Uaraig a dh’ionnsaidh na h-earbsa, anns am facas i an ceartair. Ach ma bha, no nach robh an caochladh fios aige air a gluasad an déigh do’n Ogha Mhór Lunnain fhàgail, cha do dh’ainmich e. Cha d’thuirt e, urrad fraochain air balt mu’n chùis, ach gu’n robh i air fadhairt gach tograidh, mar ghruagach a chailleadh a miadh ’san teallaich.
“Ach,” labhair e is e ag amharc a-nunn ’sa nall, cho glic ri chomhachag air dreallaig, “ma’s miann leat a bhi dh’easbhuidh frionas nam baoth, cum ri foirichean t’eòlais. Tha e nàdarra gu leòr a’ cheist a chur: ‘C’arson a rachadh fios-seadhach na rìoghachd a chur ann an leisgial Mairearad Nic Uaraig?’ Mu ta! bheir mise fios dhut air. Nise, mar is aithne dhuinn, bha mealladh anns an nighinn ud, nach robh idir cneasda. Tha cuid de fhleasgaich cho tograch ris an t-seana-mhaighdinn, a thuirt nach toireadh i dùil de phòsadh, fhad ’sa bheireadh dris fuil as a lurgainn. B’ann diubh sin an Ridire Tolmach. Is thug e sùil bradain ri leum-uisge, no, mar a sgrìobh an t-Ogha Mór, sùil adaig air maghar oirre; ach nuair a chunnaic e i a’ suidhe mu choinneamh ’na thigh fein, bha e, agus a chridh’ air dubhan aice, cho cinnteach ri bodach air dòrbh. Airson Mhic Leòid Dhun-bheagain, ged nach robh esan buileach ’na fhleasgach, bha’n fhuil na bu teoth’ ann. Agus b’e Mairearad am biathadh a rùnaich am Foirbeiseach, a thigeadh ri snòtach gach fir aca. Dhuine! Dhuine; nach beag an rud a chuireas an saoghal [1]trulainn. Tha e teagasg do’n fhear a thuigeas, gur fheàrr cridhe air dheadh bheús na innidh nam
- ↑ gun rian