Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/18

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
4
AN T-OGHA MOR

“No clach-fhiosachd Choinnich-Odhair,” thuirt fear eile.

Cha robh an còrr ac’ air, ach gu’n a chuir iad cainnt air an seirbheis; is gheall iad faiceall is faireachadh, mar a thagair am fear-cinnidh.

Le ceum socair, mar gu’m biodh cleas na h-inntinn a’cur teagaimh ’na cheann-uidhe, thog Iarlom cas ri rathad. Ach do bhrìgh gu’ bheil sgial math is dona ri h-aithris mu thimchioll, thainig, mar an ciadna, [1]dearcnadh a choslais bho chànain a’ bhàird d’ar n-ionnsaidh.

Mar bu dùth da linn, bha e air éideadh ann am breacan-seilg Chloinn Choinnich. Thigeadh sin gu h-uallach dà. Bha claidheamh air a leis; is dag os cionn gach cruachain aige; biodag ’na truaill ri chrios; sgian-dubh fo bhann an osain; brògan-éille teann mu’n chois; peiteag dhearg le putain chròiceach ’ga dùnadh; is bonaid ghorm, le ite innte, air a fiaradh m’a cheann.

Cha robh e ’coimhead ro àrd; ged nach fàgadh e ach an òirleach de shia troighean. Bha e deanta, tiugh, le dà chalpa cho cruinn, cumadail ’s a lion osan; is féithean a’ seasamh ri iosgaid mar chaol seilich. ’Sann aige fhein a bha na slinneanan air nach deanadh sac dolaidh. Shaoileadh daoi air daraig, gu’n a ghabh e iosad snuadh nan òigh ’na ghnùis. Ach rinn esan dearmad air na bha falach fo ’ruisg. Oir bha teine gun chnàmh anns an dà shùil a bh’aige, nach biodh faoin fo chorruich. Bha iad cuideachd, mar gu ’m b-eadh, a’sùghadh diomhaireachd na cruinne da ionnsaidh; ’sa’ fàgail a rùin a’ cur cinn a-ghnàth air tòimhseagain.

  1. dealbh beachdaidh