Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/44

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has been proofread.
30
AN T-OGHA MOR

a-nochd, a cheann. Ach,” ’s e ’tionndadh a shùl air an [1]leabaidh-eothair, “gun fhios dhise tachraidh e.”

Dh’ fhosgladh dorus an t-seòmair, agus thainig Ealasaid air ais—nì a chuir casg air cuibhleadh uidealach a smuaintean.

“Tha gnothuch àraid agam riut, Ealasaid,” chagair e ’na cluais. “Coinnich an tall-an-tuirc mi an taobh a-stigh de leith-uair.” ’S gun fuireach ri freagairt dh’ halbh e mach air a shàil.

Cha do ruith an ùine buileach, gus an d’ fhuair Ealasaid i fhein ’san leith-ionad sin de ’n chaisteal ris an abrar ‘tall-an-tuirc’; bha ’Moraire Goiridh cheana feitheamh oirre.

“Cluinn toirm-spairt na gaillinn,” thòisich e cho luath ’s a ràinig i. “Nise, creid mi! Beanaidh iargaltas na h-aimsir-challa rium na ’s bàigheala na iadsan tha ’n nochd air mo thòir. Ge b’ e dé mar a thachair e, tha bhuaidh le Cloinn Choinnich an tràth so. Thuit uile-dhìon a’ Chaisteil; ’s e sin na tha feum dhut a chluinntinn. Ach a-chionn ’s nach ’eil e an comas feairt no fuirteachd a’ chùis a leasachadh, is tusa ris an earb mi maotharan neo-chiontach na cìche, is oighre Mhic Fhraing, fhaotuinn sàbhailte bho ’n aitreabh so. Aon chùmhnant eile: tagh am bàs dha fhein ’s da mhàthair, na iad a thuiteam an làmhan a’ chreachadair. A! an oidhche dhuabhara, agus dìon-sgàile nan ailbhinn oillteil a bheir cothrom teichidh do Mhoraire Chaisteil Mhaoil. ’S i so an oidhch’ a chì Mac Fhraing fo’n choill ’na shònrach.”

Thilg e lùib a’ bhreacain thar a ghualainn. Fad

  1. ri uchd bàis