Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/126

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
108
AN T-OGHA MOR


III

Fhuair mi a-mach, co-dhiùbh, nach robh dad ri aithris air Mac Fhraing ach an t-seòltachd; no ri mholadh da, ach mar a cheil e le riochdan coimheach, có è, an déigh dha tilleadh a Lunnain—far an robh e ’cumail bùtha ghunnachan fad iomadh bliadhna.

Cha d’fhuaras riamh an dearbhadh, dé bha ’san amharc aige ann àm bliadhna Theàrlaich. Bha Iain Og a’ canail nach robh nì ’na thogradh ach dìoghaltas. B’ann de’n bheachd sin a bha Iain Pìobaire cuideachd; is thug e ceann-aobhair leis na lorg e uime.

“Faic so,” ars’ esan. “’S e Clann Choinnich a rinn ‘fear air chàrn’ de Mhac Fhraing. Chaill e Scalpaidh, is Pabaidh air tàilleabh a chleamhnais ris an Ridire Tholmach. Airson na tha dh’fhios aig càch air, cha’n fhaca chuid, no dhaoin’ e fad fichead bliadhna ’san còrr. Nise, bhobaig, nach minig a thuirt Iain Og fhein, gun téid dùthchasachd an aghaidh nan creag. Mar a dh’fheitheas fitheach ri ròic, dh’fhuirich Mungan Tuathal, no Goiridh Mac Fhraing——”

“No Moisean ri latha,” thairg mi ann am earras air eòlas nan sean-fhacal.

“No Moisean ri latha! le do chead,” dh’aithris e mar chomaradh do’m oidhearp air beurrachd. “Tha e collach,—ged nach deanadh Fionn luaidh air,—gu’m b’fheàrr le Mac Fhraing teicheadh math, na droch fhuireach. Mur a h-aithne dhut chean’ e, chaidh am fearann aige chur a-stigh ri cuid Fhir-a’-Choire; esan nach tug aghaidh air tràigh ach an latha dheanadh e maorach——”