An t-Ogha Mor/7

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
An t-Ogha Mor by Angus Robertson
Cuiltearachd

[ 104 ]

CUILTEARACHD

Tha’n coileach fialaidh mu chuid an eich

—SEAN-FHACAL


Mur do thog mi Iain Pìobaire ceàrr, bha gnè de dhùil aig an Ridire Tholmach ri Mairearad. Ach ged a bha e eòlach cheana air ’na bha fo’n ian aice, cha do thuig maor no nàbaidh có an taobh a ghabhadh e ann an gléus nam fineachan.

Bha Foirbeasach Chul-odair trang is dùrachdach a’ ciallachadh nan Ceann-feadhna, far an amaiseadh e orra le teumachd beòil no teachdaire. Ach bha dithisd air nach d’rinn a chasaid ach glé bheag deargaidh—Mac Leòid Dhun-bheagain agus an Ridire Tolmach. Dh’fhaoidte Domhnullach Shléibte chur air an ràmh chiadna riutha, na’n robh an aigne aige fo’n aona seòl iomairt.

Cha do chleith eachdraidh an cnàmhan doilleir a bha eadar Domhnullach Shléibhte, agus Mac Leòid. Bha piuthar an Domhnullaich pòsd’ aig an fhear eile; ach ma’s fior na dh’aithriseadh, cha b’e duais nam ban a shealbhaich i còmhla ris.

Ged a bha Anna Dhomhnullach air slighe nan taibhs bho chionn iomadh latha, bha grùid na corruich, a chuir a droch ghiollachd air a bràthair, fhathasd air a shiubhal gun sìoladh. Is cha b’ann aon uair a thainig e faisg air buaireas-fola thogail eadar an dà [ 105 ]chinneadh. Ach, mar a bhios ìmpidh an duine ghlic ’na ghreim caraide, ghluais Foirbeasach Chul-odair le buaidh ’san eadraigin.

Leig an Domhnullach an gnothuch bàs—cho fad ’s a chitheadh duine-eile. Ach bhòidich e, airson sin, gu’m biodh esan an aghaidh Mhic Leòid, cia b’e dé an taobh a ghabhadh e aig aramach nan Stiùbhartach. Air an làimh eile, bha amharus aig Mac Leòid gur h-ann mar sid a bhitheadh; is cha robh gleachd ’san stairsnich a dhìth air, na’n gabhadh e seachnadh.

B’aithne do’n Fhoirbeiseach mar a bha gnothuch a’ seasamh; is gu’n robh gamhlas, air uairean, cho fiachail aig cinneach ri cliù. Agus, mar dheadh fhear-feòirne, chunnaic e an rathad anns an obraicheadh sin a-chum math na rìoghachd.

Fhuair e, air a’ mhodh sin, ìnnleachd air fathunn ioma-ghobach, a chumail a’ dol eadar Dun-bheagain is Sléibhte. Far na chaill casaid, chladhaich seòltachd talamh-toll. Is e bhuil a thachair, gu’m faca Mac Leòid nach biodh e soirbh a ghealladh do Lochiall a chomhlionadh, fhad ’sa bhiodh an Domhnullach, mar bhroc, a’ feitheamh an fharaidh.

B’ann mar sid a bha builgeadh na h-agairt a-measg sàr fhineachan an Eilein, nuair a thaghail Mairearad Nic Uaraig air an Ridire Tholmach ann an Tigh Mór Laobhrais, mu’n àm ’san tainig Prionnsa Teàrlach do Mhùideart.


II

Na’n do chuir e stigh ri fonnarachd na sgeòil, thug Iain Pìobaire tarruing air mar a thainig Nic [ 106 ]Uaraig a dh’ionnsaidh na h-earbsa, anns am facas i an ceartair. Ach ma bha, no nach robh an caochladh fios aige air a gluasad an déigh do’n Ogha Mhór Lunnain fhàgail, cha do dh’ainmich e. Cha d’thuirt e, urrad fraochain air balt mu’n chùis, ach gu’n robh i air fadhairt gach tograidh, mar ghruagach a chailleadh a miadh ’san teallaich.

