Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/45

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
31
MAC FHRAING MU DHEIREADH

mionaide no dhà, rinn e seasamh-sòraidh ’san dorus, ’s a smeigead air uchd. Mionaid no dhà eile, agus dh’ fhalbh Mac Fhraing gu ruige caidir na dùbhlachd dhorcha.


III

Thill Ealasaid air ais do sheòmar na bana-mhoraire. Dh’ fhèach, ach cha b’urrainn i a chleith oirre, an iargain dhòlasach a’ dh’ fhàg Mac Fhraing ’na h-aithne.

“O! sàbhail mo leanabh,” ghuidh Una, ’san sealladh fad-as ’na sùilean. “Ann an éirig t’anma, tha e mar fhiachaibh ort an dochann a sheachnadh air. O! am bàs!—Dé th’ann, Ealasaid? Mo leanabh! O! mo leanabh! Tha’n t-searg-ghruaim mhór ’na deann a’ seòladh tarsuinn an aiseig. Thig am Moraire Goiridh ’na thràth; ach cha’n ann gu fàilt a mhnatha. Gabh a-stigh a thannaisg air son sac do thuruis. Tha dubhar nan nial a’ slugadh mo léirsinn; cha’n fhaic mi ’ghrian. Tha do mhàthair a’ dol air astar ionadan siar na taibhse; ach iathaidh bith-spiorad mo ghràidh mu bhruaichean t’àite-cadail. Ealasaid, cè do làmh: na di-chuimhnich mo leanabh lag-choiseach. Sid e siubhal air oiteag nan diar—Tha na sgóthan a’ sìoladh seachad. Ealasaid!—mo leanabh—mo—lean——”

Stad a h-anail; dh’ fhàg an solus a sùilean, agus bha Ealasaid leis a’ mharbh ’na h-aonar.

Anns an uair sin bhrùchd earras nan tosd a’ làthair—am balbh-ealain a dh’ iathas mu aigne nam beò, ’s a bheir uamhas gu leaba-chlisgidh a’ chridhe. Bu chrannchur nam béud e ann an da-rìribh; ach cha d’ fhuair e Ealasaid gun a tapadh.