feachd. Ach a dh’aindeoin so uile, tha rioba nam boirionnach ri sheachnadh. Oir is ioma fear a chuir iad a shiubhal an t-saoghail le chuid aodaich air bhàrr bata.”
Cha bhiodh e ach mar mhairc na comhairle thug Fionn air Diarmad, cur na aghaidh, is dh’aontaich mi leis.
Chunnaic mi nise gu soilleir cho furasda agus a thigeadh fosgladh a cinn-uidhe do Mhairearad. Ach tha cuideigin eile air am feum mi iomradh a thoirt, mun téid aisnean ar naigheachd a dhùmhlachadh. Is e sin Goiridh Mac Fhraing, no Mungan Tuathal.
Cha b’e gàirdeachas nam feachd ri blàr a bha ti’n fodha-san. Chaill e chuid, agus—aréir bial-aithris—a chliù. Airson na bha dh’fhios air a’ chaochladh, bha e fo’n a’ choill fad còrr is fichead bliadhna. Cha chuala, ’s cha do dh’fheòraich e riamh, de dh’éirich da mhnaoi, ’s a leanabh-mic, bho’n oidhche rinn Clann Choinnich falloisgear de ’chaisteal.
Tha cuid fhathasd a ghabhas a leisgial le aobhar, agus a chanas gu ladarna, gur h-e a leanabh fhein is luaithe bhaisteas an sagart; is nach b’ann gun fhios do dh’Iarlom Mac Coinnich, a ghabh e ris an iomlaid a rinn Ealasaid, a’ bhean-ghlùine, air leanaban an dà theaghlaich. Cha b’ann bho Iain Pìobaire thainig am [1]buatham orm. Agus an uair a chuir mi ceist ris mu thimchioll, thuirt e nach robh ann ach gusgal bhoirionnach is iomairt a chroin bho’n airc do’n éigneach.
- ↑ Cainnt gun chuimse