“Ach,” labhair e is e ag amharc a-nunn ’sa nall, cho glic ri chomhachag air dreallaig, “ma’s miann leat a bhi dh’easbhuidh frionas nam baoth, cum ri foirichean t’eòlais. Tha e nàdarra gu leòr a’ cheist a chur: ‘C’arson a rachadh fios-seadhach na rìoghachd a chur ann an leisgial Mairearad Nic Uaraig?’ Mu ta! bheir mise fios dhut air. Nise, mar is aithne dhuinn, bha mealladh anns an nighinn ud, nach robh idir cneasda. Tha cuid de fhleasgaich cho tograch ris an t-seana-mhaighdinn, a thuirt nach toireadh i dùil de phòsadh, fhad ’sa bheireadh dris fuil as a lurgainn. B’ann diubh sin an Ridire Tolmach. Is thug e sùil bradain ri leum-uisge, no, mar a sgrìobh an t-Ogha Mór, sùil adaig air maghar oirre; ach nuair a chunnaic e i a’ suidhe mu choinneamh ’na thigh fein, bha e, agus a chridh’ air dubhan aice, cho cinnteach ri bodach air dòrbh. Airson Mhic Leòid Dhun-bheagain, ged nach robh esan buileach ’na fhleasgach, bha’n fhuil na bu teoth’ ann. Agus b’e Mairearad am biathadh a rùnaich am Foirbeiseach, a thigeadh ri snòtach gach fir aca. Dhuine! Dhuine; nach beag an rud a chuireas an saoghal [1]trulainn. Tha e teagasg do’n fhear a thuigeas, gur fheàrr cridhe air dheadh bheús na innidh nam [ 107 ] feachd. Ach a dh’aindeoin so uile, tha rioba nam boirionnach ri sheachnadh. Oir is ioma fear a chuir iad a shiubhal an t-saoghail le chuid aodaich air bhàrr bata.”

Cha bhiodh e ach mar mhairc na comhairle thug Fionn air Diarmad, cur na aghaidh, is dh’aontaich mi leis.

Chunnaic mi nise gu soilleir cho furasda agus a thigeadh fosgladh a cinn-uidhe do Mhairearad. Ach tha cuideigin eile air am feum mi iomradh a thoirt, mun téid aisnean ar naigheachd a dhùmhlachadh. Is e sin Goiridh Mac Fhraing, no Mungan Tuathal.

Cha b’e gàirdeachas nam feachd ri blàr a bha ti’n fodha-san. Chaill e chuid, agus—aréir bial-aithris—a chliù. Airson na bha dh’fhios air a’ chaochladh, bha e fo’n a’ choill fad còrr is fichead bliadhna. Cha chuala, ’s cha do dh’fheòraich e riamh, de dh’éirich da mhnaoi, ’s a leanabh-mic, bho’n oidhche rinn Clann Choinnich falloisgear de ’chaisteal.

Tha cuid fhathasd a ghabhas a leisgial le aobhar, agus a chanas gu ladarna, gur h-e a leanabh fhein is luaithe bhaisteas an sagart; is nach b’ann gun fhios do dh’Iarlom Mac Coinnich, a ghabh e ris an iomlaid a rinn Ealasaid, a’ bhean-ghlùine, air leanaban an dà theaghlaich. Cha b’ann bho Iain Pìobaire thainig am [2]buatham orm. Agus an uair a chuir mi ceist ris mu thimchioll, thuirt e nach robh ann ach gusgal bhoirionnach is iomairt a chroin bho’n airc do’n éigneach.

