Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/206

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
188
AN T-OGHA MOR

coinnicheadh e ri Mairearaid a-rithisd, chum fianuis a thoirt air ’na dh’earbadh ris.

Dh’fhàg i le facal brosguil air a bilean; is thug bruthach Seònaid a sealladh i. Bha Raitean a’ feitheamh ri tighinn a’ Ghoill cho foighidneach ri sealgair gurabanach Loch Aisig—is ’na bu lugha meachainn.


V

Rudanaich e gléus an daga, dh’fhèach an robh e ag oibreachadh ceart. Chunnaic e gu’n robh lag na spoire ’sam fùdar tioram. Is air eagal gu’n d’rachadh e thar a chuimse, thomhais e àirde-duine air muin eich bho’n talamh, ri bun craoibhe a bha làthair. Gu ruige ’sam ball anns an amaiseadh e air a chridhe eadar an dà shlinnein, chomharraich e gu h-eagair ’na shùil e. Eadhon an dearbh àit’ anns an tiodhlaiceadh e am marcaiche ’san t-each anns a’ Mhòintich-mhóir, bha e nise aig’ air bhrath.

Am feadh ’s a bha e cur rian air teachdaireachd an aoig ’na inntinn, nochd fear a mhanaidh bho Laobhras ’se marcachd.

Thog Raitean an rathad cia luath ’s a ràinig e; is mar a tha suiridhe nan Lathurnach—cha’n’eil bruidhinn ann—chum iad romhpa gu bog, balbh ris a’ chladach gus an robh iad seachad air a’ Ghlas-Eilean. Gun fhios nach fhaic eòlaich-chuairt an taobh a threòraich Raitean as an rathad, tha e ri aithris, gu’ bheil collas na ceàrna so, tur air atharrachadh seach mar a bha e nuair ud. Am fear nach cumadh ri cnàimh an rathaid ri linn mo sgeòil, is math mur a tuiteadh an tarbh-coille air—no