Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/187

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
169
GLEUSDACHD


tha i sàbhailte gu leòr. Cuiridh i ’n còrr is mìle stigh riutha.”

“An toireadh duais thu troimhp’ air feadh na h-oidhche?”

“Bi sin aréir na duais,” fhreagair e. “Agus a-rithisd co-dhiùbh ’s e deòin, no aindeoin a’ bhios a’ stuigeadh an teachdaire.”

“Cha’n’eil e collach,” thuirt ise, “gu’n tig muir gun stiùireadh ort. Is mur do mheall mo bharail mi, tha fiosam air neach, a dheanadh moit ri cluinntinn mu d’ bheo. Cha’n’eil thu a-measg do dhaoine fhein a bhalaich?”

“O!” leith-osnaich e. “Gu dé ’ur gnothuich-se, có mise, no mo dhaoine?”

“A-chionn gur h-aithne dhomh có thu, agus t’athair, ni mi gniomh caraide riut ma dh’fhaodas mi. Nise. Tha thu ri ar toirt tre na mhòintich. Na gabh ort air chor ’sam bith a thogas amharus a’ ghille so—gu’ bheil cunnart ’san t-slighe. Ma’s àill leat, is gu’n tig thu dh’ionnsaidh Tigh Laobhrais bho àm cadail, cuiridh mi nì ’na t’earbsa ni duine dhiot. Gabh romhad, ’s na brist facal tuilleadh gus an iarr mis’ ort.”

‘Tuigidh mi-fhin rud ma-leith,’ thuirt Raitean ’na rùn ’s e togail an rathaid air thoiseach. Dh’fhàg e an cipe-caoil far an robh e; is an dòchas ’ga ruigheachd nach tigeadh air tilleadh ris tuilleadh, no slat dheth a chur a dheanamh cléibh-mòine. ‘Co aige tha brath,’ smaointich e, nach dean a’ bhana-choigreach so feum dhomh? Is e’ n Sealbh a chur an rathad i; ma tha e ’n dàn domh ti’n air a h-éir, dh’fhaoidte gu’m bi mi ’na