Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/188

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
170
AN T-OGHA MOR


mo dhuine mór fhathasd. Bu mhath cogadh a-nise! ’s cha bu ruith lium ach leum ’na choinneimh. Nirre! Thuirt i gu’m b’aithne dhith m’ athair. Co aige tha fios nach e mac duin’-uasail a th’unnam? Nirre! ’s ioma rud a thig le seol-mara nach gabh feamanadh le cliabh is plàta!’


∗             ∗

Rinn Raitean na dh’earbadh ris; is thug e na coigrich le’n cuid eachaibh gu socair, sàbhailt, tre na Mhòintich-mhóir. Ach air dha an toirt tarsuinn air an Ath-leathann, dhiùlt e bhi ’nan cuideachda na b’fhaide.

“’S ann aig an t-Sealbh tha brath, co-dhiùbh bhios an Ridire Tolmach buidheach dhe mo shaothair, no nach bìth,” fhreagair e an coinneamh cheistein nach robh e gabhail mar fhiachaibh air fhein a bhreithneachadh. “An e sin na h-agad ri chur ’nam thairgse?” thuirt e le dànadas. Oir bha rudaigin ag ìnnse dha, nach b’ann gun fhios c’arson a dheanadh coigreach—agus ban-uasal aig a’ sin—còmhradh diomhair ri gille-fuadain ’s e gabhail an rathaid. Ach nach tric, thar-leis a thug nighean rìgh, bann-pòsaidh do dh’òganach ìosal ’na inbhe? Có as i; no có i? Gheibh e sin a-mach ’na dhòigh fhein.

“C’àite ’bheil do chòmhnuidh?” dh’ fheòraich i. “Am beil e fad a so?”

“Bi sin aréir aois, is luaths,” fhreagair Raitean gu gobach. “Bheir uair bodaich ’na mhaille, no uair gille-connaidh ’na chabhaig, a dh’ionnsaidh ceann mo theine mi; agus ’na bu ghraide na sin, na’n robh mi air