Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/186

From Wikisource
Jump to navigation Jump to search
This page has not been proofread.
168
AN T-OGHA MOR


an ugan an gradaig; feadhainn eile ni gàire mar gu’m biodh iad a’ canail: ‘S math nach tuig thu na h-uile tha feitheamh ort!’ Fhuair an gnè mu dheireadh greim air Raitean; is dhìoghail an còrr na gille-’n-eich air a thàilleabh. Ach cha’n ann mar is miann leis a’ bhrocair a théid an sionnach da shaobhaidh.

“Nise, Thormaid,” labhair a bhan-uasal, “tha dol air a’ latha; ’sam bi thu cho math ’san t-aithghearr do Laobhras a shealltuinn dhomh?”

“Nach éibhinn duibh ti’n air an astar so,” fhreagair e car socrach, “’s gun fios fhaotuinn ciod i ’ur slighe. Ach stadaibh. Ma thogras sibh ni mi-fhin an rathad. Tha mòinteach throm mu mhìle-gu-leith air thoiseach. Ach mur a h-’eil an dà chabhag oirbh, bheir an ceum-còmhnaird mu mhìle-gu-leith eile thar an rathaid is giorra sibh.”

“A’ bheil aithghearr tre na mhòintich idir a dh’ fhaodas each a choiseachd?” dh’fhoighnichd i ann an dòigh a chuir ioghnadh air Raitean. Is thainig an smuaint ’na rùn gur a’ dòcha gu robh i airson cur as dha fhein, neo do’n fhear a bha còmhla rithe.

Mun tug e freagairt gu toil dhith, fhuair an droch-rud greim air; agus thuirt e ’na inntinn gu’n robh sluic ’sa Mhòintich-mhóir nach diùltadh closnach Goill a ghleidheadh. Dh’innis e mar sin gn’n robh frith-rathad tre na mhòintich a bha eòlaich a’ gabhail, ach a bha ’na shìor-chunnart dhaibh-san, nach amaiseadh air a’ chruaidh-cheum.

“Tha Mhòinteach-mhór meallta,” lean e ’san di-moladh. “Ach dha’n fheadhainn do’n aithne ’n ceum,