’san cothrom airson iomlaid riaraichte dheanamh dhaibh le chéile.
“Faic so,” thionndaidh e ris an fhear eile. “An latha bheir Mac Fhraing, Una do phiuthar mar chéile-phòsda da chaisteal, ’se do chuid-sa Eilean Scalpaidh, agus Eilean Phabaidh. Oir b’fheàrr lium a bhi dhìth fuinn, na bhi dhìth suim ann an sùilean mo naimhdean.”
“Do làmh le t’ fhacal,” thagair an Tolmach gun a ghuth a chasadh. “An latha phòsas Mac Fhraing agus Una Tholmach, is liumsa Eilean Scalpaidh, is Eilean Phabaidh; agus leotha-san a dh’oighricheas orm, fhad ’s a bheir bó dhubh bainne.”
Dh’aithris Mac Fhraing na briathran mar a fhreagair iad air fhein; is chuireadh crannchur Una gu taobh, mar nach biodh an teagamh bu lugha ’na h-aontachd ris.
Cha robh cuilbheart an fhortain air cuigeil cho cruaidh, na’n deachaidh an cùmhnant a dheanamh aig làraich eile. Oir bha cuspair an seanachais, ’s a cridhe fo iomagain a’ ruith a dh’ionnsaidh a bràthar, a-chum ’s gu’n gabhadh e cùram Mhic Coinnich os làimh. Ach is beag a shaoil i gu’n robh e an dàn dith a bhi casaid riutha-san a bha cheana air lorg cur as do’n òganach, a chuir thuig’ i cho fada.
“Dé chuir an taobh so e,” thionndaidh a bràthair an aghaidh a casaid, “mur a toir e an aire dha fhein? Am fear a théid a chur conas air mathan, ’s math dha ma sheachnas e cuimirean bho na crodhanan aige. Ma thig dad ris, cuiridh sinn clach air a chàrn far an—far ’na thuit e.”