Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/24

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
10
AN T-OGHA MOR

fhaireachadh shiùbhlach a bha tromadh, ’s a’ tromadh air inntinn? A! cha robh e tuigsinn: bha e faotuinn rabhaidh bho dhruidheachd an dàin, gu’n robh toirmeasg sonais ’ga fheitheamh.

Is beag an rud a chuireas cion-furais air suiridhche, gu h-àraid, ma ghabhas e cùram gu’ bheil fear-bagairt ’ga dhochair. Na’n do sheachainn Mac Fhraing ’san Ridire Tolmach co-chòmhail fo ’shealladh, is math a dh’fhaoidte nach tugadh feitheamh, eadhon gu h-oidhche, an casadh bu lugha air fhoighidin.

Thainig e ’na rùn—’s cha b’ann aon uair—a dhol air tòir na dithisd a thog a bhruaillean; is an cur gu dùbhlan. Ach ged a bheireadh so beagan faochaidh da mhi-thlachd, smaointich e nach biodh stàth no gliocas ann air a’ cheann-thall. Leig e leotha; is leigidh sinne leasan an ceartair, is e gabhail ealla ri dithisd a thòisich ri carachd na b’fhaisg’ air na chòrd ris.


“Nise, Ghoiridh,” labhair an Tolmach cia luath ’s a fhuair iad an rathad dhaibh fhein, “tha thu canail rium gu bheil thu airson Una a phòsadh? Na chuir thu bial air do thogradh dhith? Cha’n ann idir le caog-shùil a bheirear an té ud gu t’achlais.”

“Tha’n fhìrinn air mo bhilean,” fhreagair Goiridh, ’s e deanamh gnè de sheasamh. “Bheirinn na chunna mi riamh na meallainn a làmh.”

“Bhiodh sin soirbh gu leòr dhut,” thionndaidh an Tolmach air a tharsuinn, “na’m bitheadh tu ag amharc air cuid chàich.”