Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/203

From Wikisource
This page has not been proofread.
185
FOILL, IS A’ MHOINTEACH-MHOR


cùmhnant sgrìobhaidh fhaotuinn bho Mhac Shimidh, a dhearbhadh có an taobh air an togadh e cìrean.

Am fear nach’eil an aodann na creige, cha bhi eagal air gu’n tuit e. Ghlacadh an sionnach thar fhaicill. Dé rinn Mac Shimidh ach fear-earbsa—Eilgneach eòlach a chuir air turus-cùnraidh le Mairearad Nic Uaraig do’n Eilean Sgiathanach. Thug e dà litir dha—té a dh’ ionnsaidh an Ridire Tholmaich, is té eile airson Shir Alasdair Shléibhte. A-thaobh Mhic Leòid Dhun-bheagain, cha robh e buileach cinnteach dé cho fad ’s a bha cleamhnas an Fhoirbeisich ’ga aomadh.

Bha e cho eòlach air àmhailtean na h-aimsir ud ’s a tha brìdean ’san tràigh. Is tha e ’na annas gu’n tainig sgleò air fear a bheireadh an car as an Donas, air an trotha, bha sid. Oir thug na litrichean a sgrìobh e an uair ud, a cheann do’n ealaig mu dheireadh a làithean.

Bha, co-dhiùbh, am fios-pìnn a chuir e air theachdaireachd leis an Eilgneach, ’na chunnart dha fhein ’s da naimhdean. Is cha robh Mairearad gun a h-oilean mu’n ghnothuch. Có rachadh an urras nach éireadh Clann Domhnuill, an déigh gach ìmpidh a thachair, na’n ruigeadh cuireadh-catha bho Mhoraire mór Chloinn Fhriseil iad.

Thigeadh e mar sin dith, na bha ’na ghleidheadh fhaotuinn, ged a b’e lochd is bàs an ceannach air—am bàs mar rogha.

Ma bha a rùn air slighe cho duachnaidh, cha bhiodh e ’na ioghnadh idir ged a shealladh i le ùidh air an fhreasdal a chuir Raitean gu làimh.

“Bidh an Gall glas an so a dh’aithgearr,” thuirt i