[ 108 ]

III

Fhuair mi a-mach, co-dhiùbh, nach robh dad ri aithris air Mac Fhraing ach an t-seòltachd; no ri mholadh da, ach mar a cheil e le riochdan coimheach, có è, an déigh dha tilleadh a Lunnain—far an robh e ’cumail bùtha ghunnachan fad iomadh bliadhna.

Cha d’fhuaras riamh an dearbhadh, dé bha ’san amharc aige ann àm bliadhna Theàrlaich. Bha Iain Og a’ canail nach robh nì ’na thogradh ach dìoghaltas. B’ann de’n bheachd sin a bha Iain Pìobaire cuideachd; is thug e ceann-aobhair leis na lorg e uime.

“Faic so,” ars’ esan. “’S e Clann Choinnich a rinn ‘fear air chàrn’ de Mhac Fhraing. Chaill e Scalpaidh, is Pabaidh air tàilleabh a chleamhnais ris an Ridire Tholmach. Airson na tha dh’fhios aig càch air, cha’n fhaca chuid, no dhaoin’ e fad fichead bliadhna ’san còrr. Nise, bhobaig, nach minig a thuirt Iain Og fhein, gun téid dùthchasachd an aghaidh nan creag. Mar a dh’fheitheas fitheach ri ròic, dh’fhuirich Mungan Tuathal, no Goiridh Mac Fhraing——”

“No Moisean ri latha,” thairg mi ann am earras air eòlas nan sean-fhacal.

“No Moisean ri latha! le do chead,” dh’aithris e mar chomaradh do’m oidhearp air beurrachd. “Tha e collach,—ged nach deanadh Fionn luaidh air,—gu’m b’fheàrr le Mac Fhraing teicheadh math, na droch fhuireach. Mur a h-aithne dhut chean’ e, chaidh am fearann aige chur a-stigh ri cuid Fhir-a’-Choire; esan nach tug aghaidh air tràigh ach an latha dheanadh e maorach——”

[ 109 ] “An e sin am Fear-a’-Choire thug air muinntir Bhreacais sgòrnanan nan caorach ac’ a ghearradh air eagal agus gu’m biodh iad ri’m fangadh airson dol thar criochaibh an fhearainn aige?”

Bha fiosam gu math gu’n robh mi suas ri ochd fichead bliadhna thar mo threothair; ach bha mi ann an rùn air barail Iain Phìobaire fhaotuinn air an éucoir ghàbhaidh ud.

“A bhobaig!” thionndaidh e cho crosda ’s gun a shaoil mi gur h-ann rium fhin a bha e. “’S math dhut an là anns an d’rugadh tu, seach mar a bha’n t-àm anns an robh muinntir nan ceàrna so a’ cumail fearainn-àitich ri Fear-a-’Chaoil, agus a’ ruamhar Aisig air leith-coise da. Cha’n iongantach ged a bheireadh iad an dubh-mhollachd air uachdrain; oir is ioma latha diachainneach a dh’fhuiling iad fodhpa. Ach ’s fhada sin bho ubagan Mhic Fhraing. Nise, dé bu nàdarra dhà-san ach a dhìchioll a dheanamh airson ‘mar-a-bha’ thoirt a seadhachas na bha dol. Dh’fhaoidte gu robh dìoghaltas fo’ na chùlaig aige cuideachd. Is cha’n’eil teagamh nach robh. Ach dh’fhairslich orm riamh a thuigsinn—oir cha tug an t-Ogha Mór fianuis ’sam bith air—c’arson a bha Mac Fhraing cho diarasach an aghaidh nan Stiùbhart——”

Thainig na léugh mi de dh’eachdraidh Bliadhna Theàrlaich a-stigh orm; is thuirt mi mar thoradh air, gu’m faodadh e bhith gu’n robh Mac Fhraing de’n bheachd, gu’n leanadh Clann Choinnich éirigh na h-àbhaist—is e sin leis na Stiùbhartaich.

“Có chanas nach fhaod an fhìrinn a bhi agad?”

