Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/35

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
21
AN T-OGHA MOR

Coinnich anns an dòigh a leanas e: ‘Nuair a dhùinear an dorus ’s a théid an teine smàladh.’

Dé dha sin! Cha robh stàth anns a’ choinneimh: oir fada mun a chiar an oidhche, bha Una air rèiteach ri Mac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil. B’e sid an dealachadh beò a rinn leòn cràiteach ann an da-rìribh. Bha toil an Tolmaich na lagh dith; oir dhiùlt i brìodal an fhuadaich bho thagradh Mhic Coinnich, ged a bha iallan a cridhe ’gan riasladh.

“Cha do cheadaich an dàn domh sonas,” fhreagair i ri shùgradh blàth. “Ach olc is mar a tha mo chrannchur—’s ann aig Dia tha fios air truimead mo léiridh,—bhiodh e cian na bu mhiosa na’n leanainn mo chridhe ’s do thàladh. Thug mi gealladh do m’ athair air leabaidh a bhàis, gu’m bithinn aontach ri toil an Ridire, mo bhràthair. Tha’n t-aideachadh cruaidh; ach cha bhrist Tolmach fhacal. Is ge b’e idir cho mór a rùn, cha’n e té dhi-chuimhnicheadh a dleasanas, a sheasadh a h-àite ri Maor-mór Chinn-t-Sàile.”

“An e so do naigheachd, agus toradh mo ghràidh dhut?” thuirt e ann am briathran a bha ach gann a’ faotuinn cead ruith bharr a theangaidh.

“Ged is duilich ’s fheudar,” fhreagair i le ceann crom. “Thig e dhomh t’fhàgail mun tarruing mi an tuilleadh dragha ’nad lorg. Is suarach airson sin na tha thu fàgail an Laobhras; oir tha mo chridhe ’s mo dheòin a’falbh leat.”


Chluinnte morbhan an uillt mar chonaltradh nan daoine-sìthe fo iomagain. Bha’n osag le osna ’na h-uchd