Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/25

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
11
AN T-OGHA MOR

“Cha’n ann a’deanamh di-meas air mo dhùrachd a tha——”

“Stad, stad!” thuirt an Ridire le gàire. “Neo cha’n fhaigh Caisean cuideachadh. An robh móran agad air an fhéill an diugh? Chuala mi gu bheil prìs chuimseach air aighean is dà-bhliadhnaich.”

“Chuala mi sin,” dh’ aithlis Mac Fhraing, mar nach tuigeadh e có air a bha’n Ridire tighinn. Ach cha dubhairt e an còrr ’san àm.

Chum iad ceum is ceum a’dol gus an d’ràinig iad stoirean-mór Abhainn a’ Choire, far an d’rinn iad suidhe. B’e sid an rathad a dh’ionnsaidh aitreamh an Ridire—Tigh-mór Laobhrais. B’e sid an rathad cuideachd, a ghabhadh Una a dh’ionnsaidh na féille; oir, ged a bha i car fadalach, chìtear a’ coiseachd na sligh’ i, mu bhuillean an ama sin.

Bha bruthach cas ag éirigh bho’ n abhainn, ’s a’ falach an rathaid far an robh e lùbadh do’n àth. Tha brod na drochaid air an làraich an diugh. Ach cha robh iomradh air a leithid ’san linn ud, mur a tigeadh neach thairis air ann am ‘fàisneachd Choinnich Odhair.’


V

Bha Una Tholmach a’ gabhail an rathaid le cridhe cho aotrom ri beadradh leannain air mhire, nuair a thainig i gun fhios gun fhaireachadh air Mac Fhraing ’s a bràthair, is iad ’nan suidhe a’ seanachas.

Thug iadsan le chéile ’n aire dhith; is cha robh leisgial an seachnaidh aice.