Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/27

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
13
AN T-OGHA MOR

“A’ bheil fios agad cò th’air an astar so an diugh?” dh’fhoighnichd e le rac ’na ugan.

“Ma tà! ’s tu chuir a’ cheist orm,” fhreagair an Tolmach, is e ag éirigh ’na sheasamh. “Ged a b’e Mac Coinnich Chinn-t-Sàile thigeadh le bagairt, bhiodh gu leòr dhut a ghabhail cho teith.”

“Có tha canail nach e Mac Coinnich a h-ann?” thill Goiridh.

“An ann mar so do naigheachd?” thuirt an Tolmach air a shocair. “Cuiridh mi mo chluas dheas air a’ gheall, nach bi duine air an fhéill bho oidhche nach tuig aobhar a chinn-uidhe; agus Una air a’ chiad té.”

“Tha’n fhìrinn agad! Tha’n fhìrinn agad! Ach a’ bheil thu dol ’ga toirt dha?”

“Cha’n e sin a’ cheist,” ars’ an Ridire; “ach a’ bheil thu dol ’ga leigeil leis?”

“Ciamar a théid agam air?”

“Le deadh thagradh, is cridhe fosgailte,” fhreagar an Ridire. “Ach nach’eil e cho math dhuinn sùil a thoirt do’n fhéill, gu’n fhios nach faigh thu deachd.”

“B’fheàrr lium gu mór fhaotuinn mu’n ruiginn an fhéill,” dh’aidich Mac Fhraing. “Bidh sùil agam ri gnìomh nàbaidh uat, co-dhiùbh.”

“Theagamh gu bheil thu ceart an sin,” thuirt an Tolmach, ’s e ’cur a làimhe air gualainn an fhir eile. “Ach an creid mi gu robh thu ann an da-rìribh, nuair a gheall thu na chunnaic thu riamh, na’m biodh Una pòsd’ agad? Tha mi dol a dhearbhadh t’fhacail.”

“Is fiach air duine na gheallas e,” fhreagair Mac Fhraing gu grad.