fhreagair Iain le casad beag. “Oir is iomadh àite neònach anns an tig i uaireannan.”
“Cha tig an aois le fhein chuideachd,” thuirt mi ’na choinneamh. Oir ma dh’ìnnseas mi-fhin an fhìrinn, cha do chòrd a fhreagairt rium. Ach tha e collach, nach b’ann airson dragha chur orm a bha e, a-chionn ’s gu’n a dh’aidich e gu’n robh mi ceart a-thaobh Chloinn Choinnich.
“Tha còmhnadh gamhlais mar fhliodh ri bun cuiseig,” lean e roimhe. “Na seasadh Domhnullach Shléibhte, an Ridire Tolmach, is Mac Leòid ri togairt a’ Chrùin, nach robh iad faisg gu leòr air Cinn-t-Sàile, airson Mac Coinnich a mhilleadh? Có ris am b’fheàrr do’n tigeadh an sgrios sin na ri Mac Fhraing?”
IV
Air do dh’ Iain alt is dreach a chur an lorg a bharalach thug e an ath-tharruing air Mairearad Nic Uaraig ann an Tigh Mór Laobhrais; agus mar a bha Mungan Tuathal, is an Ridire Tolmach a’ cur ri gléusdachd a turuis.
Ged nach tug an Ridire urras ’sam bith do dh’Fhoirbeasach Chul-odair, cha robh teagamh idir dé an taobh air am bitheadh e. Agus bha’n togradh sin a-nise air a dhaingneachadh le mealladh-gnùise na h-ainnir’ a thaghail air an-ceartair.
Cha’n’eil na’s fhiach ri aithris mu thimchioll an comhairle nach aithne dhuinn cheana. Ach tha e freagarrach gu’n cuirinn seanachas air puing no dhà a dh’éirich ri linn an comhstrith.
“Cha’n’eil an teagamh is lugha,” ghlacas Mungan