[ 110 ]fhreagair Iain le casad beag. “Oir is iomadh àite neònach anns an tig i uaireannan.”

“Cha tig an aois le fhein chuideachd,” thuirt mi ’na choinneamh. Oir ma dh’ìnnseas mi-fhin an fhìrinn, cha do chòrd a fhreagairt rium. Ach tha e collach, nach b’ann airson dragha chur orm a bha e, a-chionn ’s gu’n a dh’aidich e gu’n robh mi ceart a-thaobh Chloinn Choinnich.

“Tha còmhnadh gamhlais mar fhliodh ri bun cuiseig,” lean e roimhe. “Na seasadh Domhnullach Shléibhte, an Ridire Tolmach, is Mac Leòid ri togairt a’ Chrùin, nach robh iad faisg gu leòr air Cinn-t-Sàile, airson Mac Coinnich a mhilleadh? Có ris am b’fheàrr do’n tigeadh an sgrios sin na ri Mac Fhraing?”


IV

Air do dh’ Iain alt is dreach a chur an lorg a bharalach thug e an ath-tharruing air Mairearad Nic Uaraig ann an Tigh Mór Laobhrais; agus mar a bha Mungan Tuathal, is an Ridire Tolmach a’ cur ri gléusdachd a turuis.

Ged nach tug an Ridire urras ’sam bith do dh’Fhoirbeasach Chul-odair, cha robh teagamh idir dé an taobh air am bitheadh e. Agus bha’n togradh sin a-nise air a dhaingneachadh le mealladh-gnùise na h-ainnir’ a thaghail air an-ceartair.

Cha’n’eil na’s fhiach ri aithris mu thimchioll an comhairle nach aithne dhuinn cheana. Ach tha e freagarrach gu’n cuirinn seanachas air puing no dhà a dh’éirich ri linn an comhstrith.

“Cha’n’eil an teagamh is lugha,” ghlacas Mungan [ 111 ] a’ sparradh, “nach’eil an t-Ogha Mór is Iain Ruairidh ri obair oidhche tha ’g aomadh oigridh a’ chinn-ìochdraich gu aobhar nan Stiùbhartach. Is ged a chanas an Ridire ’n dràsda ruinn gu’m bìth na Tolmaich air taobh a’ Chrùin, tha eagal orm gur h-e Iain Ruairidh am fear a dhearbhas a’ chaochladh.”

“Iain Ruairidh,” dh’aithris Mairearad. “Có esan?”

“Freagraidh mise sin,” thuirt an Ridire. “Sin agad-sa mac bràthar domh——”

“Esan a bha Lunnain mu sheachd, no h-ochd de bhliadhnaidhean air ais,” bhrist Mairearad le ùidh nach do thog amharus.

“Dìreach,” fhreagar an Ridire. “Cha deachaidh gnothuichean an sin leis. Oir thìll e dhachaidh; is cha tug e làmh air nì a chruthaich an t-saoghal, ach ag iasgach ’s a’ dol mu’n cuairt còmhla ri muinntir eile ’n àite.”

“Airson na bha dh’fhios agad-sa air,” leasaich Mungan. “Ach cha b’ann na thàmh a bha e idir. Cuiridh mi mo chluas air a’ gheall, neo cha’n’eil eadar an Aird is Rudha na Caillich a dhiùltadh buille far am biodh an t-Ogha Mór is Iain Ruairidh ’ga tagairt.”

“Ah!” thionndaidh Mairearad mar gu’n tigeadh rud ùr ’na h-inntinn. “Có aige tha cumhachd an rìgh anns an Eilean Sgiathanach?”

“Có is mór-mhaor a tha thu ciallachadh?” thuirt Mungan. “Ma ta, ìnnsidh mi sin dhut: Mac Leòid Dhun-bheagain, nuair a thig e do Phort-rìgh.”

