BEUD IS BACADH
Beiridh bean mac, ach ’s e Dia ni an t-oighre
—SEAN-FHACAL
Le car-tuathal ’na diomb, is an iomlaid fo h-achlais, dh’fhàg Ealasaid—a’ bhean-ghlùine—leanabh-gille Mhic Fhraing air cùram a peathar ann an Caisteal Eilean Donnain. An déigh cur-as da màthair, phaisg i am pàisde nìghne—air ’na dh’asaideadh Bana-mhorair Mhic Coinnich—ann am brat-crochaidh ri h-uchd; is rinn i a rathad a-mach cho luath ri fiolan an cóinnich. Dh’ fhèach gille-faire, ’s e ag armadh gléus a chuilbheir, ri a stad; ach ghuidh ise, droch condrachd air a ladarnas, agus chum i roimhpe.
Cha b’e còmhail, no bagairt a thigeadh ri ana-cneasdachd a turuis.
Bha i ann an sunnd aognaidh. Agus mur a b’e gu’n tug i bòid da piuthair, seasamh ri chaochladh, fhuair naoidhean a gamhlais saoghal goirid. Ach a dh’aindeoin so fhein, bha ròineag a bheatha ’n crochadh air bearradh cugalach. Oir bha oibreachadh cealgach a’ toirt a’ chridh’ aice gu taobh. Is ann aig an dàn a tha brath, dé dh’éireas do chuspair a cnuasachd.
Theagamh gur h-e colunn gun iochd a bha’n Ealasaid, aréir beusan na gineil nach d’fhuair, ni momha thuigeas iad, an dàimh a bha ceangal an t-sluaigh ri’n ceann-