Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/32

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
18
AN T-OGHA MOR

an sgiob’ aige fhein ri fhaicinn. Ach cha do chaill e an earbsa nach biodh iad mu-ruighe buille-taic, na’n cluinneadh iad ‘Tulach Ard!’ air ghloc. Mhionnaich e, co-dhiùbh ris fhein, gu’m fosgladh blonaig fir no dhà, mun cuireadh iad a dhruim ri talamh. Agus cha robh obaig an dearbhaidh fada bho thaobh.

Ma fhuair, no nach d’fhuair iad stuigeadh gun fhios da, thainig na fir-chomhstrith car air char, gus na thuit iad, [1]tromach-air-shearach, mu chasan. Thug fear, ’san dol-sìos, tàbhadh air a’ sgein-duibh aige; ach léum esan air ais, is mun d’rinn am fear eile bhuinn, bha ’n claidheamh aig Iarlom ri glaic a sgòrnain.

“A dhiùidh nam fiùidh!” labhair e le sèitean ’na ghuth. “Ged is olc a thoill thu e, bheir mi bàs duine dhut,” is a chlaidheamh ag éirigh ’san adhar mar lasair phrunnastain.

Ach mun do thàrr e gniomh a chur an ìre, chual e, guth os-cionn gach caramasg a dh’aithnich e.

“Na tarruing claidheamh air diùidh,” labhair am fear sin ’s e deanamh rathaid da ionnsaidh. “Tha’n t-Ogha Mór ann an so air do chùl, a Mhic Coinnich!”

Leamh ’s g’an robh sin leis, chum Iarlom a chorruich fo cheannsal; agus am feadh ’s a bha bharail air bhogadan, fhuair an garrach as. Ach ma chuirear sgial air fìrinn, cha robh e diombach mar a thachair.


VII

Bu churaidh air blàr an t-Ogha Mór—cnàmharnach trom de dhuine garbh, ’s a cheann os-cionn an fhir a

  1. muin air mhuin