Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/123

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
105
CUILTEARACHD

chinneadh. Ach, mar a bhios ìmpidh an duine ghlic ’na ghreim caraide, ghluais Foirbeasach Chul-odair le buaidh ’san eadraigin.

Leig an Domhnullach an gnothuch bàs—cho fad ’s a chitheadh duine-eile. Ach bhòidich e, airson sin, gu’m biodh esan an aghaidh Mhic Leòid, cia b’e dé an taobh a ghabhadh e aig aramach nan Stiùbhartach. Air an làimh eile, bha amharus aig Mac Leòid gur h-ann mar sid a bhitheadh; is cha robh gleachd ’san stairsnich a dhìth air, na’n gabhadh e seachnadh.

B’aithne do’n Fhoirbeiseach mar a bha gnothuch a’ seasamh; is gu’n robh gamhlas, air uairean, cho fiachail aig cinneach ri cliù. Agus, mar dheadh fhear-feòirne, chunnaic e an rathad anns an obraicheadh sin a-chum math na rìoghachd.

Fhuair e, air a’ mhodh sin, ìnnleachd air fathunn ioma-ghobach, a chumail a’ dol eadar Dun-bheagain is Sléibhte. Far na chaill casaid, chladhaich seòltachd talamh-toll. Is e bhuil a thachair, gu’m faca Mac Leòid nach biodh e soirbh a ghealladh do Lochiall a chomhlionadh, fhad ’sa bhiodh an Domhnullach, mar bhroc, a’ feitheamh an fharaidh.

B’ann mar sid a bha builgeadh na h-agairt a-measg sàr fhineachan an Eilein, nuair a thaghail Mairearad Nic Uaraig air an Ridire Tholmach ann an Tigh Mór Laobhrais, mu’n àm ’san tainig Prionnsa Teàrlach do Mhùideart.


II

Na’n do chuir e stigh ri fonnarachd na sgeòil, thug Iain Pìobaire tarruing air mar a thainig Nic