Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/204

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
186
AN T-OGHA MOR

le guth cho ìosal, is gur gann a rinn Raitean greim air. “Ach fuirich a-rithisd ort! Am beil fios agad co-dhiùbh a tha Iain Tolmach is Mac Neacail, mór aig a’ chéile?”

“Ri dà cheann eich,” fhreagair esan an gearradh-facail, ’s e deanamh mothar gàire còmhla ris.

“Nach tu tha mear,” labhair Mairearad, is dubh air a clisgeadh gu’n tugadh e an car aisde.

“Nirre,” thìll Raitean. “Faodaidh an losgann gàire dheanamh air cnoc. Ach cha’n e sin bùr mo mhire, mu’n d’thuirt thu, ach na sùilean a bha thu cur ort ris na speuran, bho nach’eil’ios c’uin! Thug thu dhomh daga, is collas cabhaig ort; bha mi ri t’fhear rathaid a thoirt——”

“Foighidinn bheag,” chaisg i air a socair. “Tha fios agad dé th’ann an litir, na’m faiceadh tu i?”

“Gu math,” fhreagair e. “Oir is iomadh té a thug mi bho Iain Ruairidh a dh’ionnsaidh Mac Ionghuinn na h-Airde dhiubh.”

“O!” thuirt Mairearad. “Bha dùileam nach robh Iain ach ri iasgach?”

“Nirre! bhana-charaid. Eirigh tonn air uisge balbh, mu’n d’thuirt mo sheanmhair ri Mac Iain Ghasda.”

Cha robh Mairearad buileach cinnteach co-dhiùbh ’se ghléusdachd no ghearradh-cainnte bu mhomha chuir a dh’ioghnadh oirre. Ach fhuair i mach na bha dhìth oirre; is e sin, nach b’ann a ruith na cuthaig a rachadh e leis na dh’earbta ris.

Le ìmpidh fhoghainteach gu leòr, sheall i dha na bha aige ri dheanamh nuair a thigeadh an t-Eilgneach.