrith car air char, gus na thuit iad, [20]tromach-air-shearach, mu chasan. Thug fear, ’san dol-sìos, tàbhadh air a’ sgein-duibh aige; ach léum esan air ais, is mun d’rinn am fear eile bhuinn, bha ’n claidheamh aig Iarlom ri glaic a sgòrnain.

“A dhiùidh nam fiùidh!” labhair e le sèitean ’na ghuth. “Ged is olc a thoill thu e, bheir mi bàs duine dhut,” is a chlaidheamh ag éirigh ’san adhar mar lasair phrunnastain.

Ach mun do thàrr e gniomh a chur an ìre, chual e, guth os-cionn gach caramasg a dh’aithnich e.

“Na tarruing claidheamh air diùidh,” labhair am fear sin ’s e deanamh rathaid da ionnsaidh. “Tha’n t-Ogha Mór ann an so air do chùl, a Mhic Coinnich!”

Leamh ’s g’an robh sin leis, chum Iarlom a chorruich fo cheannsal; agus am feadh ’s a bha bharail air bhogadan, fhuair an garrach as. Ach ma chuirear sgial air fìrinn, cha robh e diombach mar a thachair.

[ Plate ]

Na tarruing claidheamh air diuidh; tha’n Togha Mór air do chùl, a Mhic Coinnich.

[ 18 ]

VII

Bu churaidh air blàr an t-Ogha Mór—cnàmharnach trom de dhuine garbh, ’s a cheann os-cionn an fhir a [ 19 ]b’àirde. B’e fhein is geamhradh an dà-fhichead, na comhaoisean. Ach mar is gnàth do chogais gun mheirg, bha spìd air a barradh ri iollag an t-seana-ghille. Bha mheomhair ann an coimeas ri bhodhaig, is iteachan a’ bhàird maille ris, le cead an Fhreasdail. Oir—mur a canair an t-Ileach fhein—cha robh aig rogha nan Druidh na bheireadh dheth e ann an di-moladh an Fhir-is-miosa. Nuair a thigeadh dha beachd a liubhairt, bhiodh pong ’na sheadhachd. Cha tric nach gabhta ris mar bhinn nan seanar bho rùn gliocais. Bha aoidheachd is ceartas an còmhnuidh air làimh aige; agus cha bhiodh e mar a chuid fhein do’n fhear sin, a thigeadh air le car-tuathal bho bhealach.

Ged a bha thogail a-measg ìochdran, theireadh bean-ghlùine air mhaille, gu’n robh fuil an uasail ’na chuislean.

B’e sid teist a’ cheatharnaich anns na chuir Una a h-earbsa. Thainig i tarsuinn air ’na h-airc,—e ’na shuidh air cnoc, cròileagan mu thimchioll, agus dalladh aig air òran na Féinne.

Cha luaithe chuir i a h-éis ’na chomaine, na rinn esan air an ionad anns an robh Mac Coinnich aig diachainn. Mar a chaidh leis, tha sinn cheana air fhaicinn.

“Fhearaibh!” labhair e le guth anns an amaiseadh cluas-ghiar air magadh, is muigheadh, “an tilgear air Strathach, no Sléibhteach gu’n a sheall e eas-urram do choigreach? Thug ar daoine aoidheachd mar earras d’an cloinn; ach tha mi faicinn ’nar measg na bhuaireadh fear-tathaich ’na aonar. Is cìnnteach nach ann as leith Sgiathanaich a dh’éireadh a’ chearb sin.”

[ 20 ]Dh’éisdeadh ri chasaid; ach cha robh ’san tional na ghluais facal ’na aghaidh.

“Freagraidh mis’ air bhur son,” thuirt e an ceann tacain. “’S e cùiltearachd Chloinn ’ic Fhraing is coireach; ach cha’n ann—buidheachas do’n Fhreasdal!—de shìol an Eilein iad; ged a thachair dhaibh a bhi le cead ’nar measg, mar a bha’n Tiristeach ’s a’ chuideachda. Cuireamaid eireachdas air cleachdadh ar dùthcha, le bhi sealltainn do Mhac Coinnich Chinn-t-Sàile, nach fhiù leinn dol-a-mach an spleadhaire. Cha do chuir Mac Coinnich an còrr na sin a theagamh ’nar gluasad, neo cha tainig e do’n bhaile fo éideadh, is shuaicheantas a chinnidh. Deoch-slainnte ‘Chabar-féidh!’—gach fear mar a chothrom—Aoidheachd do choigreach is cnàmhan prann do naimhdean ar dùthcha!”

