Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/127

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
109
CUILTEARACHD


“An e sin am Fear-a’-Choire thug air muinntir Bhreacais sgòrnanan nan caorach ac’ a ghearradh air eagal agus gu’m biodh iad ri’m fangadh airson dol thar criochaibh an fhearainn aige?”

Bha fiosam gu math gu’n robh mi suas ri ochd fichead bliadhna thar mo threothair; ach bha mi ann an rùn air barail Iain Phìobaire fhaotuinn air an éucoir ghàbhaidh ud.

“A bhobaig!” thionndaidh e cho crosda ’s gun a shaoil mi gur h-ann rium fhin a bha e. “’S math dhut an là anns an d’rugadh tu, seach mar a bha’n t-àm anns an robh muinntir nan ceàrna so a’ cumail fearainn-àitich ri Fear-a-’Chaoil, agus a’ ruamhar Aisig air leith-coise da. Cha’n iongantach ged a bheireadh iad an dubh-mhollachd air uachdrain; oir is ioma latha diachainneach a dh’fhuiling iad fodhpa. Ach ’s fhada sin bho ubagan Mhic Fhraing. Nise, dé bu nàdarra dhà-san ach a dhìchioll a dheanamh airson ‘mar-a-bha’ thoirt a seadhachas na bha dol. Dh’fhaoidte gu robh dìoghaltas fo’ na chùlaig aige cuideachd. Is cha’n’eil teagamh nach robh. Ach dh’fhairslich orm riamh a thuigsinn—oir cha tug an t-Ogha Mór fianuis ’sam bith air—c’arson a bha Mac Fhraing cho diarasach an aghaidh nan Stiùbhart——”

Thainig na léugh mi de dh’eachdraidh Bliadhna Theàrlaich a-stigh orm; is thuirt mi mar thoradh air, gu’m faodadh e bhith gu’n robh Mac Fhraing de’n bheachd, gu’n leanadh Clann Choinnich éirigh na h-àbhaist—is e sin leis na Stiùbhartaich.

“Có chanas nach fhaod an fhìrinn a bhi agad?”