Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/15

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.

AN T-OGHA MOR

Bidh fonn Cabar-féidh ort,
Nuair dh’éireas do chabar ort!

—SEANN ORAN

Is e cuspair nam bàrd a th’ann an Eilean a’ Cheò. Cha’n’eil ’san Iar da choimeas; cha’n’eil ann ach aon Eilean—Eilean a’ Cheò.

Co-dhiùbh sinne chaidh àrach ’na iomaill, ’s e so ar n-aideachadh-gin do’n t-saoghal.

Eilean a’ Cheò: nach fad is cian bho’n a dh’éirich e a tuim an Iar-chuain, mar [1]ailbhinn fhiaclach air am b’àbhaist do thamhaisg na doimhne bhi cumail cuirm an casgraidh. Ach cha’n ann mar sin a shnuadh an diugh; no mar sid an là anns an d’rinn an t-Ogha Mór luaidh air brìgh nam bàrd. ’S ann aige fhein a bha’n t-alt air sùgan nan rann a shniomh; oir tha bhlàth ri fhaicinn ann an cois bial-aithris.

Eilean a’ Cheò: tha tìr-mór a’coimhead lom as aonais; chaill i trian de maise, nuair a dhealaich nàdar bho chéil’ iad le sruth bras nan Caol. Tha stùcan a-ghnàth a’beadradh ri aitealan shniomhach fo neòil; is caoir nan stuadh cìreanach a’breacadh a chladaich. Ach ged a tha bheanntan àrd is corrach, fàsaidh am fraoch na’s guirme mu’n cìochan; is an lusrach na’s truime ann an ùrlar a ghleann. Leumaidh na h-uillt

  1. creag mhór scrotach