Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/23

From Wikisource
This page has been proofread.
9
AN T-OGHA MOR

an deigh aramach, 1715. Dh’fhaoidte nach biodh e le sin ach a mealladh duais a shaothrach. Ach ma shoirbheich leasan, rug an Sguabag air cuid a bhràthar.

Dlùth do dh’oighreachd an Ridire Tholmaich, bha dà eilean, ris an abrar Scalpaidh, agus Pabaidh. Bhuineadh iad do Mhac Fhraing. Is ged nach robh mac no nighean aig an Tolmach, bha criochadaireachd nan eilean ud a-ghnàth ’nam buaireadh da. Bu toigh leis Mac Coinnich mar bhràthair-céile; ach bu ro thoigh leis ti’n air séilbh nan eilean.

Cha robh ach aon dòigh anns an d’rachadh aig’ air a mhiann a shàsuchadh; b’e sin, a phiuthar—Una shuairce—’thoirt an gealladh-pòsaidh do Mhac Fhraing. Ach an àite tochraidh a bhi leatha, ’s e thainig ’na rùn, cùmhnant a dheanamh dha taobh, airson an dà eilean fhaotuinn da fhein.

Thachair e—is am beachd sin dian a’strìth ris—air Mac Fhraing aig Féill an Ath-leathainn, mu eadradh an latha. Chuir iad fàilt air a’ chéile; is cha b’fhada gus an robh iad air cheum ’sa’ seanachas.

Cha deachaidh’ dad dhe sid as air Iarlom; oir lean a shùil iad gus an d’fhàg iad ionad na féille. Thainig clisgeadh air a chridhe, gu’n robh [1]gùm fo’n ian aca bhiodh fadheòidh a chum dolaidh dha. Chaidh a mheomhair gu grad air uideil; ach dhiùlt i cobhair da amharus is da iomagain. Dé idir a bha ceàrr? Nach do gheall Una a choinneachadh mun teannadh a’ ghrian ri cromadh? Bha e cinnteach as a cridhe, c’arson a chuireadh e teagamh ’na facal? Ciod bu chiall do’n

  1. plan