Lean iollach an òraid; sgap colgairean na mi-thlachd. Ach goirid na dhéigh, bha bùthnan na dibhe dripeil; cuach an òil deiseal air chuairt; is fàsgadh dhòrn an greim càirdeis.

Mun d’fhàg Una an fhéill ann an comunn a bràthar is Mhic Fhraing—nach do ghabh orra na chunnaic, no chual iad—ghabh i leisgial air Mac Coinnich fhaicinn. Ach bha esan air togail air falbh, ’san t-Ogha Mór le làimh ’na achlais còmhla ris.

Rinn iad còmhail airson sin, an déigh tràth-cadail mar a chuir i air suim an toimhseagain. Thuirt ise gu’n tachradh i ris, nuair a dhùinte an duilleag, ’sa sgaoilte ’m breacan, ’s a rachadh am marbh a thiodhlacadh a’ bheò; agus mhìnich an t-Ogha Mór do Mhac [ 21 ]Coinnich anns an dòigh a leanas e: ‘Nuair a dhùinear an dorus ’s a théid an teine smàladh.’

Dé dha sin! Cha robh stàth anns a’ choinneimh: oir fada mun a chiar an oidhche, bha Una air rèiteach ri Mac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil. B’e sid an dealachadh beò a rinn leòn cràiteach ann an da-rìribh. Bha toil an Tolmaich na lagh dith; oir dhiùlt i brìodal an fhuadaich bho thagradh Mhic Coinnich, ged a bha iallan a cridhe ’gan riasladh.

“Cha do cheadaich an dàn domh sonas,” fhreagair i ri shùgradh blàth. “Ach olc is mar a tha mo chrannchur—’s ann aig Dia tha fios air truimead mo léiridh,—bhiodh e cian na bu mhiosa na’n leanainn mo chridhe ’s do thàladh. Thug mi gealladh do m’ athair air leabaidh a bhàis, gu’m bithinn aontach ri toil an Ridire, mo bhràthair. Tha’n t-aideachadh cruaidh; ach cha bhrist Tolmach fhacal. Is ge b’e idir cho mór a rùn, cha’n e té dhi-chuimhnicheadh a dleasanas, a sheasadh a h-àite ri Maor-mór Chinn-t-Sàile.”

“An e so do naigheachd, agus toradh mo ghràidh dhut?” thuirt e ann am briathran a bha ach gann a’ faotuinn cead ruith bharr a theangaidh.

“Ged is duilich ’s fheudar,” fhreagair i le ceann crom. “Thig e dhomh t’fhàgail mun tarruing mi an tuilleadh dragha ’nad lorg. Is suarach airson sin na tha thu fàgail an Laobhras; oir tha mo chridhe ’s mo dheòin a’falbh leat.”


Chluinnte morbhan an uillt mar chonaltradh nan daoine-sìthe fo iomagain. Bha’n osag le osna ’na h-uchd [ 22 ]a’ lùbadh nan diasan seanga; thigeadh bradan gu boisgeadh na gealaich ’s a’ ghlumaig; agus ian-beag le bìog na bu dlùithe da neadan. Dh’éirich a’ meannan-adhair le clisgeadh ’san lón; leig an gille-brìde biac as air sgeir-chladaich . . . . bha Una air cluasaig is a cadal an iomrall; Iarlom Mac Coinnich, ’s a mhulad an tosd, a’ stiùireadh a bhirlinn air linne Chinn-t-Sàile.

“Rinn iad an gnothuch air Mac Coinnich,” thuirt e diongalta ris fhein; “ach tha latha choin duibh gun tighinn fhathasd.”

Agus b’fhior dha sin.

  1. creag mhór scrotach
  2. àite-dion
  3. cùirn chuimhne
  4. pasgadh
  5. cleas seòlta
  6. dealbh beachdaidh
  7. iarrtas
  8. argumaid
  9. cothrom tilgeannais
  10. sean-fhacal
  11. an t-adhar
  12. càirdeachas soilleir
  13. fathunn le amharus
  14. diarasach dùr
  15. tàmailt le àrdan
  16. rud millte
  17. plan
  18. truas no géilleadh
  19. sabaid le dortadh fola
  20. muin air mhuin