Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/46

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
32
AN T-OGHA MOR

“Cha’n éirich gu h-olc do’n ròineig a’s lugha de dh’ fhuiltean a chinn,” bhrunndail Ealasaid, ’s i pasgadh an leanaibh ann an seasgair a breacain. “Cha dochainn anail gràidh thu, a mhaotharain laig!”

Mu ghlòmanaich an latha-màireach, leigeadh seana chailleach, is ultach ’na h-achlais, an taobh a-stigh de bhalla mór Eilean Donnain.

Tha e ri aithris mu’n daingneach so, gu’n robh toiseach aig na saighdearan Spàineach air suidheachadh freiceadain a dheanamh ann ’san àm. Bliadhna no dhà as déigh sin, bha iad ’nam meadhoin air an t-seana chaisteal a leagail ’na chuail-chnàmh. Ach buinidh an taobh-sgial so do dh’ aimsir eile. Is ma gheibh mi rath air clàr-ùine, lorgaidh mi rian a màthar-ghuir mar a chuireadh mo nàbaidh—am fear-seanachais—blas oirre.

Air do dh’Ealasaid foighneachd dé bu chor do bhean-uasal a’ chaisteil—thachair dhise a bhi air a laidhe-siùbhla cuideachd—sheòl cuideigin i a dh’ ionnsaidh seòmar-feitheimh na bean-ghlùine.

Bha faileas lasraichean nan cnapan giubhais a’ dannsa mar chleasaichean fanaid, ceithir thimchioll a’ bhalla. Agus mu choinneamh bràdair mór teine, bha cailleach chrom-shrònach, liath, ’s i brodadh na beò-ghrìosaich le sgonnan maide.

“An tusa tha so, Ealasaid, an ainm a’ chlobha?” dh’ fhàiltich an t-ònaran fo mùgan. “Dhia cobhair mi! Gu dé ’n t-aon nì chuir thu ann an so mu’n taca so latha?”

“An t-aon aobhar, ’s dòcha,” fhreagair Ealasaid,