Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/50

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
34
AN T-OGHA MOR

de thogalach Mhic Fhraing nan cliar; bean a thighe gun a righeadh air an fhuar-leabaidh, agus taibhsean milltearan athar a leanaibh, casa-góbhlach air còirichean teaghlach a dhlighe. Dé tha ceàrr?—an oidhche ’s a’ latha! Thoir taing dha t’athair nach ann bho shìol Chloinn Choinnich ’tha sinne. Dé tha ceàrr nach cuir mise ceart?”

“Ciamar? Ciamar?” leith-ghlaodh Seònaid, ’s a h-aodann a’ bànadh le corruich an dìoghaltais.

“A! sin e!” thuirt Ealasaid mar rithe fhein. “Rud nach ’eil an dàn cha tachair. An oidhche ’s a’ latha! Choimhlion mi cheana bòid mo gheallaidh.”

“Ciamar, ciamar?” sgriach an té eile ’ga cainnt-chasgadh, ’s i ’gabhail a’ [1]ghiorsa.

“Mar is math is aithne dhuinn, gun a bhi ’n eismeil bruain, no biodaig,” fhreagair Ealasaid le bathais shreamaich. “Na dh’asaideadh té do fhrithealaidh fhathasd?”

“Tha mi feitheamh na gairme.”

“’S math mar a tha chùis,” thuirt Ealasaid le fuar-ghuth a chuir oillt air a piuthair. “Tuigidh tu nise mi. Ma’s e gille bhios aice, cha’n fheum e bhi beò; ach ma’s nighean e, bheir thu do’m ionnsaidh-sa so i. Cuimhnich, a Sheònaid, gur e tha so, miar mu dheireadh de shìol Mhic Fhraing. Tha e ’n dràsda ’nar comas—mise ’s tusa—saoghal fada thoirt dhà. An dean thu e? Greas ort! Greas ort! Cha’n ’eil ach aon dòigh air a cho-dheanamh—aon dòigh.”

“Dhia cobhair thu! An ainm an Fhreasdail, an e chlann iomlaid a tha dhìth ort?” fhreagair Seònaid le [2]plìn-aghaidh ghruamaich.

  1. corruich le deòin
  2. gàire le feirg (grin)