“Tha e agam,” arsa Mairearad. “Agus mar so. Tharruing Iain Tolmach a chlaidheamh air a’ Phrionnsa

[ 112 ] Frederic, is theich e fhein is Mac Neacail a Lunnain an déigh dithisd dhaoine mharbhadh. Feumaidh Mac Leòid an lagh a chur an géill is Iain Tolmach a thoirt gu binn. Tha e mar fhiachaibh air an Ridire Tholmach am fios sin a chur a dh’ionnsaidh Mhic Leóid. Saoilidh mi nach caill fear seach fear agaibh air an earail.”

“Cha bu toigh lium gu’n éireadh gu h-olc dha fo’m làimh-sa,” thìll an Ridire.

“Cha’n’eil àrach, no dol-as agad air,” thuirt ise. “Oir cha’n éirich gu math dha, co-dhiùbh ni thu do dhleasanas no nach dèan. Ma dhiùltas thu, nach’eil e soirbh gu leòr dhut tuiteam far an seas thu?”

“Tha Nic Uaraig ceart,” dh’aontaich Mungan. “Bu chòir fios a leigeil gu Mac Leòid gun dàil. Nach math a thigeadh an turus ri Rob Crotach. Chanainn,” thuirt e an déigh stad beag, “nach biodh e idir na chall do dh’oighreachd an Tolmaich, an t-Ogha Mór a bhi as an rathad. Chunnaic mise latha anns nach robh urrad de mheachainn anns an Ridire Tholmach. Dé eile ni thu ach an t-Ogha Mór fhaotuinn as an rathad?”

’S e bhuil a bh’ann, nach fhacas na bu riatannaiche na fios a chuir a dh’ionnsaidh Mhic Leòid Dhun-beagain, mar a bha gnothuch ’san t-Strath. Thainig iad co-dhiùbh do’n cho-dhunadh gu’m biodh e iomchuidh an t-Ogha Mór a thoirt fo chuing an lagha aig an dearbh àm ud.

Chunnaic an Ridire,—na’n d’rachadh leotha—gu’n cuireadh e gu math a-stigh ris fhéin. Agus ged bu [ 113 ] chàirdeach da chéil’ iad, thug sannt an t-saoghail a thrùmh an dolaidh.

B’ann aig an tionndadh so, a chuir Iain Pìobaire beurrachd an aoir ann am facal dìtidh air Fear-a’-Choire.

“Nach e an lon mosach a rinn greim air,” dh’earalaich Iain “nuair a reic e a ghnè ’sa chàirdeas air peighinn cho suarach?”

Thuirt mi gur a dòcha gu’n robh sùil aige ’san àm ri Nic Uaraig a bhi na bean da thigh.

“A bhobaig!” fhreagair e gu math conasach cuideachd. “Cha b’e té fhuadain le sgròban clamhain a thigeadh air Tigh Mór Laobhrais. Creid mi. Is fheàrr anail an aoidh na tairmleich an duine ghlic. Bean càirdeal ri do cho-chréutair; is canaidh siorruidheachd gur a math a rinn thu. Oir tha deadh ghniomha mar chlacha-mìle: ni iad an rathad cothromach do’n fhear a tha’n eisimeil stiùiridh. Agus siùbhlaidh an sàth aige mar mholadh bàird air mac na h-aoidheachd.”

Bha mi leis anns gach nì a dhearbh ’s a theagaisg e. Ach mur am fac thu Gaidheal air thogail, cha tuig thu rian nam facal a chuir e an co-labhairt do dh’Eilidh, ri linn dith far-chluais a dheanamh air na thachair air an fheasgar ud. Ach ‘mar a thuiteas cliabh gun iris, théid a’ bhriag do h-ionad fein.’

Thuirt Iain Piobaire mar sin rud; is b’aithne dha seadhachd an t-sean-fhacail.

  1. gun rian
  2. Cainnt gun chuimse