Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/51

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
35
MAC FHRAING MU DHEIREADH

“Mar a thubhairt thu! Agus giorra-shaoghail a thoirt do bhean a’ mhoraire!” chagair Ealasaid. “’S ni sinn sgiobalt e.”


∗             ∗

Mu àird-fheasgair an latha sin, chualas gu’n d’ rugadh oighre do Eilean Donnain. Ach aig tuiteam na h-oidhche, bha pìobaire mall-cheumach a’ deanamh siubhal nam bròn air còmhnard-mullaich a’ chaisteil. Bha tuireadh is cràdh a’ sruthadh fann bho fheadan, agus srann-ghlaodh nan dos a’ giùlain cumha gu cladach. Air mullaich nan àrd, bha tamhaisg aognaidh a’ tional ’s iad ag osnaich ri dol seachad nam marbh. Bha’n osag ’ga tacadh le fras-luchd nan diar, is luasgan nan tonn bòcach a’ cur thuige le achanaich. Chualas bas-shlacadh na Bean-nighe ’san allt: chluich pìobaire Mhic Coinnich bròn-cheòl a’ mhulaid . . . thriall bana-mhorair Eilean Donnain.