Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/21

From Wikisource
This page has been proofread.
7
AN T-OGHA MOR

Is ann mar sid an t-ionad, agus an gnàth, anns an d’fhuair Iarlom e fhein, an déigh ceithir mìle choiseachd. Chuireadh uibhireachd gu leòr air a’ dol troimh’n bhaile; ach is beag nach deach e as aire measg ùprait is ulla-thruis na féille. Theagamh gur h-e sin bu mhiann leis, na’n rachadh aig air. Co-dhiùbh, cha robh e gun [1]bhoiream air dé an taobh bho’n éireadh conas. Oir dh’fhèach e ri e fhein a dheanamh cho neo-nochdaidh ’sa b’urrainn da le bhi ’cumail a ghluasaid far am bu tibhe ’n sluagh. Ach, mu’n d’thuirt an t-Ogha Mór, ’ga aithris: ‘Chaidh sin leis mar a’ chaidh an taigeis leis a’ chat’.

Bha naimhdean a thighe ’s a chinnidh cho dlùth dha ri truaill do chlaidheamh. Ach comharraichte ’nam measg bha Goiridh Mac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil. Is mar nach robh an dàn ’san t-sìth, bha esan is Clann Choinnich ann an rùn nam biodag da chéile.

Cha b’e en gamhlas-gin buileach, a thog an sgial, no chuir fuath cho [2]dealasach eatorra. Bha cuspair am buaireis cho meachara ri ròs air meanglan lùbach. Nach’eil e cho math domh ìnnse? Oir cha robh iad ’nan aonar, a chaidh an cìnnseal doilgheis air tàilleabh leannain, is a fhuair an t-saothair carraideach. Their cuid, gur math an airidh: seachainn thus an t-olc, is seachnaidh an t-olc thu. Glé cheart! Ach dé tha facal nan seanar ag ràdh? ‘Trì nithean a thig gun iarraidh: eagal, is iadach, is gaol.’

B’i Una, nighean Fhir-Laobhrais, ainnir nan sgìrean air bòichead. Tha òighean na Gaidhealtachd gu léir dreachmhor; ach thug Una, piuthar an Ridire Tholmaich

  1. fathunn le amharus
  2. diarasach dùr