Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/205

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
187
FOILL, IS A’ MHOINTEACH-MHOR


“Bidh pàipearan air a shiubhal,” labhair i beag, “is gheibh thu ìnnleachd air am faotuinn. Ni thu sin air Port Mór Lusaidh, far an tachair oifigeach airm, le bàt’ is sgioba riut. Ma chuireas e ceist ort——?”

“Nirre! bhana-charaid,” chaisg Raitean, “ged a chuireadh cha’n’eil Beurl agam.”

“Na gabh cùram,” cheadaich i; “oir bi de Ghàidhlig ’nam measg na thuigeas tusa. Bheir thu dha na litrichean, agus an té so, còmhla riutha——”

“Stad a bhan-charaid,” thuirt e mar mhollachadh, “nach’eil thu deanamh cunntas shlat gun aodach? Ach lean ort.”

“Cha’n’eil eagal orm a-thaobh na cuid sin deth,” fhreagar Mairearad; “gu h-àraid fhad ’sa bhios tu fhein a’ deanamh faire-chlamhain air na cearcan.”

“Tha thu amasach,” shodalaich esan; oir chòrd am freagairt ris. “B’fheàrr lium gu’n cuala mo sheanmhair thu.”

“Có aig tha fios nach dean i sin fhathasd,” thìll Mairearad mar bhriaghachd. “Oir nach minig a chual thu, gu’m faod gnothuch an rìgh ti’n rathad cailleach nan cearc.”

“An diabh——!”

“Tog ort, a bhalaich,” thuirt i ’ga stad. “Cum an còrr airson an fhir Ghallda. So dhut an litir; is lìbhrig i mar a dh’iarr mi roimhe. Cuimhnich, aig a’ cheart àm, gu bheil cuid a’ ghill’ easgaidh air gach mèis. Tha do dhuais romhad; is faiceam fhin mar a chosnas tu e.”

Bha’n còrr dhe’n t-seanachas a’ stiùireadh mar a bheireadh Raitean a cheann-uidhe gu buil; is far an