Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/49

From Wikisource
This page has been proofread.
33
MAC FHRAING MU DHEIREADH

“’s a tha ’gad chumail fhein a’ tionndadh nan éibhlean ’s a’ caithris na h-oidhche. Nach fhior dhomh sid? An deachaidh bean Mhic Coinnich ’na clàirean fhathasd?”

“M’ anam! cha deachaidh,” fhreagair an té eile. “Ach c’arson a tha thu foighneachd?”

“An oidhche ’s a’ latha, Sheònaid! Cha’n ann gun fhios c’arson a bheireas cearc ugh; faodaidh tu bhi deimhinn as. Shiubhail bean Mhic Fhraing an raoir; agus so agad leanabh a cuim,” labhair Ealasaid, ’s i aig a’ cheart àm a’ tilgeadh sgòid de bhreacan Chloinn ’ic Coinnich gu taobh. Bha’n leanabh ’na shuain-chadail. “Nise, Sheònaid,” lean i air aghart, “is clann an aon athar is mhàthar sinn le chéile. A-chionn ’s gur h-e mise is sine, bidh tu air do stiùireadh lium. Ach fuirich ort,” chagair i le coimhead-fiaraidh. “A’ bheil sinn saor bho fhar-chluais?”

Air do Sheònaid a h-amharus a thraoghadh, dh’ fhoighnichd, i, có bu dhlùth-dàimhe do’n dithisd aca?

“Cò ach Clann ’ic Fhraing, gun a bhi ladarna,” dh’ abair Seònaid.

“Ma tha sin mar sin, théid dleasanas ri dàimh,” ars’ Ealasaid.

“An ainm an àidh! dé tha ceàrr?” dh’ aithris Seònaid a-rithisd.

“Dé nach ’eil ceàrr!” fhreagair Ealasaid. “Dé! ach gu bheil an Caisteal Maol ’na chuail-chnàmh agus Mac Fhraing a’ toirt an t-saoghail fo cheann. Sin agad dé tha ceàrr. Dé tha ceàrr?—Dé ach gu bheil Clann-Choinnich an déigh tein’-aighir a dheanamh

B